Rannsaich

Cò Sheinneas an Fhìdeag Airgid

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 1967
Àireamh a’ chlàir 56966
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1967.149.A

Àireamh an Teip Thùsail

SA1967.149

Geàrr-chunntas

Tha ceangal aig an òran luaidh seo ris na Seumasaich. Tha e a' bruidhinn air a' Phrionnsa a' tighinn a dh'Alba, agus ag ainmeachadh chinnidhean a bhiodh taiceil.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Hebridean Folksongs' vol. 3 (Campbell/Collinson) p. 220

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Cò sheinneas an fhìdeag airgid
Hao hill ìthill iù hill eò
Hao hill ìthill iù hill eò
Mac mo rìgh-sa dol gu fairge
Hó ro hua hao hill eò

Mac mo rìgh-sa dol gu fairge
Hao hill ìthill iù hill eò
Dèanamh deas gu tighinn do dh'Alba
Hó ro hua hao hill eò

Dèanamh deas gu tighinn do dh'Alba
Hao hill ìthill iù hill eò
Air luing mhòr nan trì chrann airgid
Hó ro hua hao hill eò

Air luing mhòr nan trì chrann airgid
Hao hill ìthill iù hill eò
Sreangannan den t-sìoda Fhrangach
Hó ro hua hao hill eò

Sreangannan den t-sìoda Fhrangach
Hao hill ìthill iù hill eò
Ulagan òir air gach crann dhith
Hó ro hua hao hill eò

Ulagan òir air gach crann dhith
Hao hill ìthill iù hill eò
'S nuair thig mac mo rìgh gu fearann
Hó ro hua hao hill eò

'S nuair thig mac mo rìgh gu fearann
Hao hill ìthill iù hill eò
A chur fàilt' air Mac 'ic Ailein
Hó ro hua hao hill eò

A chur fàilt' air Mac 'ic Ailein
Hao hill ìthill iù hill eò
'S air ceann-feadhna Ghlinne Gharann
Hó ro hua hao hill eò

'S air ceann-feadhna Ghlinne Gharann
Hao hill ìthill iù hill eò
'S air MacDhòmhnaill Mhòir on Cheapaich
Hó ro hua hao hill eò

'S air MacDhòmhnaill Mhòir on Cheapaich
Hao hill ìthill iù hill eò
'S air MacDhòmhnaill Dhuibh Loch Abair
Hó ro hua hao hill eò

'S air MacDhòmhnaill Dhuibh Loch Abair
Hao hill ìthill iù hill eò
'S nuair thig mac mo rìgh-sa dhachaigh
Hó ro hua hao hill eò

'S nuair thig mac mo rìgh-sa dhachaigh
Hao hill ìthill iù hill eò
Cha b' e 'm biadh dha bhreacag thana
Hó ro hua hao hill eò

Cha b' e 'm biadh dha bhreacag thana
Hao hill ìthill iù hill eò
Ach bacastair a' [?chuaichein] arain
Hó ro hua hao hill eò

Ach bacastair a' [?chuaichein] arain
Hao hill ìthill iù hill eò
'S fuaim na beòir a' dol sa channa
Hó ro hua hao hill eò

'S fuaim na beòir a' dol sa channa
Hao hill ìthill iù hill eò
Fuaim an fhìona dol sa ghlainnidh
Hó ro hua hao hill eò

Fuaim an fhìona dol sa ghlainnidh
Hao hill ìthill iù hill eò
'N t-uisge-beatha an treas earrann
Hó ro hua hao hill eò

'N t-uisge-beatha an treas earrann
Hao hill ìthill iù hill eò
'S branndaidh chruaidh a-nuas à Gallaibh
Hó ro hua hao hill eò

'S branndaidh chruaidh a-nuas à Gallaibh
Hao hill ìthill iù hill eò
'S cuiridh sibh na Goill gu 'n dùbhlan
Hó ro hua hao hill eò

'S cuiridh sibh na Goill gu 'n dùbhlan
Hao hill ìthill iù hill eò
Cuiridh sibh Rìgh Seòras dhachaigh
Hó ro hua hao hill eò

Cuiridh sibh Rìgh Seòras dhachaigh
Hao hill ìthill iù hill eò
Do Hanòbhar a-null thairis
Hó ro hua hao hill eò

Do Hanòbhar a-null thairis
Hao hill ìthill iù hill eò
Cò sheinneas an fhìdeag airgid
Hó ro hua hao hill eò

Cò sheinneas an fhìdeag airgid
Hao hill ìthill iù hill eò
Cò theireadh nach seinninn fhìn i
Hó ro hua hao hill eò

Cò theireadh nach seinneadh sheinneadh
Sheinninn fhìn i 's Donnchadh Camshron
Hó ro hua hao hill eò

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math