Rannsaich

Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 01 July 1960
Àireamh a’ chlàir 48809
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.121.A1-A26

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.121

Geàrr-chunntas

Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.

Cadal-deilgneach nam chois, thèid e 'n tòn a' chuilein ghlais, thèid an cuilean glas a-mach 's falbhaidh an cadal-deilgneach.

Copag mhìn, mhìn, mhìn, loisg an deanntag mhosach mi.

Guirean air tòn ban-tighearna.

Suidh air adharc geòidh.

Is clach na bhròig e.

Cuir a-mach d' adharcan mòra, mòra, mòra, 's gheibh thu ìm is càise is sgadan is buntàta.

Is ann às a ceann a bhligheas a' bhò.

Fèath Faoillich is gaoth Iuchair: dà rud nach mair ro fhada.

Ceann coin is earball pheucaig.

Na toir iomradh nad bheul air gu dè nì thu a-màireach.

Na toir breith, a chum nach toirear breith ort.

Fàgaidh mi aig a' chlobha thu.

B' fheàrr am breacan glas na bhith gun fhear.

Pìobaireachd nam chluais, guma slàn oirrne.

Coileach dubh a' Mhàirt earraich, gairmidh e ri coileach fhlaitheanais.

Is e farmad a nì treabhadh; is e coimheasb[?] a nì buain.

Dihaoine gu fàs; Dimàirt gu gearradh.

Nuair a bhios an t-each caol bidh an fhaochag reamhar.

Là Fhèill Pàdraig thèid an lèabag ann an trì neòil leis cho caol 's a tha i.

Oidhche Shamhna, theirear gamhna ris na laoigh.

Buachaille Chaluim Chille air.

Slàn far an innsear e.

Ga innse dha na clachan glasa.

Ugh eadar piuthar is bràthair.

Nach ann ort a chaidh uisge nan uighean.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math