spacer
spacer

Ailean Mac 'ic Ailein

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Ailean Mac 'ic Ailein
Fiosraichean - Mìcheal Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Item Person - Ailean Mac 'ic Ailein; Mac 'ill Eathain Dhubhaird

Geàrr-chunntas - Ailean Mac 'ic Ailein

B' e Ailean mac Ruairidh am fear mu dheireadh do Chlann 'ic Ailein a bha ann an Caisteal Bhuirgh. Aon turas, nuair a dh'fhalbh e a chreachadh, thug e leis ciste-laighe. Air a shlighe a Mhuile thachair e ri bàta le Mac 'ill Eathain Dhubhaird. Thuirt e gun robh e air a shlighe gu Ì Chaluim Chille airson Mac 'ic Ailein a thiodhlacadh. Thug e cuireadh do Mhac 'ill Eathain chun an tiodhlacaidh. Dh'fhuirich e ann am Muile airson na h-oidhche. Ghoid e beathaichean Mhic 'ill Eathain agus chuir e teine ris an taigh [Caisteal Dhubhaird?]. Nuair a thuig Mac 'ill Eathain mar a thachair, ruaig e Mac 'ic Ailein far an eilein.

Chùm Mac 'ic Ailein roimhe a' creachadh agus a' mort. Aon turas, nuair a bha e air falbh, dh'fhàs Mac 'ic Ailein tinn. Ghnog e aig doras boireannach air an do mhort e a teaghlach. Leig i a-steach e agus bhàsaich e anns an taigh aice.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho athair.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:07:20
Àm Clàraidh - 1975.03.31
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 54614
Àireamh an Teip Thùsail - SA1975.025
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1975.25.A3
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R


Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/54614/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA