Rannsaich

Roinn a' mhurain agus a' chladaich ann am Beàrnaraigh.

Fiosraichean
Ceann-latha November 1960
Àireamh a’ chlàir 49428
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.213.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.213

Geàrr-chunntas

Roinn a' mhurain agus a' chladaich ann am Beàrnaraigh.

Tha am fiosraiche ag innse mar a tha iad a' roinn a' mhurain agus a' chladaich ann am Beàrnaraigh, gus am bi cothrom aig a h-uile duine deagh fheamainn agus tughadh fhaighinn. Tha am muran air a roinn aig deireadh an fhoghair gach bliadhna. Tha an cladach air a roinn aig deireadh na bliadhna a h-uile trì bliadhna. 'S e 'peighinn' am facal a th' aca airson na h-earrainn aig gach duine. Bidh meud peighinn mhurain ag atharrachadh a rèir na h-aimsire; ma tha tòrr uisge ann, chan eil tòrr murain a' fàs. Chan eil an roinn seo a' tachairt ach ann an ceann a deas an eilein.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Beàrnaraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Nist, bha thu a' bruidhinn air roinn a' mhurain agus roinn a' chladaich. Cuin a tha sin a' tachairt?

Iain Fearghasdan (IF): Deireadh an fhoghair. Roinn a' mhurain, deireadh an fhoghair, agus roinn a' chladaich ro... mu dheireadh na bliadhna.

IM: Mu dheireadh na bliadhna. Agus a bheil e a' tachairt a h-uile bliadhna?

IF: Roinn a' mhurain a h-uile bliadhna, ach roinn a' chladaich a h-uile trì bliadhna.

IM: Agus a-nist, dè as adhbhar dhan a seo? Dè feum a th' air, a leithid seo a dhèanamh?

IF: Mu roinn na feamad 's e as coireach ri sin 's dòcha gun tachair droch pheighinn a bhith aig duine, 's gu bheil gu leòr trì bliadhna dhith a bhith aige.

IM: Droch pheighinn?

IF: Droch pheighinn feamad. Cha bhi an fheamainn cho math air a' chuid sin dhen a' chladach 's a tha i air a' chòrr dheth.

IM: Agus an e peighinn a their sibh ris?

IF: 'S e.

IM: 'S e sin a' chuibhreann a th' air?

IF: A' chuibhreann air a chur a-mach mu choinneamh a h-uile duine.

IM: Peighinn?

IF: 'S e.

IM: 'S a bheil dad a dh'fhios agad dè as sgialt dhan an fhacal?

IF: Tha e a' tighinn a-nuas on... air taobh an iar an eilein, tha àite ann ris an can iad an Leth-pheighinn, agus tha iad a' ràdh gur e leth pheighinn fearainn a bh' aig a' ghobha a bh' ann an Siabaigh a bh' ann.

IM: Seadh. 'S cuin a bha seo?

IF: Bha sineach ann... bha sin o chionn dà cheud bliadhna air n-ais no còrr.

IM: 'S a bheil fhios dè an t-ainm a bh' air a' ghobha a bha seo?

IF: Moireasdanach a bh' ann.

IM: 'S an robh e càirdeach dha na goibhnean a bh' anns na Hearadh, dhe robh Iain Gobha, am bàrd?

IF: Thàinig... tha na Moireasdanaich a bha càirdeach... tha.

IM: 'S e an aon daoine a bh' annta?

IF: 'S e an aon daoine a bh' annta, 's e.

IM: Seadh. Seadh. Agus mar sin, peighinn feamad. Bha...

IF: Feumaidh gur ann air a tharraing o pheighinn talmhainn a tha e. Mar gum biodh half penny. Gheibh sibh e ann an Uibhist a Deas cuideachd.

IM: Agus a bheil iad a' roinn a' chladaich ann an Uibhist, a bheil fhios agad?

IF: Chan eil sìon a dh'fhios a'm.

IM: Agus dè their iad ris a' chuibhreann murain?

IF: Peighinn murain.

IM: An e an aon rud?

IF: An aon rud.

IM: An aon rud. Agus feamainn... roinn a' chladaich airson na feamad... a chur air an talamh, agus muran airson tughaidh, an ann?

IF: Airson tugha a chruthachadh 's tughadh fhèin. Na bàthchannan.

IM: Agus a-nist, nuair a tha iad a' cur air leth latha airson seo a dhèanamh, ciamar... an ann a' cur chrann a tha sibh?

IF: Tha iad a' roinn nam peighinnean agus... airson dithis. Tha ceithir duine fichead, ceithir duine fichead anns a' bhaile againn, 's tha iad a' cur air leth a dhà-dheug a pheighinnean, 's tha dithis mu choinneamh a h-uile peighinn. Tha a h-uile dithis na nàbaidh. Agus chan fheum a bhith ann, nuair a riaghladh a' bhaile ach dara leth nan daoine. Nì a dhà-dheug an gnothaich ud.

IM: Dìreach. Agus ciamar a tha sibh a' taghadh a dhà-dheug às na tha sin?

IF: Chan eil ach a' sgrìobhadh na... ga sgrìobhadh air pàipear. Tha iad air an cunntais o cheann gu ceann, ge brith dè... ceithir air fhichead. Tha e a' tighinn gu ceithir air fhichead a dhaoine anns a' bhaile, 's ceithir air fhichead a pheighinnean. 'S tha iad an uair sin gan cur ann an ceap. Tha duine gan tarraing. An duine as ciallaiche, tha e gan tarraing às.

IM: 'S ciamar a thathas a' sònrachadh an duine as ciallaiche? An can iad, 'Uill, nì thusa e', no...?

IF: Sin agad e. 'S ann mar sin a nì iad e. Mar as trice 's e an duine as sine.

IM: An duine as sine. Agus a bheil sibh a' cruinneachadh ann an taigh airson seo a dhèanamh? No ciamar a...

IF: Cha bhi. Cha bhi sinn a' cruinneachadh ann an taigh, ach air a bhios iad a' cur air leth maoir ùra. 'S e an aon àm a bhios iad a' cruinneachadh ann an taigh, a chionn bheir an gnothaich cho fada, a chur air dòigh gnothaichean a' bhaile.

IM: Agus ciamar mar sin a tha sibh a' coinneachadh, a bheil fhios agad, airson seo a dhèanamh?

IF: A' cur latha air leth airson a dhol a roinn a' chladaich no roinn a' mhurain.

IM: Agus cà bheil sibh ga dhèanamh? Dè an t-àite anns a bheil sibh ga dhèanamh? A-muigh, an ann? No...

IF: Ò tha sinn a' cur cuairt air a' chladach. Tha e a' toir uaireannan fad an latha.

IM: Agus an duine a tha sin, a tha a' taghadh nam peighinnean, ciamar a tha esan ga dhèanamh?

IF: Chan eil e ach a' leughadh... na bileagan air a bheil na numbers aca sgrìobhte, tha e a' leughadh... Tha clerk na township, tha e ag èigheach ainm an duine, 's tha am fear sin ag èigheach an number a th' air an duilleig a tha sineach.

IM: Agus sibh shìos aig a' chladach?

IF: Sheadh. Sinn shìos aig a' chladach. A h-uile ceithir peighinn fichead a roinneas sinn, tha sinn a' cur nan tiogaidean dhan an ad agus ga roinn.

IM: Agus nuair a thig sibh gun a' chiad pheighinn, a bheil an duine seo... a bheil ainm air an duine a tha seo a tha...

IF: Chan eil. Chan eil. Chan eil ainm sam bith.

IM: Chan eil. Uill, nist... agus an e esan an clerk?

IF: Chan e. An clerk, 's e a bhios ag èigheach a-mach nan ainmeannan mar as trice.

IM: Bheir esan a-mach, can, number twenty, agus...

