Rannsaich

Iomradh air trì blàir ann an Colbhasa.

Fiosraichean
Ceann-latha 30 July 1953
Àireamh a’ chlàir 5412
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.120.9-11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.120

Geàrr-chunntas

Iomradh air trì blàir ann an Colbhasa.

1. Bha blàr eadar na Lochlannaich agus na Colbhasaich. Dhìon muinntir Cholbhasa iad fhèin le sguaban seagail. Theireadh iad Latha Blàr Cath nan Sguab ris.

2. Bha na Colbhasaich a' buain na mòna latha nuair a thug Muilich ionnsaigh orra. Chuir na Colbhasaich an ruaig air na Muilich leis na spaidean a bha iad a' cleachdadh airson a' mhòine a bhuain.

3. Bha blàr eile air taobh a deas Cholbhasa. Tha am fiosraiche a' smaoineachadh gun deach a chur an aghaidh nan Lochlannach. 'S ann aig Tràigh nam Bàrc a bha am blàr.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Colbhsaigh is Orasa

Eilean - Colbhasa

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Bella NicNèill: Bha corra bhlàr a tha fhathast iomradh orra ann an Colbhasa. Bha fear aig na Lochlannaich 's na Colbhasaich. Rubha Dùn Mheallain, an taobh an iar-dheas de Cholbhasa. Tha an dùn a-suas fhathast, bhiodh na Lochlannaich ann. Agus nuair a thàinig iad air na daoine an Colbhasa, bha iad a' buain seagal - sin an rye - agus cha robh aca ach na sguaban seagail gan dìon fhèin, agus 's e Latha Blàr Cath nan Sguab a [?th' aca air] gus an latha an-diugh.

'S bha blàr eile air Druim an Dèabhaidh ann am meadhan Cholbhasa, ach 's e Muilich a bh' ann an tròbh sin, chan e na Lochlannaich idir, agus thàinig iad air na Colbhasaich 's iad a' buain mòna. 'S cha robh aca ach na spàdan, ach chuir iad ruaig air na Muilich gus am b' fheudar dhaibh tarrainn leis na bàtan 'son nach robh aca na spàdan.

Agus bha aon bhlàr eile ann, bha iad ag ràdh, taobh a deas Cholbhasa, [Fadaig a' Gharbhais], ach chan eil mi mìr cinnteach cò bh' ann ach 's fheudar gur e na Lochlannaich on a tha fhathast àite ann - tràigh, 's e Tràigh nam Bàrc a th' aca air - anns a bheil... bhiodh m' athair daonnan ag ràdh gur e bàrc na Lochlannaich a bh' ann.

Sin na th' agamsa de naidheachdan mun a...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math