Rannsaich

Naidheachd mu bhean Dhonnchaidh Bhàin.

Ceann-latha November 1969
Àireamh a’ chlàir 52948
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.173.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.173

Geàrr-chunntas

Naidheachd mu bhean Dhonnchaidh Bhàin.

Thuirt Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri Donnchadh Bàn gum feum a' bhean aige a bhith uabhasach fhèin bòidheach, air sgàth briathran an òrain a rinn e dhi. Thug Donnchadh Bàn cuireadh dha tighinn a Dhùn Èideann gus am faiceadh e fhèin i. Chaidh Alasdair gu taigh Dhonnchaidh ann an Dùn Èideann agus thàinig cailleach ghrànda chun an dorais. Thuirt Alasdair gun robh Donnchadh breugach, oir chan fhaca e cailleach cho grànda a-riamh na bheatha. Thuirt Donnchadh Bàn ris: "Chan fhaca tu le mo shùilean i."

Neach/Cuspair a' Chlàir

Donnchadh Bàn [MacIntyre, Duncan Bàn]

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cill Mo Naomhaig

Baile/Àite - A' Cheapach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Seadh, dè tha seo? Dè tha seo?

Leagsaidh Chaimbeul (LC): Màiri Bhàn, sin an t-òran a rinn e air a' bhean a ghabh... a phòs e, dar a bha e a' suirghe oirre. 'S thuirt... thachair e 's Alasdair mac Mhaighstir Alasdair latha agus thuirt e:

"Uill, a Dhonnchaidh, feumaidh gur e boireannach uamhraidh brèagha a th' anns a' bhean agad, an t-òran brèagha a rinn thu dhi."

"'S e sin a th' innte," thuirt e. "Agus a' chiad triop a thig thu a Dhùn Èideann," thuirt e fhèin, "thig a choimhead ormsa agus chì thu air do shon fhèin."

Dh'fhalbh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus ràinig e Dùn Èideann, agus ràinig e suas an t-àite anns an robh Donnchadh Bàn nan Òran a' fuireach, an-àird tro staidhrichean cumhann 's thàinig e gus an doras, 'D. MacIntyre' air an doras.

Ghnog e aig an doras agus thàinig cailleach mhòr, mhòr ghrànda a-mach gus an doras. Agus dh'fhaighnich e:

"A bheil Donnchadh Bàn nan Òran a-staigh?"

"Tha e, 's trobhad a-staigh," thuirt ise.

Chaidh iad a-staigh agus bha drama aca cuideachd.

'S a-niste, dh'fhalbh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus dh'fhalbh Donnchadh Bàn leis ga chonvoyadh. Dar a fhuair Alasdair mac Mhaighstir Alasdair pìos air falbh bhon taigh 's bha fhios aige nach cluinneadh a' chailleach e, thuirt e:

"Uill, a Dhonnchaidh Bhàin nan Òran, tha mi a' smaoineachdainn gur tu is duine as breugaiche a bha riamh ann."

"Ciamar seo?" thuirt Donnchadh Bàn.

"An t-òran a rinn thu dhan bhean agad," thuirt e, "'s bha a h-uile buaidh fon ghrèin, 's tha mi a' smaoineachdainn gura h-i cailleach cho grànda 's a chunna mi riamh."

"Ah ge-tà, chan fhaca thusa tro mo shùilean-sa i," thuirt Donnchadh Bàn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math