An Sgitheanach 's na Robairean
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1975.25.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
An Sgitheanach 's na Robairean
Bha Sgitheanach a' coiseachd a shlighe dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach. Nuair a thàinig an oidhche chaidh e gu taigh. Bha boireannach a-staigh leatha fhèin agus thug i biadh dha. 'S e robairean a bha na dithis bhràithrean agus na h-athair agus bha iad a-muigh a' sealg. Thill iad dhachaigh le beathach. Ghèarr iad suas e, ghoil iad agus shàill iad e. Dh'fhuirich an Sgitheanach còmhla riutha airson na h-oidhche. Anns a' mhadainn dh'fhalbh e. Air an t-slighe thachair e ri fear dhe na robairean air a dhreasaigeadh suas. Dh'fhaighnich an robair dha càite an do dh'fhuirich e agus an d'fhuair e feòil. Thuirt an Sgitheanach nach d' fhuair e feòil.
Thachair e ri robair eile agus dh'fhaighnich esan na ceistean ceudna dha. Thuirt e ris-san cuideachd nach d' fhuair e feòil.
Air sgàth nach do bhrath e iad, thuirt an robair ris gun toireadh iad aoidheachd na b'fheàrr dha an ath turas a thigeadh e an rathad. Cuideachd, airson nach do bhrath e iad, fhuair e dhachaigh sàbhailte.
Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho Sgitheanach.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math