Rannsaich

Gille Odhar MacCràin - Diùrach a bha math le bogha saigheid....

Ceann-latha 12 August 1953
Àireamh a’ chlàir 5614
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.132.3a+b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.132

Geàrr-chunntas

Gille Odhar MacCràin - Diùrach a bha math le bogha saigheid.

B' e gaisgeach mòr a bha ann an Gille Odhar MacCràin a bha a' fuireach ann an Diùra san t-seachdamh linn deug. Rugadh e an am Braghasdail. B' e tuathanach a bha ann agus bha e beò gu aois ochd fichead bliadhna. Bha e ainmeil mar bhoghadair. Thàinig reubalaich mun cuairt le bàta a ghoid a' chruidh aca. Nuair a bha iad air an crodh a chur air bòrd agus iad deiseil gu seòladh, thàinig saighead às an adhar a chaidh tro làmh a' cheannaird aca a-steach do bheul a' bhàta. Nochd an Gille Odhar riutha agus dh'iarr e orra an crodh a leigeil ma sgaoil - rud a rinn iad gun dàil leis an eagal.

Thuirt fear a' bhàta gun robh e air cluinntinn gun robh an Gille Odhar ainmeil mar bhoghadair agus gum bu toigh leis an sgil aige fhaicinn. Chuir an Gille Odhar ugh air ceann a mhic fhèin agus loisg e saighead troimhe. Bha saighead eile aige deiseil gus fear a' bhàta a mharbhadh nam biodh cron air tachairt dha mhac. Chaidh an Gille Odhar a thiodhlacadh ann an Cill Earnadail agus chithear an uaigh aige chun an latha an-diugh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Gille Odhar MacCràin

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Diùra

Eilean - Diùra

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Diùra

Eilean - Diùra

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Archie MacKechnie (AM): Bu mhath leam naidheachd innse dhuibh timcheall air gaisgeach ainmeil a bh' ann an Diùra anns an t-seachdamh linn deug, duine ris an abradh iad... duine ris an abradh iad Gille Odhar MacCràin. Bha... rugadh agus thogadh e shìos ann an àite ris an abradh iad Braghasdail. Bha... bha e na thuathanach ann an sin, còmhla ri mòran eile. Fhuair e aois mhòr. Fhuair e aois mhòr agus...

Calum MacIllEathain (CM): Bha iad ag ràdh gun robh e... gun robh... cò meud bliadhna a bha e nuair a...?

AM: Bha iad ag ràdh gun robh e ochd fichead bliadhna nuair a shiubhail e.

CM: Dìreach.

AM: Agus bha e sin... bha e ainmeil leis a' bhogha agus leis an t-saighead.

CM: Seadh.

AM: Agus thàinig reubalaich mun cuairt trò a ghoid a' chruidh orra. 'S bha an crodh... bha am bàta aca shìos ann am port agus i làn crodh, agus iad deas a sheòladh, nuair a thàinig saighead a-nuas às an adhar orra agus dh'fhuaigh e làmh an àrd-fhear aca ri beul-mòr a' bhàta. Agus thug e... thug e sanas don fheadhainn eile an sin, iad... iad ag amharc a-mach, gun robh an Gille Odhar mun cuairt.

'S gann a bha facal às a bheul nuair a thàinig an Gille Odhar. Agus dh'innis e... dh'innis e gum b' esan an Gille Odhar, agus iad a' leigeil nam beathaichean a-mach às a' bhàta sa mhionaid. 'S rinn na daoine sin.

Thuirt fear a' bhàta ris:

"Tha mi a' tuigsinn," thuirt esan, "gu bheil thu ainmeil leis a' bhogha agus leis an t-saighead."

"Tha," thuirt esan.

"Uill, bu mhath leam gum faicinn pàirt de d' obair."

"Uill," thuirt esan, "thig a-nìos an seo, agus tha mo mhac ann an seo," thuirt esan, "agus cuiridh mi ugh air a cheann, agus bristidh mi an t-ugh air ceann mo mhac."

Agus 's e seo a rinn e. Ach aig a cheart àm, mun do bhrist e an t-ugh air ceann a mhac, thug e saighead eile leis agus stob e anns a' ghrunnd i.

"Carson a tha an saighead seo eile?" dh'fhaighnich fear a' bhàta.

"Nan do... nan do... mur an do dh'amais mise mo mhac," thuirt esan, "dh'amais mi seo a chur 'ad chridhe-sa."

CM: Glè mhath.

AM: Agus tha an Gille Odhar, tha e tiodhlaichte ann an Cill Earnadail ann an Diùra, air an làimh chlì nuair a thèid duine a-staigh air a' gheata. Tha e pìosa beag suas on geata ann an sin. Tha an uaigh aige air a leigeil fhaicinn an sin gus an latha an-diugh.

CM: Agus an e [???] fear a b' aosta a bha an Diùra?

AM: 'S e. 'S e. Bha e ainmeil airson seann aois a fhuair e. Agus bidh na daoine ag ràdh gus an latha an-diugh, "Ged a gheibhinn-sa aois a' Ghille Odhair," mar gum b' eadh, cha dhèanainn siud no seo.

CM: Seadh, dìreach. Sin agaibh mar a bha an Gille Odhar ma-thà.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math