Ailean Mac 'ic Ailein
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1975.25.A3
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Ailean Mac 'ic Ailein
B' e Ailean mac Ruairidh am fear mu dheireadh do Chlann 'ic Ailein a bha ann an Caisteal Bhuirgh. Aon turas, nuair a dh'fhalbh e a chreachadh, thug e leis ciste-laighe. Air a shlighe a Mhuile thachair e ri bàta le Mac 'ill Eathain Dhubhaird. Thuirt e gun robh e air a shlighe gu Ì Chaluim Chille airson Mac 'ic Ailein a thiodhlacadh. Thug e cuireadh do Mhac 'ill Eathain chun an tiodhlacaidh. Dh'fhuirich e ann am Muile airson na h-oidhche. Ghoid e beathaichean Mhic 'ill Eathain agus chuir e teine ris an taigh [Caisteal Dhubhaird?]. Nuair a thuig Mac 'ill Eathain mar a thachair, ruaig e Mac 'ic Ailein far an eilein.
Chùm Mac 'ic Ailein roimhe a' creachadh agus a' mort. Aon turas, nuair a bha e air falbh, dh'fhàs Mac 'ic Ailein tinn. Ghnog e aig doras boireannach air an do mhort e a teaghlach. Leig i a-steach e agus bhàsaich e anns an taigh aice.
Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho athair.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Ailean Mac 'ic Ailein; Mac 'ill Eathain Dhubhaird
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math