Rannsaich

An Àm a Bhith a' Fàgail Ghlaschu

Ceann-latha 1968
Àireamh a’ chlàir 49052
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.154.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.154

Geàrr-chunntas

Anns an òran seo tha am bàrd ag ràdh gu bheil e duilich a bhith a' fàgail Ghlaschu far a bheil a leannan. Tha e a' falbh air bàta agus tha e duilich a bhith ga fàgail. Tha e cuideachd a' moladh Uibhist agus tha e ag ràdh gu bheil e ga ionndrainn. Tha e ag ainmeachadh cuid dhe na seòladairean a tha còmhla ris air an luing.

Notaichean a' Chlàir

Composed by Roderick Campbell (Ròidseag), South Lochboisdale.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

'N àm bhith fàgail Ghlaschu air madainn moch Dimàirt
Mo chridhe trom fo airtneal, 's mi cho fad' o thìr mo ghràidh
Fàgail mo luchd-eòlais anns a' bhaile mhòr a' tàmh
'S na deòir a' ruith om shùilean 's mi cur cùlaibh ri mo ghràdh.

'S chan iongnadh ged 'iodh cianalas am-bliadhn' orm is gruaim
Falt mo chinn air liathadh, 's chan eil iall dheth a bhios buan
'S ged nach eil mi aosta thàinig caochladh air mo shnuadh
O dh'fhàg mi Uibhist àlainn, eilean àghmhor nam beann fuar.

'S e Uibhist tìr is bòidhche leam an-diugh fo neòil nan speur
'S gur tric a' snàmh an ceò air a' Bheinn Mhòir 's air Sgòrr an Fhèidh
'S a-mach mu ghualainn Mhaireabhal far 'm minig a' tàmh an sprèidh
'S bu tric air madainn cheòthar b' e mo luaidh bhith às an dèidh.

Ach 's fheudar Uibhist fhàgail 's tighinn a thàmh am measg nan Gall
'S e dh'fhàg a-nochd sa bhàta mi 's i mach air bhàrr nan tonn
An fhairge 's i na smùid againn 's an stiùir aice nam làimh
'S a cùrsa bho Cheann Èirinn leinn gu Buenos Aires thall.

'S tha gillean gasta còmhla rium cho math 's a dh'fhàg an tìr
Tha Dòmhnall ann is Alasdair, tha Cailean ann 's mi fhìn
An Uibhist nam beann àrda far na dh'àraicheadh na suinn
'S bidh fuaim ac' air a' Ghàidhlig 's iad gu h-àrd am bàrr nan cruinn.

Ach sguiridh mi dhem bhàrdachd o nach eil mo chàileachd ann
'S crìochnaichidh mi 'n dàn sa 's gun na tàlantan nam cheann
Ach ma tha an dàn dhomh tilleadh sàbhailt' innte nall
Gum faigh mi bàt' na smùide 's thèid mi null gu tìr nam beann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math