spacer
spacer

Bainnsean.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Bainnsean.
Fiosraichean - Flòraidh NicCumhais
Luchd-clàraidh - Iain Peatarsan

Geàrr-chunntas - Bainnsean.

Tha am fiosraiche ag innse mu bhainnsean nuair a bha ise na b' òige. Trì seachdainean ron bhanais bhiodh còrdadh ann. Bhiodh caraid fear na bainnse mas fhìor a' lorg bean no searbhant airson an fhir seo. Bhiodh iad a' toirt caraidean bean na bainnse a-steach agus bhiodh esan ag ràdh nach robh iad freagarrach. Dihaoine ron bhanais, bhiodh rèiteach ann, le grunn de dhaoine san taigh. Bhiodh am pòsadh an ath Dhimairt. Bha tòrr ullachadh ri dhèanamh. Às dèidh a' phòsaidh bhiodh biadh ann an taigh athair bean na bainnse. An ath oidhche bhiodh banais taigh ann, ann an taigh athair fear na bainnse. Bhiodh na seann daoine an làthair agus an-còmhnaidh bha e nas fheàrr na an oidhche roimhe. Latha na Sàbaid an dèidh na bainnse, bha 'kirking' ann. Tha am fiosraiche ag innse mu rudan a thachair aig bainnsean san sgìre.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:18:00
Àm Clàraidh - 1969.09
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 52870
Àireamh an Teip Thùsail - SA1969.082
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1969.082.A3
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R


Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/52870/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA