Rannsaich

Fiosrachadh mu dheidhinn cleachdaidhean pòsaidh.

Ceann-latha c. July 1960
Àireamh a’ chlàir 54389
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.192.A11+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.192

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu dheidhinn cleachdaidhean pòsaidh.

Fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn cleachdaidhean pòsaidh: a' dol a dh'iarraidh na h-ìghne, an rèiteach, a' bhanais agus cuirmean agus cleachdaidhean eile ceangailte ris a' phòsadh agus ri suirghe.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Loch Bhraoin

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Agus nise, nuair a bha sibhse òg, nuair a bhiodh pòsadh ann, ann a sheo, an robh rèiteach a' dol air adhart?

Kate Shaw (KS): Ò bha.

IM: Agus, canaibh nan robh gille anns a' bhaile a' dol a phòsadh, ciamar a bha an gnothach a' tòiseachadh? Am falbhadh esan a dh'iarraidh na h-ìghne? No am falbhadh feadhainn eile a dh'iarraidh na h-ìghne air a shon?

KS: Uill, bheireadh e leis... bheireadh e leis meite a bhiodh aige, agus rachadh e fhèin a dh'iarraidh nighean. Rachadh e fhèin ag iarraidh nighean, 's ma ghabhadh a faighinn bha sin a-rèiste mar a their iad an-diugh, engaged, bha a-rèiste an latha set airson an rèiteach.

IM: Seadh. Agus an fheadhainn sin a dh'fhalbhadh còmhla ris... còmhla ris a' ghille, an e daoine pòsta a bh' annta?

KS: Ò cha robh e gu diofar. Cha robh e gu diofar. 'S e chum, tha fhios agaibh, a bu mhotha, am fear bu... an fheadhainn bu mhotha a bhiodh nan chums aig an fhear a rachadh... a bheireadh e còmhla ris.

IM: Seadh. 'S ged a b' e... dh'fhaodadh iad uile a bhith dhen aon aois?

KS: Och dh'fhaodadh, dh'fhaodadh.

IM: Agus nise, rachadh iad a-staigh dhan an taigh, agus an robh facal sam bith aca nuair a rachadh iad dhan an taigh? Facal sònraichte nuair a bha iad a' dol a-staigh.

KS: Ò cha chreid mi gun robh dad ach, 'Beannaich romham', no, 'Fàilte romham'. Sin an... sin an aon fhacal, dìreach. 'Beannaich romham'.

IM: Agus... ach chanadh daoine sin aig amannan eile co-dhiù...

KS: Ò chanadh. Bha sin...

IM: A' dol a-staigh gu taigh.

KS: Aidh. Bha sin na fhacal co-dhiù. Bha sin na fhacal co-dhiù. 'S bha iad a-rithist, bha iad a' cur an gnothaich an cead, 's bha drama 's na h-uile rud... turnout beag ann an oidhche sin. Bha a-rèiste an rèiteach air a sheatadh.

IM: Ach cha chanadh iad... cha robh facal sònraichte aca... ainm sònraichte dhan a sin idir, ach dìreach a' dol a dh'iarraidh na h-ìghne?

KS: 'S e, 's e, 's e.

IM: Agus an ann air athair no air màthair na h-ìghne a dh'iarradh iad an tè?

KS: Ò 's ann air a h-athair.

IM: Air a h-athair.

KS: 'S ann air a h-athair. 'S e a h-athair air am biodh...

IM: Ach a-nise, anns a' chuid mhòr de... a' chuid as... a' chuid bu mhotha den... de thursan, a bheil fhios agaibh, dhen t-seòrsa sin, bhiodh fhios aig an nighinn gun robh an gille seo ag iarraidh a pòsadh co-dhiù?

KS: Och bhitheadh. Bha e a' cur air chois sin rithe fhèin, tha fhios agaibh. Mura robh i fhèin a' dol ga ghabhail, cha robh... cha ruigeadh e a leas a thighinn air adhart gu a h-athair no gu a màthair ga iarraidh... ga h-iarraidh.

IM: Seadh, dìreach. Agus rachadh an uair sin, rachadh latha a chur air leth airson an rèitich, an d' rachadh?

