Rannsaich

Bainnsean.

Ceann-latha September 1969
Àireamh a’ chlàir 52870
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.082.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.082

Geàrr-chunntas

Bainnsean.

Tha am fiosraiche ag innse mu bhainnsean nuair a bha ise na b' òige. Trì seachdainean ron bhanais bhiodh còrdadh ann. Bhiodh caraid fear na bainnse mas fhìor a' lorg bean no searbhant airson an fhir seo. Bhiodh iad a' toirt caraidean bean na bainnse a-steach agus bhiodh esan ag ràdh nach robh iad freagarrach. Dihaoine ron bhanais, bhiodh rèiteach ann, le grunn de dhaoine san taigh. Bhiodh am pòsadh an ath Dhimairt. Bha tòrr ullachadh ri dhèanamh. Às dèidh a' phòsaidh bhiodh biadh ann an taigh athair bean na bainnse. An ath oidhche bhiodh banais taigh ann, ann an taigh athair fear na bainnse. Bhiodh na seann daoine an làthair agus an-còmhnaidh bha e nas fheàrr na an oidhche roimhe. Latha na Sàbaid an dèidh na bainnse, bha 'kirking' ann. Tha am fiosraiche ag innse mu rudan a thachair aig bainnsean san sgìre.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math