IF: Canaidh an clerk, èighidh e ainm an duine. Tha iad aige sìos anns an leabhar. Tarraingidh esan an uair sin às an ad...

IM: Agus tha e gan... dìreach le tuairmse, dìreach...

IF: Sin agad e.

IM: Bheir e a-mach an àireamh a tha seo, 's... an number a tha seo 's canaidh an clerk a' chiad pheighinn aig an duine a tha seo.

IF: Tha sin ceart.

IM: Agus mar sin air adhart gu 'm bi a h-uile gin aca...

IF: Gu 'm bi e crìochnaichte.

IM: Agus na peighinnean, dè uiread dhen a' chladach 's a th' ann? Dè cho fad, can, 's a tha...? A bheil sgrìob mhòr dhen a' chladach ann? No...

IF: Mu dhà mhìle de chladach feamad ann.

IM: A' dol timcheall an eilein air fad?

IF: Aidh, on a' ghob an iar gu teis-meadhan an eilein.

IM: Gu teis-mheadhan an eilein?

IF: 'S e.

IM: 'S carson a tha sibh a' stad an uair sin?

IF: Tha an uair sin baile eile a' tòiseachdainn.

IM: 'S tha iad a' dèanamh seo anns a h-uile baile?

IF: Chan eil iad ach ga dhèanamh anns a' bhaile againne. Anns a' cheann againne dhen eilean.

IM: Sin Borgh?

IF: Chan eil cladach math feamad aca anns a' cheann a tuath ann.

IM: 'S dè...

IF: 'S e todhar dearg a tha iad ag obrachadh. Bidh sin a' tighinn air an tràigh.

IM: Ò tha mi a' tuigsinn. Todhar dearg, 's e sin mar a their iad ann am Beurla, tangle, an e?

IF: 'S e.

IM: Agus, nist, roinn a' mhurain. Ciamar a tha iad a' dol an ceann sin?

IF: Anns an aon dòigh 's a tha iad a' roinn a' chladaich. Tha iad ga roinn na cheithir peighinnean fichead.

IM: Agus dè a' mheudachd a th' anns a h-uile peighinn?

IF: Bidh aon fhichead slat innte no deich slat fichead, a rèir 's dè...

IM: Gacha rathad?

IF: Gach rathad, a rèir 's dè cho math 's a tha am muran. Ma bhios bliadhna fhliuch ann cha bhi am muran math idir. 'S ann le teas, 's ann as fheàrr a bhios e. Mar a tha sinne ga àiteach ann am machaire, bidh muran agus buntàta math. Mar a tha fios agad fhèin, 's e tropical plant a th' anns a' bhuntàta 's tha e ag iarraidh teas. Uill, tha am muran ag iarraidh an aon rud. Bidh am muran 's am buntàta math. Uill nuair a bhios am muran dona tha sinn a' dèanamh nam peighinnean nas motha. Air a bhios am muran math 's dòcha gum bi ceithir no còig a pheighinnean aig gach duine. Air a bhios am muran dona, 's droch bhliadhna ann, 's dòcha nach bi aca ach a dhà no trì. Bidh iad nas motha, na peighinnean.

IM: Ò seadh. Dìreach, dìreach. Agus dè cho beag 's a chunna tusa na peighinnean? Na peighinnean murain. Agus dè cho mòr?

IF: Mu dheich slatan 's às a sineach gu ceud slat. Gu dearbha cha robh e math am-bliadhna.

IM: Nach robh?

IF: Cha robh. Uabhasach dona.

IM: Leis an t-samhradh fhliuch?

IF: Leis an t-samhradh fhliuch. Cha robh sìon ann.

IM: Agus... fuirich ort a-nist. Aon uair 's gu bheil na peighinnean sin air an cur a-mach dhan a h-uile duine, chan eil an còrr mu dheidhinn an uair sin gus am bithear ga roinn an ath bhliadhna a-rithist?

IF: Seadh. No peighinnean feamad an ceann na trì bliadhna.

IM: An ceann na trì bliadhna. Agus chan eil...

IF: Nis, tha sin tur eadar-dhealaichte ri peighinnean cladaich. Na peighinnean feamad a tha iad a' cur a-mach ann a shineach, 's e todhar siabaidh a bhios a' tighinn a tha iad a' roinn a h-uile trì bliadhna. Na bìdean anns na bàigh. Nis, tha todhar... mana tuirt iad, feamainn-ghearraidh, tha sineach... 's dòcha gu bheil aonta ceithir fichead bliadhna 's [???] deug orra. 'S ann mar sin...

IM: 'S cò aig a tha an t-aonta a tha sin?

IF: Tha iad air an cur a-mach... air a thàinig iad a cheann a deas an eilein a dh'fhuireach ann an nineteen hundred, chuir iad a-mach iad agus a' chuid mhòr dhiubh sineach cha deachaidh a roinn fhathast.

IM: Agus faodaidh mar sin gu bheil peighinn agadsa ann a leithid seo a dh'àite, agus gu bheil aonta aig cuideigin eile air an fheamainn eile, todhar... todhar gearraidh an e a thuirt thu?

IF: Todhar siabaidh, 's i bhios sinn a' roinn a h-uile trì bliadhna.

IM: 'S e, ach an fheamainn a tha sibh a' gearradh. Dh'fhaodadh gu bheil aonta aig cuideigin eile ri sin?

IF: Dh'fhaodadh gu bheil.

IM: Agus thigeadh e a-staigh air a' pheighinn agadsa, mar gum bitheadh?

IF: Thigeadh. Ach cha bhi iad... ma bhios iad a' dol ga gearradh 's a' dol ga leigeil leis a' ghaoith, leigidh iad fhaicinn gu bheil, gu bheil e a' dol ga leigeil a-staigh dhan a' pheighinn agaibh. A-nise, tha àite eile againne air an [?tràigh-mhuirich], 's tha sgeirean a-muigh aig beul na tràghad, 's bidh iad a' gearradh na feamad ann a shineach cuideachd. Tha e mar gum biodh dà chnap de sgeirean ann, 's bidh iad a' dèanamh leth mu seach gach bliadhna.

IM: Agus tha aonta aig cuideigin air a h-uile gin dhe na sgeirean a tha sin?

IF: Tha, air a chuid fhèin dhe na sgeirean a tha sineach.

IM: Dìreach, dìreach. Agus a bheil iad a' pàigheadh màl sam bith orra?

IF: Chan eil.

IM: Chan eil, ach dìreach màl an fhearainn fhèin?

IF: Màl an fhearainn fhèin.

IM: Agus chan eil an cladach, ma tha dà mhìle anns a' pheighinn agadsa, am-bliadhna, tha dà mhìle innte an-còmhnaidh? Ge bith a bheil i agamsa an ath bhliadhna no aig cuideigin eile, no aig... chan eil an t-astar a' giorrachadh?

IF: Chan eil a' mheudachd sin anns na peighinnean idir.

IM: Ò nach eil?

IF: Chan eil. 'S e sin a tha a mheudachd anns a' chladach.

IM: Ò seadh, seadh, seadh. Agus dè an fhaid a th' anns a' pheighinn?

IF: Uill tha a' pheighinn o mhuir... o mhuir-tràigh gu muir-làn, tha an todhar gearraidh. Ach an todhar siabaidh, chan eil ach na thig a-staigh dha na bàigh.

IM: Agus... uill, can gu bheil thusa a' tòiseachadh aig àite sònraichte, eadar... dìreach sìos air an tràigh mar seo. Nist, dè cho fad 's a dh'fhaodas tu a dhol air adhart, air a' chladach?

IF: Bidh mu leth-cheud slat innte no mar sin.

IM: Mu leth-cheud slat. Agus dè thachras mura tig mòran todhar siabaidh a-staigh air a' pheighinn agadsa? Can nan tachradh a leithid sin. [Tha an còmhradh a' stad an seo air a thig cuideigin eile a-staigh.]

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math