Rannsaich

An droch-shùil is nithean eile.

Ceann-latha June 1964
Àireamh a’ chlàir 58800
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.36.B6a; B6b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.036

Geàrr-chunntas

An droch-shùil is nithean eile.

Bha tuathanach an Calanais uaireigin aig an robh an droch-shùil agus, ga aindeoin fhèin, mharbh e an tarbh aige fhèin. Uair eile, chuir cuideigin an droch-shùil ann an each a bha aig an fhiosraiche. Tha e ag innse mar a fhuair e cuidhteas an droch-shùil le bhith a' crathadh uisge air airgead air an ainmhidh, ann an ainm an Athar, a' Mhic, 's an Spioraid Naoimh.

Iomradh air na creutairean a leanas: taibhse; bòcan; tannasg.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Innsibh dhomh a-nise, dè th' ann an taibhs, mar a tha sibhse a' cleachdadh an fhacail? Dè chanas sibh a th' ann an taibhs?

Pàdraig Stiùbhart (PS): Taibhs, taibhs, 's e taibhs duine a tha a' faicinn dà-shealladh.

IM: Seadh. An duine fhèin a tha ga faicinn?

PS: An duine fhèin, aig a bheil dà-shealladh. 'S e sin taibhs. 'S e Dòmhnall nan Taibhseachan, no Iain nan Taibhseachan, no Aonghas nan Taibhseachan. Tha an duine sin a' faicinn taibhs e fhèin. Chan fhaic thusa no mise e, ach tha iadsan ga fhaicinn. Sin taibhs. Fear a tha a' faicinn taibhseachan.

IM: Seadh. Agus dè th' anns na taibhseachan? An e sin na...

PS: Nì a tha a' dol a thachairt. 'S e th' anns an taibhs, nì a tha a' dol a thachairt. Chan eil cothrom sam bith aig an duine seo, ach chan e obair droch spiorad a th' ann an sin ann. Chan e obair droch spiorad a tha sin. Chan eil cothrom aig an duine sin air. Tha e air a thoir dha na shùilean. Tha esan ga fhaicinn 's tusa ri thaobh agus chan eil thu a' faicinn càil. Chan eil cothrom sam bith aig an duine sin air. Tha e dìreach na shùilean.

IM: Seadh. Agus, chan e mar gum bitheadh spioradan a th' anns na taibhseachan?

PS: Chan e.

IM: Ach dìreach dealbh a tha...?

PS: Rud a chaidh a thoir dhàsan na shùilean. 'S dòcha gum faic e rud a tha a' tighinn ortsa, nach tàinig fhathast.

IM: Seadh, seadh. Seadh. Agus tha taibhseachan mar sin a' gabhail a-staigh dòcha tiodhlacaidhean 's... far am bitheadh 's dòcha mò-... gum faiceadh duine mòran sluaigh, 's gum faiceadh duine 's dòcha aon duine, 's mar sin?

PS: Seadh.

IM: Seadh. Nise, dè th' ann am bòcan?

PS: Bòcan. Uill, canaidh iad an seo... canaidh iad ann an seo, a bheil thu a' tuigsinn, "Ò 's e duine nam bòcan a tha sin." Uill, duine nam bòcan, 's e seo duine, a bheil thu a' tuigsinn, a tha lag anns an inntinn. Bòcan. Tha e a' gabhail bòcanan. Canaidh iad ris an each ann a sheo e. Canaidh iad ris an each a tha a' gabhail bòcanan. Seadh, each a tha lag na inntinn, a bheil thu a' tuigsinn. Gabhaidh e feagal bho rud sam bith.

IM: Each sgeunach, mar a chanadh sinn?

PS: Seadh. Canaidh... seadh. Each sgeunach. Canaidh... bòcan a chanas iad ann a sheo ris. Tha an duine sin... Chan e sin an t-ainm ceart idir.

IM: Seadh. Agus an robh sibh fhèin ge-ta, a' cleachdadh an fhacail seo?

PS: Cha robh, cha robh. Cha tuirt mi riamh am facal. Cha robh. Thoradh cha chreid mi gu bheil mòran ciall aig an fhacal sin ann.

IM: Dìreach. Agus... agus a-nise...

PS: Bòcan. Ach tha e aca an dèidh sin, tha... duine bòcanach a tha sin. Duine bòcanach.

IM: Duine bòcanach.

PS: Seadh. Duine bòcanach. Ò bidh esan a' faicinn bòcanan an-còmhnaidh. Seadh, rud a th' ann an inntinn an duine fhèin.

IM: Chan e spiorad sam bith a th' anns a' bhòcan?

PS: Chan e, chan e. Chan e, chan e. Tha e dìreach anns an duine fhèin.

IM: Seadh. 'S a-nise, 's aithne dhuibh am facal tannasg, an aithne?

PS: 'S aithne.

IM: 'S ciamar a bhiodh sibh a' cleachdadh an fhacail sin?

