spacer
spacer

Òran Chaluim Sgàire

Tiotal a' Chlàir - Òran Chaluim Sgàire
Fiosraichean - Kitty NicLeòid
Luchd-clàraidh -

Geàrr-chunntas - 'S e òran seòlaidh a th' anns an òran seo, anns a bheil am bàrd a' caoidh gu bheil e fhèin agus a leannan cho fada o chèile. Tha esan tuath aig ceann Lochlainn agus ise aig Loch an Fhir Mhaoil ann an Gearraidh na h-Aibhne. B' fheàrr leis a bhith ann am Bostadh a' cur an eòrna. Tha e ag innse mar a thàinig am bàta dhachaigh, a' dèanamh cuairt mu Arcaibh. Chaidh am bàta seachad air Barabhas, a' gluasad mar earba. Tha fios aige gun can a leannan, nuair a chì i am bàta air fàire, "Seo an soitheach aig Cràgam; Calum Sgàire a tha innte".

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:02:44
Àm Clàraidh - 1952.08
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Òran
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 49098
Àireamh an Teip Thùsail - SA1952.040
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1952.40.A6
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Ros is Cromba
  Paraiste - Ùig
  Eilean - Beàrnaraigh Leòdhais

Notaichean a' Chlàir - 5 quatrains sung plus chorus at the end. The song was composed by Malcolm MacAulay (Calum Sgàire) of Bernera, Uig.
See:
'Eilean Fraoich' (Comunn Gàidhealach Leòdhais, 1982) p. 50
'Songs of Gaelic Scotland' (A. L. Gillies ed., 2005) p. 68

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/49098/1




spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA