Sgeulachd mu dheidhinn duine bochd aig an robh nighean innle...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1966.50.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Sgeulachd mu dheidhinn duine bochd aig an robh nighean innleachdach a phòs uachdaran.
Mharbh duine bochd fiadh agus nuair a chuala an t-uachdaran mu dheidhinn seo chuir e trì tòimhseachain air agus thug e rabhadh dha gun cuireadh e an taigh aige na theine nam biodh na freagairtean aige ceàrr. Dh'innis a bhean dhan nighinn aige mun rabhadh. Thug an nighean na freagairtean dha. Phòs an nighean an t-uachdaran, le cùmhnant gum b' urrainn dhi trì rudan a thoirt leatha nan dealaicheadh iad, agus bha oighre aca.
Bha deasbad ann mu dheidhinn searrach eadar dithis agus b' e an t-uachdaran am breitheamh. Chuidich bean an uachdarain an duine a chaill an searrach agus chuir an t-uachdaran a bhean fhèin a-mach às an taigh. Thug i leatha trì eallaich - an t-oighre, leabhar na h-oighreachd, agus cathair leis an uachdaran na shuidhe innte. Ghlas i an doras air an duine aice gus an d' fhuair i a h-uile rud a bha i ag iarraidh.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math