PS: Tannasg. Uill, canaidh iad sin... Tannasg. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil am facal sin a-rithist air tighinn a-staigh a dh'ionnsaigh nì a tha iad air a faicinn, a bheil thu a' tuigsinn. 'S e tannasg, agus canaidh feadhainn eile... chan eil fhios a'm nach canadh feadhainn eile taibhs ri sin, ach chan eil taibhs ann ach aon. Tha an duine... an duine a tha a' faicinn taibhs [???] tha e aige an-còmhnaidh na shùil. Nise, tha feadhainn eile ann aig a bheil... anns an t-sùil, chan e tannasg idir a tha san t-sùil, ach droch-shùil. Droch-shùil. Droch-shùil a tha a' laighe ort. Chan urrainn dha a leasachadh. Chan urrainn dha a leasachadh.

IM: Agus chan ann... an droch-shùil, chan ann o dhroch rùn no droch ghean?

PS: Chan e obair an Diabhail idir a th' ann.

IM: Dh'fhaodadh e a bhith... dh'fhaodadh sùil duine sam bith laighe air?

PS: Laighidh e air a chuid fhèin. Bha tuathanach mòr thall ann an Calanais ann a shin, 's chan ann an Calanais a bha e ach ann an Linsiadar, mu choinneamh Chalanais, tha taigh mòr geal ann fhathast, agus bha tac ann. Bha an duine trom ann am bodhaig, agus cha bhiodh e a' dol a-mach bho dheireadh idir. Cha robh nì air am buaileadh a shùil a bha... a bha snog, ma-thà. Ma bha e bòidheach. Ma bha e sgiobalta air a chasan. Ma bha pearsa math aige. Nam buaileadh a shùil air, bha e finished. Eadhon e fhèin. Ach bha an grèidhear a' falach na beothaichean air. A bheothaichean fhèin. 'S e Seumas Ruadh a chanadh iad ris. Duine mòr, trom.

"Tha mi a' cluinntinn," thuirt e ris a' ghrèidhear, "gun d' fhuair sibh tarbh an-diugh."

"Fhuair," ars an grèidhear.

"Dè seòrsa tarbh a th' ann?"

"Ò tha," thuirt an grèidhear, "tarbh freagarrach."

Bha an grèidhear gu math eòlach air.

"Tarbh freagarrach gu leòr airson an àite a tha seo."

Agus:

"Gu dè an cumadh a th' air?"

Ò, dh'innis an grèidhear e dha.

"Ò," ars esan, "thoir a-nuas," ars esan, "air beulaibh an uinneag e."

Agus thuirt esan... bha sèithear aige a bha a' falbh air chuibhleachan, 's bha... dheigheadh e a-null gun an uinneag.

"Cha tèid... cha toir," thuirt am bal-... an duine, "mise gu beulaibh an uinneag e. Tha an tarbh ann a leithid seo a phàirc," ars esan. "Chan eil mise a' dol ga thoir às. Agus tha mise ag innse dhut suidheachadh an tarbh," thuirt esan, "agus cumadh an tarbh," thuirt esan, "gum freagair e an t-àite a tha seo."

"Is tusa an sgalag agamsa," ars esan. "Dèan an rud a tha mise ag iarraidh ort. Thoir a-nuas an tarbh ann an sin," ars esan, "gu 'm faic mise e."

'S e duine sgileil a bh' ann. Thug iad an tarbh a-null, 's air beulaibh [???], chaidh e, 's bha taigh mòr àrd ann, tha e dà storey a dh'àirde, 's thàinig e gu beulaibh an uinneag, 's e na shuidhe anns an t-sèithear. Uair a thìde an dèidh sin, thuit an tarbh. 'S bha e marbh air a bheulaibh. A tharbh fhèin.

IM: Agus dè chanadh iad, an e gun do laigh a shùil, no gun do ghabh a shùil? Dè chanadh iad?

PS: Ò an aon rud a th' anns an dà rud sin. Gun do laigh a shùil air, gun do ghabh a shùil air. Gun do ghabh a shùil air. Uill, tha feadhainn a-nise... tha... ghabh a shùil air, a bheil thu a' faicinn, chan e seòrsa... chan e seòrsa sanntachadh idir.

IM: Ò seadh. Seadh, dìreach. Tha rud eile ann far a bheil sanntachd a bhith a' tighinn a-staigh?

PS: Seadh. Tha duine... tha duine a' miannachadh. Tha duine a' miannachadh. Sanntachadh. Miannachadh.

IM: Seadh, seadh. Tha mi a' tuigsinn.

PS: Uill, tha thusa ga mhiannachadh dhut fhèin. Uill, tha an t-sùil aige ann an sin. Uill seall, tha sin anns a' Bhìoball. Na sanntaich.

IM: Tha. Ò tha.