KS: Oidhche... oidhche Diardaoin. Oidhche Diardaoin an-còmhnaidh a bha an rèiteach ann. Oidhche Diardaoin. Bha a-rèiste trì seachdainean bhon oidhche sin am pòsadh ann. Bha. Bha am pòsadh a' leantainn, dh'fhaodadh dà latha, no dà oidhche coinneimh, òrain 's dannsa 's pàrtaidhean 's turnout mòr anns an taigh.

IM: Agus dè an taigh anns am bitheadh an rèiteach, a-nise?

KS: Ò taigh... taigh an nighean... taigh a' chaileag, taigh a' bhean òg.

IM: Seadh. Agus a' bhanais cuideachd?

KS: A' bhanais cuideachd. 'S ann. A' bhanais cuideachd.

IM: Agus an uair sin, an robh dad sam bith eile aca an dèidh dhan a' chàraid òg... an e càraid no...

KS: Càraid, 's e.

IM: Cha chan sibh lànain, an canadh.

KS: Cha chanadh. A' chàraid òg. A' chàraid òg.

IM: An uair sin, an dèidh dhaibhsan pòsadh, am biodh iad a' cumail banais eile beagan an dèidh dhaibh pòsadh?

KS: Och bhitheadh. Bhitheadh pàrtaidhean... pàrtaidhean, tha fhios agaibh. 'S dar a thigeadh an duine òg 's a' bhean òg dhachaigh dhan taigh aca, bhiodh iad a' tadhal, bhiodh pàrtaidhean 's friends nach biodh aig a' bhanais, bha... dh'fhaodadh gum bitheadh seachdain no deich latha a' leantainn, friends nach biodh...

IM: Agus an robh ainm aca air a sin? An canadh iad gur e banais de sheòrsa eile a bha sin?

KS: Cha chreid... 'S e, tha fhios agaibh, 's e a' bhanais a bh' ann, deireadh a' bhanais a bh' ann. Deireadh a' bhanais a bh' ann.

IM: An cuala sibh riamh am facal, banais-taighe?

KS: Banais-taighe. Sin agaibh e. Sin agaibh e a-nise, banais-taighe. A' bhanais... na parties a bhiodh ann an dèidh dhan a' chupall fhaighinn dachaigh. 'S e. Bha a-rèiste... chan fhaodadh, aon uair 's gun robh rèiteach ann, chan fhaodadh a' bhean òg a thighinn a-mach leatha fhèin idir. Dh'fheumadh... bha tè eile a' falbh còmhla rithe a h-uile ceum a dhèanadh i a-mach, chan fhaodadh i a thighinn a-mach leatha fhèin idir.

IM: An dèidh dhi pòsadh?

KS: Mus... eadar pòsadh 's rèiteach.

IM: Ò, tha mi a' tuigsinn.

KS: Eadar pòsadh 's rèiteach. Dh'fheumadh, can... dh'fheumainn-sa, anns an Alltan Dubh, a thighinn don an Dòrnaidh a-bhàn an sin, 's e sin a' bhùth againn, dh'fheumadh caileag eile a bhith còmhla rium.

IM: Agus cò... an e nighean gun phòsadh a bha sin? No nighean a bh' air pòsadh i fhèin?

KS: Och cha robh e gu diofar. Cha robh diofar, ach mar as trice 's e am best maid a bhiodh aig a' bhean òg, nam biodh i handy rithe, a bha ga cuideachdainn air ais 's air adhart mar sin.

IM: Seadh, dìreach. Agus an robh ainm Gàidhlig agaibh air an nighinn a bha sin, am best maid? An robh ainm Gàidhlig...

KS: A' mhaighdeann. A' mhaighdeann.

IM: A' bhean òg, agus a' mhaighdeann?

KS: A' mhaighdeann. 'S e. A' bhean òg 's a' mhaighdeann.

IM: Agus an uair sin, am fear a bha a' pòsadh, dè theireadh sibh ris?

KS: Ò, cha chanadh ach an duine òg, dìreach. An duine òg.

IM: Agus an uair sin am fear a bha còmhla ris-san? An robh duine sònraichte a bhiodh còmhla ris-san?

KS: Cha robh. Ò cha ruigeadh esan a leas duine còmhla ris. Dh'fhaodadh esan falbh a Ghlaschu nam b' e a thoil fhèin. Cha robh... cha robh ceann sam bith airsan. Dh'fhaodadh.

IM: Dìreach. Agus an latha a bhiodh e a' pòsadh, ge-tà, nach biodh... nach biodh cuideigin aige...?

KS: Ò bhitheadh am best man.

IM: Agus dè theireadh iad ris a sin ann an Gàidhlig? Ciamar a theireadh sibh e, a-nise.

KS: Dè seo a-nise... 's e... och seo a' falbh às mo chuimhne air uairean. Dè seo a theireadh... an gille-làimh. An gille-làimh a bhiodh aige. Am best man, an gille-làimh.

IM: An gille-làimh. Seadh.

KS: An gille-làimh. Aidh. The best man, an gille-làimh.

IM: An cuala sibh riamh, an gille-suirghe?

KS: Ah uill... chuala. Chuala. Sin fear a bhiodh còmhla ris an fhear dar a bha e a' dol a shuirghe, tha fhios agaibh, glè thric nam biodh fear a' dol do shuirghe do thaigh, bheireadh e friend no meite, mar a theireadh iad, meite a bhiodh aige a bheireadh e leis ann. Ach rachadh e ann leis fhèin uairean. Ò chuala mi an gille-suirghe. Chuala, chuala.

IM: Agus an canadh sibh uair sam bith gun robh a leithid seo de dhuine a' comhailteachd aig duine eile? A' comhailteachd.

KS: Cha robh ach dìreach an duine bu docha leis fhèin, am meite bu docha leis fhèin.

IM: 'S e. Ach cha robh am facal agaibh, a' comhailteachd...?

KS: Cha robh. Cha robh, cha robh.

IM: Cha robh [?e agaibhse ann a sheo] idir?

KS: Ò cha robh. Cha robh. An gille-suirghe a bh' aige. An gille-suirghe.

IM: Cha chanadh sibh gun robh a leithid seo de dhuine a' pòsadh aige, no a' pòsadh leis, no dad mar sin?

KS: Ò cha chanadh. Cha chreid mi gun canadh. Chan eil beachd agam sin a chluinntinn.

IM: 'S e th' orm, dìreach, a bheil fhios agaibh, gus am faigh mi a-mach ciamar a bha daoine ga chur an cèill nuair a bhiodh iad a' bruidhinn mu dheidhinn, a thaobh anns an... ann an cuid dhe na h-eileanan tha... tha dòigh eile air a... air a ràdh, a bheil fhios agaibh.

KS: Tha. Ò tha fhios a'm.

IM: Ainmean eadar-dhealaichte.

KS: Tha, ainmean eadar-dhealaichte. Tha.

IM: Seadh. Agus a-nise, nuair a... nuair a bhiodh a' chàraid òg air pòsadh, am biodh latha sònraichte an dèidh dhaibh pòsadh nuair a bhiodh iad a' dol dhan eaglais? A' chiad uair a rachadh iad dhan eaglais...?

KS: Bhiodh sin ann latha a' chiorcaigidh a theireadh iad ann an seo ris. Latha a' chiorcaigidh, a' chiad Sàbaid. Bha na... an gille-làimh... an gille-làimh agus a' mhaighdeann a bhiodh aigesan 's aicese, bhiodh iad còmhla riutha a' dol dhan eaglais, agus nan suidhe còmhla riutha, agus mar bu trice ma bha e handy riutha, thigeadh iad gus an diathad, do thaigh a' chuideachd òg an latha Sàbaid sin.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus a-nise, an dithis a bha sin, an gille-làimh agus a' mhaighdeann, 's e dithis a bha sin nach robh air pòsadh fhathast, mar gum bitheadh?

KS: 'S e, 's e, 's e. 'S e, dithis... Agus glè thric phòsadh iad, tha fhios agam...

IM: Le chèile?

KS: Aidh. Tha fhios agam an gille-làimh 's a' mhaighdeann a bh' agamsa, gun do phòs iad a chèile. Tachraidh e uairean, ach chan eil e... chan e rud a tha a' tachairt...

IM: An-còmhnaidh, mar gum bitheadh.

KS: Glè thric, tha fhios agad, ma tha cupall ann a tha a' suirghe, agus gum biodh iad mòr agamsa, bheirinn leam iad airson an gille-làimh 's... airson gum biodh teansa na b' fheàrr aige gum iad a' dannsa cuideachd [???] rud den t-seòrsa sin

IM: Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math