Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 20 February 1997
Àireamh a’ chlàir 5067
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 20.02.1997

Geàrr-chunntas

Tha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ag innse sgeulachd le fiosrachadh mionaideach air Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich bho dheireadh na 16mh linn.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): A-nise gu sgeulachd na seachdain sa. Tha i aig Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach a-rithist. Tha sinn a' dol air ais gu deireadh na siathamh linn deug, a' dol a chluinntinn mu fhear air an robh an t-ainm Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich. A Dhòmhnaill Eairdsidh, dè do chor?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò, tha mi ann a sheo. Tha fìor dhroch latha, ach, uill, tha sinn beò co-dhiù.

CM: Cò bh' ann an Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich?

DE: Uill, bha e beò, can, o chòig ceud deug 's a leth-cheud gu mu shia ceud deug. Duine làidir ceannairceach. Ò, bha a leithid de dhuine ann gun teagamh. Tha e air ainmeachadh grunn tursan ann am pàipearan an riaghaltais an Dùn Èideann na reubalach agus na spùinneadair mara, agus tha e air ainmeachadh cuideachd mar bhàillidh Thròndairnis ann an còig-deug ceithir fichead 's a naodh.

CM: Tha mi a' tuigse gun robh e a' dèanamh mòran siubhail eadar Uibhist 's an t-Eilean Sgitheanach.

DE: Bha, tha sin ceart. Uill, dìreach airson innse dhut mun tòisich sinn air an naidheachd, 's e Dòmhnall Gorm Mòr a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill Shlèite agus Uibhist a Tuath mun àm a thachair na gnothaichean seo, na gnothaichean air a bheil sinn a' bruidhinn. Seadh, ma thachair iad. Bhiodh sin car eadar còig-deug ceithir fichead 's a còig agus sia ceud deug.

Nist, bha Ùisdean, bha e gu math càirdeach do Dhòmhnall Gorm Mòr. 'S e leth-bhràithrean a bh' ann an Gilleasbaig Clèireach agus ann an Dòmhnall Gorm Sasannach. 'S e sin, athair Dhòmhnaill Ghuirm Mhòir. Nis, dh'fhaodainn ainmeachadh cuideachd, 's dòcha, mun tòisich sinn, gun robh fear eile ann cuideachd mu na h-amannan sin anns an aon teaghlach ris an canadh iad cuideachd Gilleasbaig Clèireach, agus tha sin air mealladh air gu leòr dhe na feadhainn a bha a' gabhail beachd air eachdraidh nan amannan. Gu dearbh, mheall e orm fhèin cuideachd aig aon àm, ach co-dhiù. Sin agad e.

CM: Agus a-rithist, tha mi cinnteach gur ann mu dheidhinn sabaist agus marbhadh a tha sinn gu bhith a' bruidhinn ann an seo, an ann?

DE: Ò, murt 's marbhadh gu math sgreamhail. 'S ann, gu dearabha. 'S ann, 's ann.

CM: Ciamar a tha an sgeulachd a' dol?

DE: Uill, seo agad i. Mar a thuirt mi, 's e duine làidir ceannairceach a bh' ann an Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich. Bha e gu math càirdeach do Dhòmhnall Gorm Mòr, ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, agus cha robh clann aig Dòmhnall Gorm Mòr idir. Agus tha a h-uile coltas gun robh e a' feuchainn, gun robh Ùisdean a' feuchainn ri cur às do Dhòmhnall Gorm, agus e a' smaoineachadh gur dòcha gum biodh an oighreachd aige fhèin.

