Rannsaich

Naidheachd mu shagart a chaidh a-mach gu soitheach Spàinneach.

Ceann-latha July 1953
Àireamh a’ chlàir 5317
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.116.B8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.116

Geàrr-chunntas

Naidheachd mu shagart a chaidh a-mach gu soitheach Spàinneach a chaidh air tìr ann am Barraigh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Tangasdal

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Ciamar a bha an naidheachd mu dheidhinn an lo-... an soitheach Spàinneach... an saothach Spàinneach a bha sin?

Dòmhnall Caimbeul (DC): Dè ach saothach Spàinneach a thàinig air Tràigh Eais, agus bha i làn de throsg saillte. Co-dhiù, cha robh duine am Barraigh a bhruidhneadh Spàinnis riutha.

Bha sin sagart ann air an robh Maighstir Ailean Beag, agus dè... dè an taigh a dh'amais iad a bhith ann ach taigh a bh' ann an Tangasdal. Chan eil fhios a'm dè an taigh a bh' ann, ach bha gu leòr de thaighean an Tangasdal.

Agus bhuail... chuala Maighistir Ailean Beag gur e Spàinnich a bh' annta, agus bhruidhinn e Spàinnis ann... ann as doras. 'S cha robh duine dhiubh nach do leum a dh'ionnsaigh an dorais air muin a chèile - chuala iad an Spàinnis. Agus rinn iad fhèin 's Maighstir Ailean Beag, rinn iad yarns mhòra ann a shin agus oidhche thoilichte chridheil.

Sin mar a chuala mise.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math