Fhuair bàta gu tìr sàbhailte tro stoirm an dèidh do bhuidsic...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1954.134.1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fhuair bàta gu tìr sàbhailte tro stoirm an dèidh do bhuidsich tighinn air bòrd ann an riochd fheannagan.
Chuala am fiosraiche sgeulachd bho athair mu dheidhinn 'Oidhche nan Seann Doirlinn'. 'S e stoirm uamhraidh a bha seo anns an deach bàtaichean-iasgaich a chall. Bha aon bhàta à Àird nam Murchan a rinn an gnothach gu math. Thàinig triùir bhuidseach air bòrd ann an riochd fheannagan agus sheas iad air an t-slat-shiùil. Nuair a bha coltas ann gun rachadh am bàta fodha, thuirt an treas feannag ri fear a' bhàta nach bàthadh uisge e agus nach loisgeadh teine e. Dh'fhalbh iad an uair sin agus b' i an aon bhàta a ràinig am port sàbhailte.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Àird nam Murchan
Baile/Àite - Àth Tharracail
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Àird nam Murchan
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math