Co-dhiù, bha e a' gabhail a h-uile cothrom air na b' urrainn dha de chron a dhèanamh an aghaidh Dhòmhnaill Ghuirm. Abair ann an còig-deug ceithir fichead 's a còig, agus Dòmhnall Gorm Mòr dìreach air tighinn a-staigh air an oighreachd na cheann-cinnidh, thug Dòmhnall Gorm cuairt a dh'Ìle a choimhead air a charaid, Seumas Dòmhnallach, gu Naomhaig, agus thug e leis buidheann làidir dhe a chuid dhaoine còmhla ris. Nist, thàinig droch shìde orra, agus b' fheudar dhaibh fasgadh a ghabhail ann an Diùra, ach 's ann am pàirt dhen eilean a bhuineadh do Lachlann Mòr MacIllEathain Dhubhaird. Nist, bha Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich aig muir e fhèin an latha sin, e fhèin agus a charaid Aonghas Dòmhnallach Ghrìminis, ceannard Chlann Dòmhnaill Hearaich mar a theireadh iad an Uibhist. Dh'fhalbh iad sin 's thog iad creach bheag de chrodh MhicIllEathain, agus thug iad an cuan orra 's iad gu math cinnteach gun d' reigheadh a' choire a chur air Dòmhnall Gorm Mòr, agus gu dearbh, 's e sin a thachair. An ath oidhche a-rithist, tha e air a ràdh gun tàinig buidheann làidir de Chlann 'IllEathain gun fhios gun fhaireachadh air campa nan Dòmhnallach, agus gun do mharbh iad suas ri trì fichead dhiubh. Agus gu dearbh, bha e air a ràdh nach biodh Dòmhnall Gorm Mòr fhèin air tàrsainn beò às mura b' e gun do chaidil e air bòrd na birlinn aige an oidhche sin.

Nist, gun teagamh bha adhbhar eile ann cuideachd, ach tha e coltach nach do sguir cogadh 's creachadh eadar na Leathanaich agus na Dòmhnallaich às a dhèidh sin, gun do mharbhadh Lachlann Mòr MacIllEathain aig Blàr Tràigh Ghruinneart ann an Ìle ann an còig-deug ceithir fichead 's a h-ochd-deug. Bha sinn a' bruidhinn air a sin turas roimhe.

Nist, gu dearbha, cha b' e sin a' chiad olc mòr rinn Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich. Bliadhnaichean roimhe sin, ann an Uibhist a Tuath, rinn e sgrios eagalach air Clann a' Phiocair. Nist, 's e fine gu math làidir a bh' ann an Clann a' Phiocair an Uibhist aig an àm a bha sin. 'S e ceann an teaghlaich fear ris an canadh iad Dòmhnall Mac a' Phiocair, no am Piocar Mòr mar bu trice a chante ris. Bha ceathrar mhac aig a' Phiocar Mhòr, agus bha dùn làidir aig a h-uile fear dhiubh ann an Uibhist. Ach ghabh Ùisdean agus a chàirdean an cothrom, nuair a bha am Piocar Mòr air falbh às an dùthaich, gu dearbh bha feadhainn a' ràdh gun robh am Piocar, gur ann an Lunnainn a bha e. Co-dhiù, thàinig Ùisdean agus buidheann dhe na daoine aige gun fhios gun fhaireachadh, agus chreach iad na dùin aig Clann a' Phiocair agus dh'fhàg iad an ceathrar mhac aig a' Phiocar Mhòr marbh agus na dùin aca air an sgrios. Bha e air a ràdh gur e piuthar dhe na fir a chaidh a mharbhadh a rinn an t-òran luaidh iomraiteach a bha a' guidhe sgrios air Ùisdean:

Ùisdein mhic Ghilleasbaig Chlèirich

Hem bó hó laoithill ó
Hu o hóro èile
Na hem bó hó laoithill ó

Ùisdein mhic Ghilleasbaig Chlèirich
Far an laigh thu slàn na èirich
Do bhiodag fhèin gun robh gad reubadh
Do mhionach a bhith an lùib do lèine
Is sgeul do bhàis gu mnathan Shlèite
'S mo chuid dùbailte thugam fhèin dheth.

