Rannsaich

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

CeannLaABhuird 07.03.1991

Geàrr-chunntas

Deasbad mu Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Am prògram mu dheireadh ann an sreath de chòig prògraman mu Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Chaidh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1965 agus tha am prògram seo, a chaidh a chlàradh 25 bliadhna às dèidh sin, a' beachdachadh air cuid de na gearanan agus molaidhean mu obair a' bhùird a nochd anns an t-sreath. Thathar a' deasbad dè an t-àite a bhios aig Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Thathar cuideachd a' coimhead air adhart ris an t-saoghal ùr a tha ri tighinn agus a' bhuidheann ùr Buidheann Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' gabhail àite Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd.

A' gabhail pàirt anns a' phrògram tha Iain MacAsgaill, a bha na rùnaire air a' bhòrd, am fear-naidheachd Màrtainn Dòmhnallach, Tormod MacIllÌosa, a bha na bhall de bhuidheann Iomairt an Eilein Sgitheanaich agus Dòmhnall MacAmhlaigh, a bha na oifigear leasachaidh aig a' bhòrd airson iomadh bliadhna agus a bha na chiad stiùiriche aig companaidh Iomairt nan Eileanan Siar. Is e Ùisdean MacIllFhinnein a tha anns a' chathair.

Àite a' Chuspair

Baile/Àite - A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math