Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 07 February 1997
Àireamh a’ chlàir 5532
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 07.02.1997

Geàrr-chunntas

Coinneamh airson beachdan dhaoine a chluinntinn air cìsean drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Ailean Peutan ag innse gu bheil e gu bhith anns a' chathair aig coinneamh ann am Port Rìgh, le riochdairean bho na ceithir pàrtaidhean poilitigeach an làthair, gus beachdan dhaoine air cìsean drochaid an Eilein Sgitheanaich a chluinntinn.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Port Rìgh

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Port Rìgh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Bidh coinneamh co-cheangailte ri drochaid an Eilein Sgitheanaich an Talla Chruinneachaidh Phort Rìgh a-nochd. Bidh tagraidhean nan ceithir phàrtaidhean poilitigeach mòra air an àrd-ùrlar. Ailean Peutan a bhios anns a' chathair. Tha beachdan làidir aigesan e fhèin air ceist cìsean na drochaid, ach 's e rud eile a th' ann a bhith a' cumail smachd air ceathrar eile agus taghadh air fàire. Tha mi a' dol a dh'fhaighinn a-mach ciamar a tha e am beachd as urrainn dha rèite a chumail. Ciamar a tha thu, Ailein?

Ailean Peutan (AP): Ò math dha-rìribh, a Choinnich. Math dha-rìribh.

CM: Tòrr obair agad ri dhèanamh an seo a-nochd.

AP: Uill, tha mi an dòchas nach bi cus obair agam ri dhèanadh. Tha mi an dòchas gum bi... gum bi mise na mo shuidhe ann a shiud agus gum bi càch a' cur asta uile-gu-lèir 's a' freagradh cheistean.

CM: Uill 's e seo an rud mu bheil mi airson bruidhinn. Àite an fhir-chathraich, no duine... siud... tha mi a' creidsinn gur e duine gu math carach a dh'fheumadh a bhith annad airson a bhith anns a' chathair ann an suidheachadh mar seo, an e?

AP: Uill tha mi an dòchas nach bi, gum bi iad uile modhail ri chèile. Tha fhios agad fhèin mar a tha politicians, gum bi iad cho modhail ri chèile, 's gum bi a h-uile duine cho còrdte 's nach bi mòran sam bith agamsa ri dhèanadh.

CM: Uill sin as coireach gu bheil mi a' cur na ceist, gu bheil fhios agam gur ann calg-dhìreach an aghaidh sin a tha.

AP: Uill, bidh againn ri fhaicinn. Ach tha mi a' smaoineachadh gum bi na daoine a th' againn a-nochd, gum bi iad uile... gum bi iad a' cur na puingean aca agus gum bi iad modhail ri chèile.

CM: Ach a-nise, tha fhios agad fhèin, an t-àm a th' ann dhen a' bhliadhna, a' bhliadhna a th' ann, chan eil... cha b' ann mu dheidhinn drochaid an Eilein Sgitheanaich a tha iad gu bhith idir. 'S ann a tha a h-uile duine aca gu bhith ann an sin a' sealltainn dè cho math 's a tha iad 's mar a bu chòir dha duine bhòt a thoirt dhaibh, nach ann?

AP: Uill, bidh iad ag obair air sin, tha mi cinnteach. Ach 's e SKAT a chuir... a tha a' cur a' choinneamh a tha seo air bonn, agus tha mi cinnteach gur e an rud a thig as àirde, gur e cìsean na drochaid agus dè ghabhas dèanamh airson a leasachadh. Ach bidh cothrom aig daoine ceist sam bith a thogras iad a chuir air na... air na candidates.

CM: Ach seall an-dràsta, duine dhe do sheòrsa fhèin an sin, tha thu gu bhith anns a' chathair, tha fhios aig a h-uile duine gu bheil beachdan gu math làidir agad, 's tha mi cinnteach gur e an rud a nì thu, canaidh tu aig toiseach na coinneimh, 'Nise, seo mo bheachdan-sa, agus mo thruaighe-sa, duine sam bith a thèid nam aghaidh'.

AP: Uill, tha fios aig muinntir an Eilein Sgitheanaich ciamar a tha mi fhìn a' seasamh mu dheidhinn... mu dheidhinn na drochaid, agus gu bheil beachdan gu math làidir agam mu dheidhinn, agus gum bi sinn a' strì ann an Comhairle na Gàidhealtachd ri cur às dha na... cur às dha na cìsean, 's tha sinn an dèidh a bhith a' bruidhinn ri Oifis na h-Alba 's Rùnaire na Stàite 's a h-uile duine eile. Tha sinn anns na pàipearan 's air rèidio 's anns a h-uile sìon, 's tha fhios aig a h-uile duine mu dheidhinn, ach nì mi gu math cinnteach aig toiseach a' choinneamh gur e sin na beachdan a th' agam fhìn.

