Rannsaich

Fàilte air a' Bhaile

Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 49507
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

FailteAirABhaile 29.05.1985

Geàrr-chunntas

Fear a th' air comataidh Club Shòisealta Nis a' bruidhinn mun bhuannachd a tha coimhearsnachd a' faighinn bho club mar seo.

Tha Iain Gòrdon Dòmhnallach, a tha na bhall de Chlub Shòisealta Nis agus a tha cuideachd air a' chomataidh, a' bruidhinn air na rudan anns am bi an club an sàs. Tha e a' bruidhinn air na buannachdan a tha coimhearsnachd a' faighinn bho chlub mar seo, na ceanglaichean eadar Club Shòisealta Nis agus Sgioba Ball-coise Nis, agus cuideachd dè cho furasta 's a bha e talamh fhaighinn airson an raon-cluiche agus an club a thogail.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Barabhas

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Nis

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Barabhas

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Mac a' Ghobhainn (DM): Nise, Iain Gòrdan, tha thu fhèin nad bhall dhen a' chlub agus tha thu air a' chomataidh. Ged a tha e ann an dòigh a' leantainn feallsanaich a' bhothain - seadh, àite cruinnichidh dha na daoine a tha timcheall - ann an dòighean eile tha e mòran nas ceangailte a thaobh an lagh, a bheil?

Iain Gòrdan Dòmhnallach (ID): Tha. Tha mi a' creidsinn gu bheil sin ceart. A rèir an lagh reic deoch, tha sinn... tha sinn glè theann. Agus rud eile a tha sinn a' cuimhneachadh air cuideachd, gu bheil e ag ràdh anns a' bhun-stèidh againn gu bheil còir againn a bhith a' cur air adhart cleasachd dha na buill cuideachd, agus sin bu choireach gun deach sinn a-steach airson pìos ùr a thogail leis a' chlub o chionn dà bhliadhna, 's tha an extension sin air fosgladh a-nis, agus ann an sin tha, man a tha fhios agad fhèin, tha rùm-spòrs ann. Agus tha e a' toirt dhuinn tòrr a bharrachd de rùm airson rudan a dhèanamh a thaobh cleasachd na bh' againn ron a seo.

DM: Dè an diofar bu mhotha a dhèanadh e, 's dòcha, dhan eilean air fad nam bitheadh diofar chlubs dhen t-seòrsa seo ann?

ID: Uill, anns a' chiad àite, tha mi a' smaoineachadh... far a bheil club agad ann an coimhearsnachd, tha an t-airgead a tha thusa a' cur a-steach, tha tòrr dheth a' dol a thighinn air ais dhan choimhearsnachd ann an dòighean eadar-dhealaichte. Man a tha taigh-òsta, tha an t-airgead a tha thu a' cur a-steach ann an sin, tha e a' dol a phòcaid chuideigin mar as trice. Ach le club mar seo, faodaidh e a thighinn air ais agus feum a dhèanamh dhan choimhearsnachd ann an dòighean eadar-dhealaichte.

DM: Tha mi a' tuigsinn gu bheil ceangal beag fhathast eadar saoghal nam bothain agus an cluba. Nach robh beagan airgead air fhàgail ann an sporan am bothan a tha ri thaobh ann an seo?

ID: Ò bha. Nuair a dh'fhosgail an club, bha sin... bha sin mar mheadhan air cur às dha na bothain ann an sgìre Nis, agus Bothan Eòrapaidh, nuair a dhùin iad, bha sporan aca air fhàgail le beagan airgid ann, agus cheannaich iad colour television dhuinn le sin, agus tha i againn fhathast.

DM: A' sealltainn a-nis ri taobh eile co-cheangailte a-rithist ri taobh comataidh a' bhall-coise, a tha co-cheangailte ris a' chlub e fhèin a-rithist, tha mi a' tuigsinn gu bheil gnìomhachais agaibh a' dol, mar gum b' eadh, a tha a-rithist a' leantainn rudan a tha air a bhith a' dol an seo bho chionn fhada.

ID: 'S ann mu dheidhinn na mònach, tha mi a' creidsinn, a tha thu a' bruidhinn. Tha, bho chionn trì bliadhna, thòisich Club Ball-coise Nis a' buain mhònach airson reic ri daoine a bha feumach air mòine a bhuain dhaibh, man seann daoine, agus tha e ag obair cho garbh math. Bitear a' buain an t-uabhas de mhòine air [???] an dèidh a faighinn, a-muigh air a' mhòintich. Agus tha iad an-dràsta a' buain. Agus nuair a bhios i deis, bidh 's dòcha fichead lod aca, 's bidh iad a' reic... a' reic a h-uile lod a tha sin ri, gu h-àraid, seann daoine... seann daoine anns an sgìre, nach urrainn dhaibh fhèin a' mhòine a bhuain. 'S tha iad a' faighinn na mònach an ìre mhath saor, agus tha iad uabhasach toilichte gu bheil Club Ball-coise Nis a' dèanamh seo dhaibh.

DM: Dh'ainmich thu, a-rèiste, dà rud ann an sin, ann an dòigh. Tha puill-mhònach aca air fhaighinn, agus tha an t-àite far a bheil an raon-cluiche agus an cluba fhèin aca. Dè cho furasta 's a bha e cead fhaighinn bho bhailtean am fearann sin, anns a' mhòine agus shìos air a' mhachair, a thoirt seachad?

ID: Uill, bha e glè fhurasta a' mhòine fhaighinn. An t-àite far an deach an social club a thogail, cha robh sin uabhasach duilich fhaighinn a bharrachd, ach a' phids fhèin, thug an club ball-coise, thug iad deagh ghreis feuchainn ris a' phids fhaighinn dhaibh fhèin. Bheil fhios a'd, Baile na Còig Peighinnean, bha iad a' dol a chall dà acre nan toireadh iad a' phids dha Nis. Ach thachair rud garbh math a thaobh sin. Thàinig dà bhaile eile a-steach air a' chùis - Baile Thàboist 's Baile Eòrapaidh - 's thuirt iadsan ri Club Ball-coise Nis, nam faigheadh iad a' phids bho na Còig Peighinnean, gun toireadh iadsan acre bho gach baile seachad dha na Còig Peighinnean an àite an dà acre a bha iad a' dol a chall a thaobh a' phids. Chan eil machair... machair na Còig Peighinnean, chan eil i cho mòr no cho farsaing ri machair Eòrapaidh 's machair Thàboist. Agus sin na thachair. Thug Baile Thàboist acre seachad agus thug Baile Eòrapaidh acre seachad, 's tha a' phids a-nis le Club Ball-coise Nis, airson rud sam bith a tha iad fhèin ag iarraidh a dhèanamh leatha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math