Co-dhiù, agus mar sin air adhart

Co-dhiù, chaidh sin seachad, 's cha robh air a sin ach sin fhèin. Ach bha Ùisdean ga shìor neartachadh fhèin, ga dhèanamh fhèin làidir. Faisg air deireadh an t-siathamh tè deug, 's ann a thòisich e air caisteal ùr làidir a thogail dha fhèin ann an Snìothasort anns an Eilean Sgitheanach. 'S e Caisteal Ùisdein a chanar ris a' chaisteal sin chun an latha an-diugh. Car mun aon àm chuir e leasachadh ri seann dùn ann an Uibhist a Tuath, Dùn an Stìgeir. Nist, bha Dùn an Stìgeir mar a bha mòran dhe na seann dùin a bha sin, air a thogail air eilean beag ann an locha, agus bha starsach chumhang a' dol a-mach thuige. Bha e ri ràdh gur ann ann a shin a rinn e suas an sgeama, a rinn Ùisdean suas an sgeama, airson cur às buileach do Dhòmhnall Gorm. Chuir e air dòigh gum biodh cuirm mhòr aige airson an caisteal ùr aige anns an Eilean Sgitheanach fhosgladh. Bhiodh fiathachadh cridheil aig Dòmhnall Gorm tighinn ann, agus bhiodh na daoine aig Ùisdean fhèin, bhiodh iad ann air fad.

Nist, nuair a bhiodh a' chuirm a' dol air adhart agus daoine a' blàthachadh leis an deoch, bha e air a chur air dòigh gun tòisicheadh sabaid bheag, agus ro... thòisicheadh deasbad an toiseach, agus o dheasbad gu trod, agus o throd gu na buillean. Bhiodh na biodagan a-mach an uair sin agus bhiodh Dòmhnall Gorm agus a chàirdean marbh gun chridhe aca, agus bhiodh a h-uile sìon aig Ùisdean an uair sin dìreach mar a dh'iarradh e fhèin.

Co-dhiù, 's e bun na bh' ann gun do sgrìobh Ùisdean dà litir. Tè dhiubh, litir mhòr, bhrèagha, bhrosgalach gu Dòmhnall Gorm, ga fhiathachadh chun na cuirme. Ach bha an tè eile, 's ann a bha i gu fear Uilleam Màrtainn air an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach, caraid do dh'Ùisdean fhèin, ga fhiathachadh fhèin chun na cuirme, agus ag innse dha a h-uile sìon mar a bha a' dol a thachairt. Ach leth na truaighe, mas fìor an naidheachd, 's ann a chuireadh an seòladh ceàrr air na litrichean. Chaidh an litir aig Dòmhnall Gorm gu Uilleam Màrtainn, agus litir Uilleim Mhàrtainn gu Dòmhnall Gorm.

Cha robh dol-às aig Ùisdean a-nist. Bha e air a bhrath. Chuir Dòmhnall Gorm air falbh buidheann làidir a dh'Uibhist gus Ùisdean a ghlacadh, agus bha a' bhuidheann sin fo chomannd a' churaidh ainmeil sin, Dòmhnall mac Iain 'ic Sheumais, am fear a thug buaidh air na Leòdaich ann am Blàr Chàirinis agus ann am Blàr a' Chuiltheann.

Bha cuid a' ràdh gun do ghlac iad Ùisdean ann an Dùn an Stìgeir fhèin. Bha cuid eile a' ràdh gur e am boireannach a bhiodh a' toir thuige a bhìdh ann a shin, gur i a bhrath e. Bha feadhainn eile a-rithist a' ràdh gur ann a bha e am measg còmhlan de mhnathan luaidh ann an taigh anns a' choimhearsnachd. Bha an t-ainm aige co-dhiù. Tha e coltach gun robh e gu math dèidheil air a bhith am measg nam boireannach.

Chuir iad aodach mnatha air Ùisdean ann a shin gus a chur am falach, ach rinneadh a-mach cò bh' ann. Chaidh aca air a cheannsachadh, le duilgheadas, agus a cheangal, agus sheòl iad dìreach a Dhùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach, gu Caisteal Dhòmhnaill Ghuirm. Cha deach mòran laghalachd a dhèanamh air Ùisdean ann a shin, ach dìreach a shadail dhan an toll dhubh, agus a ghlasadh ann a shin gun bhiadh gun deoch.