CM: 'S e. Ach 's e rud eile a th' ann, ge-tà, an-dràsta... duine dhe do sheòrsa, tha e cho cleachdte a bhith a' cur air adhart a bheachdan fhèin, tha thu gu bhith ann an sin a-nochd agus cha b' e sin an t-àite a tha gu bhith agad idir. Tha thu gu bhith ann an sin a' feuchainn ri rian a chumail eadar ceathrar air an àrd-ùrlar, agus daoine 's dòcha a bhios ag iarraidh na puingean phoilitigeach aca fhèin a dhèanamh bho am measg an t-sluaigh cuideachd. Dè cho furasta 's a bhios sin dhut, a bheil thu a' smaoineachadh?

AP: Uill, chan eil mi uabhasach cinnteach, a Choinnich, a chionn feumaidh duine faicinn cò na... cò na feadhainn a tha a' dol a thighinn gun a' choinneamh, agus gu dè strì a bhios aca, agus dòcha aig deireadh na h-oidhche gum b' fheàrr leam a bhith an àiteigin eile. Ach feumaidh sinn dìreach, mar a chanas iad, suck it and see. Feumaidh sinn fuireach agus faicinn ciamar a tha na daoine, 's tha mi an dòchas gu bheil a h-uile duine gu math righinn.

CM: A bheil seo coltach ri bhith na do rèitire air gèam ball-coise, ann an dòigh, mas e agus gu bheil fhios aig daoine, gu bheil daoine a' mothachadh cò an rèitire a th' ann, 's dòcha nach eil an rèitire a' dèanamh an obair aige cho math 's a bu chòir.

AP: Uill, tha mi cinnteach ma tha iad... ma chuireas tu e ann an aon dòigh ri ball-coise nach eil an referee, nach bi e a' còrdadh ri taobh sam bith. Ach tha mi coma. Shin agad... thuirt mise gun dèanainn e, agus nì mi e.

CM: A bheil cairtean bhuidhe gu bhith agad?

AP: Uill, ma thig e gu... ma thig e gu sin, bidh sinn a' cur daoine dheth. Off the field, a bhalaich. Off the field.

CM: Tha fhios agam, ged a tha mi a' dèanamh beagan fealla-dhà leat ann an seo, Ailein, 's tu fhèin a' dèanamh an aon rud leamsa. A' choinneamh a tha sin a-nochd ann an Talla Cruinneachaidh Phort Rìgh. Dè an uair?

AP: Aig leth-uair às dèidh seachd, a Choinnich.

CM: Agus bidh riochdairean an làthair an sin bho na ceithir pàrtaidhean mòra.

AP: Tha, tha. Tha na ceathrar... na ceathrar a' tighinn. Agus chan eil mi uabhasach cinnteach, dòcha gur e seo a' chiad turas riamh a thachair e anns an Eilean Sgitheanach, ach feumaidh mi feuchainn ri sin fhaighinn a-mach, ach chan eil cuimhn' agamsa air e tachairt roimhe co-dhiù, gun tàinig na... a h-uile duine a bha a' strì airson Pàrlamaid, gun tàinig iad uile cruinn còmhla aon àm.

CM: Agus bidh... agus a h-uile duine aca a' toirt a chreidsinn a-nochd nach ann ag iarraidh bhòtaichean a tha iad idir.

AP: Ò chan eil fhios a'm, a chruthaidheachd, a Choinnich, nach e sin a tha gan toir ann a sheo? Nach e sin a tha gan toir ann a sheo, a bhalaich? Agus feumaidh sinn suidhe air ais agus coimhead dè cho math 's a tha iad uile. Agus dòcha aig deireadh na h-oidhche gum bi mi fhìn a' smaoineachadh, dòcha gun toir mi bhòt do fear no tè aca.

CM: Uill 's ann a bha dùil agam, bha thu a' dol a ràdh gum biodh aithreachas ort nach do sheas thu fhèin.

AP: Och, cha bhithinn a' strì le Pàrlamaid idir, 'ille. Cha bu thoigh leam an obair sin.

CM: Ailein, tapadh leatsa gu dearbha. Ailean Peutan ann an sin, agus e gu bhith anns a' chathair ann an siud aig a' choinneamh a tha siud ann am Port Rìgh a-nochd. Agus cathair a dh'fhaodadh a bhith gu math teth, 's dòcha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math