Rannsaich

Aon-deug air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìn...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 01 July 1960
Àireamh a’ chlàir 51062
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.121.A52-A82

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.121

Geàrr-chunntas

Aon-deug air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.

An luathair is fhaide na a' mhaille.

Mas coma leis an Rìgh Eòghann, is coma le Eòghann e.

Is minig a dh'earbadh an oidhche fhada fhoghair ris.

A' chlach a bhios air thurraman, tuitidh i uaireigin.

Is minig a bheir droch mheas air an òg.

A' cumail snàithle san fhiacail.

A' toirt toll nad chluais.

Is iomadh duine aig am bi fios air ann an cogar.

A' dèanamh muir mhòr dhen chaolas chumhang.

Is dona an t-each nach giùlain a dhìollaid fhèin.

An rud a nithear Diluain, bidh e luath no bidh e mall.

An rud a nithear Dihaoine bidh e faoin fadalach.

Cho iomallasach ris a' ghaoith luath Mhàirt.

Nuair a fhuaradh na b' fheàrr fhuair an tràill an t-sitig.

Buille air gach cù air a' chù choimheach.

A h-uile là sona dhut 's gun aon là dona dhut.

Dia seo.

Slàn treabhadh leibh.

A shalchar fhèin leis gach sruthan.

Leig lagh a' choin leis.

Bean bheag dhan fhear mhòr 's bean mhòr dhan fhear bheag.

Dh'fhàg Dia a thoil shaor aig mac-an-duine.

Ag ithe na cruaiche fon chrios.

Cadal fada ri gaoith mhòir is clann bheaga a chumail bhon teine.

Cuireadh e a bhuinig air a bhois.

Biodh dhad choimhearsnachd mar thu fhèin.

Esan a ghabhas amadan air a bhràthair bidh e an cunnart pian irinn dha peacadh-bàis.

A cheart lomaidh air èiginn.

Tha an long a-muigh 's a' mhuir ri feuchainn.

Nuair a gheibhear an òirleach tomhaisear an troigh.

Gaoth à tuath, fuachd is feannadh; gaoth deas, teas is toradh; gaoth an iar an ailbhinn[?] ciùin is gaoth an ear do dh'fhearaibh a' chuain.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math