Rannsaich

Mac na Banntraich agus an Dà Chù Aige

Ceann-latha 09 March 1950
Àireamh a’ chlàir 48923
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0074B.295

Àireamh an Teip Thùsail

CW0074B

Geàrr-chunntas

Bha banntrach ann aig an robh aon ghille. Aon oidhche fhiadhaich chaidh e a-mach a dh'iarraidh nam beathaichean. Bha cù 's gala na chois. Air an t-slighe dhachaigh stad iad aig muileann gus fasgadh fhaighinn. Thòisich na coin a' durrghail, 's thàinig creutair grànda a-steach. Ruith iad às a dèidh, 's an ath mhadainn thill an gille dhachaigh. Greis an dèidh seo, thill a' ghala dhachaigh, ach fhuaradh an cù marbh 's e gun fhionnadh, air mullach Beinn Bheireasaigh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Bàgh a' Chaisteil

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Fear neo-ainmichte: This is Neil Gillies again, Garrygall, giving a local story from Barra.

Niall Gilios: Bha banntrach shìos ann an Cliaid, nuair a bha an tuath shìos an sineach mun deach an cur air falbh gu ruige Canada. Agus bha aon ghille aice. Agus an oidhche a bha seothachd, oidhche fhliuch, chuir i an gille air falbh a dh'iarraidh nam beothaichean, am beul na h-oidhche agus an oidhche air fàs fiadhaich, dorcha.

Agus dh'fhalbh an gille. Agus gu dè a bh' aig a' ghille ach dà chù - galla 's cù - 's bhiodh iad daonnan a' falbh còmhla ris. Agus dh'fhalbh e agus thug e aghaidh suas air Beinn Bheireasaigh. 'S ann mar bu trice a bhiodh na beothaichean.

Agus bha e a' siubhal Beinn Bheireasaigh, agus dh'fhairtlich air na beothaichean fhaighinn.
Agus thàinig an oidhche air, 's bha i fiadhaich. Agus bha e an dèis siubhal mòr a dhèanamh agus bha e na [???], agus nuair a bha... nuair a thill... nuair a bha e a' tilleadh, thuirt e ris fhèin gun gabhadh e dhan mhuileann, 's e a' smaointinn gun robh am muillear anns a' mhuileann, 's gum biodh e gu dol dhachaigh.

Agus nuair a chaidh e a-staigh dhan mhuileann cha robh duine beò sa mhuileann. Ach bha an teine air. Agus nuair a chunnaic e sin, chaidh e suas a dh'ionnsaigh an teine agus thòisich e ri e fhèin a bhlàthachadh agus a thiormachadh. Agus bha an cù agus a' ghalla còmhla ris, agus shuidh esan air seòrsa de dh'fhurm air choreigin ga thiormachadh fhèin ris an teine agus shuidh an dà chù ri thaobh, an cù 's a' ghalla.

Agus an ceann greise thòisich na coin ri durrghail, 's ri durrghail. Co-dhiù, cha robh e a' faicinn sgath, 's bha na coin a' durrghail. 'S mu dheireadh dh'èirich an dà chù nan seasamh, agus seo nuair a choimhead e fhèin sìos air an doras, agus bha an creutair grànda a bha sin na seasamh anns an doras, coltas boireannaich. Agus cha tuirt e guth.

Co-dhiù, thòisich na coin air n-ais ri dranndan. Agus mu dheireadh thuirt i:

"Cuir an cù," ars ise, "far a bheil a' ghalla, agus cuir a' ghalla far a bheil an cù."

"Cha chuir," ars esan, "ach mar a chaidh iad, bitheadh iad."

"Cuir an cù far a bheil a' ghalla," ars ise, "agus cuir a' ghalla far a bheil an cù."

"Cha chuir," ars esan, "ach mar a chaidh iad, bitheadh iad."

Bha i ag obair mar sin 's i a' sìor thighinn a-nuas 's a' sìor thighinn a-nuas goirid dha, 's mu dheireadh bha e a' gabhail an eagail. Agus 's e Suarach a bh' air a' chù agus 's e Cabhag a bh' air a' ghallaidh. Agus 's e mar a thuirt e e, nuair a chunnaic e gun robh an creutair a bha seo a' sìor thighinn goirid dha:

"'S suarach leam fhìn a' chabhag a th' ann."

Siud an cù 's a' ghalla am bad... na bad, 's rinn i air an doras, 's rinn an dà chù às a dèidh. 'S an ceann greise dh'fhalbh esan a-mach 's cha robh sgeul air creutair - air na coin no air creutair ri fhaicinn - 's rinn e air an taigh.

Agus dh'innis e dha mhàthair nuair a chaidh e dhachaigh mar a dh'èirich dha.

"Ò seadh," ars ise. "Dè," ars ise, "gu dè a dh'èireas dhan chù?" ars ise. "Thig a' ghalla co-dhiù," ars ise. "Agus," ars ise, "thalla thusa a chadal."

Agus thug i rud dhan ghille a dh'itheadh e agus nuair a dh'ith e sineachd chuir i dhan leabaidh e. Agus dh'fhalbh i agus lìon i trì miasan le... le bainne, agus chuir i tè dhiubh anns an doras, agus chuir i tè eile dhiubh air meadhan an ùrlair. Agus chuir i an tè eile air beulaibh na leapa aig a' ghille, a chionn bha fhios aice gum biodh an conathadh air a' ghallaidh nuair a thigeadh i.

Agus an ceann greise mòire thàinig a' ghalla. Agus dh'òl i a h-uile boinne bainne a bha sa mhias a bha san doras. Agus dh'òl i an ath tè. Agus thug i leth às an tè a bh' air beulaibh na leapa aig a' ghille. Agus nuair a rinn i sin, ghabh i a-null a dh'ionnsaigh na leapa, agus chuir i a sròn air a' ghille às an leabaidh. Agus nuair a rinn i sin thill i a-nall agus shuidh i aig an teine. Agus cha tàinig an cù idir.

Ach an làrna-mhàireach, thuirt a mhàthair ris:

"Thalla thusa a-nist," ars ise, "a Bheinn Bheireasaigh," ars ise, "feuch," ars ise, "am faic thu an cù, no am faigh thu e," ars ise. "Ma gheibh thu e," ars ise, "tha mi a' creidsinn gum bi e marbh."

Dh'fhalbh an gille. Agus fhuair e an cù ann am fìor mhullach Beinn Bheireasaigh, gun ribe clòimhtich air, 's e marbh.

Sin mar a chuala mise.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math