Nist, an ceann latha no dhà, nuair a bha e a' fàs gu math truagh leis an acras agus leis a' phathadh, leig iad sìos thuige soitheach mòr làn de dh'fheòil shaillte, agus soitheach feòdair mas fhìor làn deoch. Dh'ith e a dhìol ann a shin dhen fheòil shaillte agus thug e an uair sin làmh air an deoch. Ach mo thruaighe, 's ann a bha an soitheach feòdair, 's ann a bha e falamh. Cha robh aonan deur air a' mhàs. Bha cuid eile a chanadh gun robh an soitheach làn gun teagamh, ach gur e a bh' ann ach uisge sàil.

Uill, ma-thà, 's e sin a' chrìoch bhochd a thàinig air Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich, a rèir 's mar a bha iad a' ràdh. Fhuair e bàs sgreamhail ann a shin leis a' phathadh, agus bha iad a' ràdh gun cluinnte an sgreadail aige air feadh a' chaisteil. Gu dearbh, bha e air a ràdh cuideachd gun cluinnte an taibhse aige ag èigheach 's a' sgreadail gu h-ìseal mun toll dhubh fhad 's a bha còmhnaidh ann an Caisteal Dhùn Tuilm.

Agus chanadh feadhainn eile, nuair a chaidh iad sìos a thoirt a-mach a' chuirp aige, gun robh e glè fhaisg air tolladh a-mach tro bhalla a' chaisteil le fear dhe na cnàmhan a bha am measg na feòla. Agus co-dhiù, sin agad Ùisdean mac Ghilleasbaig Chlèirich, agus dhealaich mise ris an naidheachd.

CM: Uill, gu dearbha, smaoinich fhèin air a sin. Feòil shaillte, thu ag ithe do làn dhith 's an t-acras ort, agus an uair sin gun dad agad a dh'òladh tu. Dè an t-iongnadh... chan eil rian nach deach e às a chiall mus d' fhuair e am bàs.

DE: Bha iad a' ràdh sin, gun deach e dìreach buileach às a' chiall, agus gun robh e, fhios a'd, ag èigheach 's a' sgreadail 's a' sgiamhail ann a shin.

CM: An dùil a bheil an toll dubh a tha sin ann an Dùn Tuilm fhathast?

DE: Chan eil fhios a'm, gu dearbha. Chan eil fhios a'm dè... tha ballaichean Dhùn Tuilm suas gun teagamh, ach chan eil fhios a'm dè na chì thu air an làraich fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh gun tug iad às na cnàmhan aige co-dhiù. Ged a bha... bha cuid a' ràdh, tha mi a' smaoineachadh cuideachd, nach do rinn iad ach fhàgail ann a shin, agus cha robh iad a' fuireach ann an Dùn Tuilm cho cianail fada buileach às a dhèidh sin. Fios a'd, ghluais iad sìos a dh'Armadal.

CM: Uill, an sgeulachd seo mar a tha a h-uile sgeulachd eile. Ma tha càil aig duine a chuireas iad rithe ann an dòigh sam bith, bidh sinn toilichte cluinntinn bhuapa.

DE: Bhiomaid uabhasach toilichte. Dìreach facal eile, fios a'd, an rud a tha siud mu na litrichean, gheibh thu sin ann an iomadach naidheachd. 'S e rud a th' ann a gheibh thu, mar gum b' eadh, thall 's a-bhos.

CM: Uill, tha sin a' tachairt gu math tric anns na sgeulachdan, nach eil?

DE: Tha sin a' tachairt tric anns na sgeulachdan. Tha, gu dearbha.

CM: Uill, bidh tè eile dhiubh againn aig an aon àm an t-seachdain sa tighinn. Tapadh leatsa gu dearbha an-dràsta, a Dhòmhnaill Eairdsidh.

DE: Uill, tapadh leat fhèin an-dràsta.

CM: Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ann an sin, ann an Stiùidio Phort Rìgh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math