PS: Na sanntaich cuid do choimhearsnach. Nise, an t-sùil a tha dorch, gheibh thu sin anns a' Bhìoball cuideachd. An t-sùil a tha dorch, tha an corp uile-gu-lèir dorch leatha, agus is mòr an dorchadas e. Tha sin anns a' Bhìoball. Tha. Nise, ma tha an t-sùil dorch, tha an corp uile dorch. 'S e fìor dhroch rud a th' ann.

IM: Agus chan e, mar gum bitheadh, sgil shònraichte sam bith a bhith aig duine, ach dìreach gum biodh e a' sanntachadh agus gun tigeadh e an cois sin fhèin?

PS: Chuala mi 's chunnaic mi, chunnaic mi a bhith a' toir air ais an rud sin. Shanntaich neach eile e, 's dh'aithnich thusa gun deach d' shanntachadh, agus leighis thu do bheathach fhèin.

IM: 'S ciamar a bha iad a' dèanamh sin?

PS: Uill, chan e... na faighnich ciamar a bha iad a' dèanamh sin, ach faighnich ciamar a rinn thu sin. Mi fhìn a rinn e. Ach chunnaic mi e bhith ga dhèanamh aig duine eile. Chunnaic mi dà uair ron a sin e, agus rinn mise an tritheamh uair e, 's chaidh e leam fhìn. Ann am fianais... rinn mi e ann am fianais mu chuairt air ceithir duine fichead e. Chan ann... chan ann ann an... chan ann ann an cùl a rinn mi e, ach ann am fianais ceithir duine fichead, de dhaoine mòra, treuna. Dh'fhalbh na daoine le feagal am beatha, 's bha iad a' bualadh an làmhan mar sin. Chan eil e ag obair?

IM: Tha, tha. Tha sibh ceart gu leòr.

PS: Ò Thighearna. I didn't...

[Stad sa chlàradh an seo.]

IM: Shin e, ma-thà. Seadh, agus ciamar a rinn sibh seo?

PS: Tha e furasta ri innse dhut. Tha e furasta dhutsa a dhèanamh cuideachd. Tha e furasta dha duine sam bith a dhèanamh. Bha ainmhidh agam a bha aosta, 's bha ainmhidh eile agam a bha òg, agus 's e am fear aosta a bha a' dèanamh an obair, thoradh bha am fear òg, bha e ro òg airson a chur a dh'obair. Agus bha i a' dèanamh tòrr obair dhomh, ach bha mi cho math dhi agus a ghabhadh math a bhith. Thàinig duine a-mach an latha seo.

"Tha thu a' cantail rium," thuirt esan, "gu bheil thu an dèidh an t-seana bheathach an ìre mhath a mharbhadh le obair. Tha," ars esan, "cha chreid mi idir thu," ars esan, "'s ann a tha am beothach sin a' tighinn air adhart."

'S bha i air mo bheulaibh, a dhuine.

"Och uill," thuirt mise, "cha chreid mi nach toir mi dhi an latha seo dìomhain." 'S e Disathairne a bh' ann. "Cha chreid mi nach toir mi dhi an latha seo dìomhain. An leig mi às i?"

Leig mi halter às a ceann, 's dar a leig mi às i, dh'fhalbh i 's chuir i a ceithir chasan bhos a cinn 's rinn i dubh an talamh, a' ruith air ais 's air adhart, and by golly thuirt mi rium fhìn, "Chan eil a bheag a sgìths ortsa." 'S dh'fhalbh mi sìos far an robh i, 's rug mi oirre. Chuir mi an coilear air a h-amhaich 's air an t-srian. Chuir mi dhan a' chairt i. A' dol suas ann an sin an t-sràid, bha sinn [?aig rate] full out, an rathad ann a shin. 'S ann air sràid Dhail bho Dheas, a' chiad... a' chiad baile an Nis, agus bha a' chairt loaded.

"Tha taigh ann an seo," thuirt mise, "agus 's e seann bhean a th' ann, agus seann duine, agus tha mise a' dol a-null far a bheil iad." Thuirt mi seo ris a' bhean. "Agus cùm thusa do shùil," thuirt mise, "air a h-uile càil gu 'n till mi."

Thoradh cha chaomh leam an taigh sin fhàgail gun fios a thoir dhaibh... 's e seann duine a th' ann, 's seann bhean. Dh'fhalbh mi a-null. Nuair thill mi air ais, thuirt i rium anns a' Bheurla:

"This beast you have is," thuirt ise, "stone blind."

"Ist," thuirt mise, "tha thu fhèin dall."

"Alright," ars ise. 'S e Beurla a bh' aicese. "Fuirich gum faic thu," thuirt ise.

Dh'fhalbh mi 's rug mi air cheann oirre, mi ga toir air adhart gu taigh eile. Air a rug mise air a' cheann oirre, bha i a' bualadh... a' tiopaigeadh na casan toisich aice air an rathad mhòr, le dìth lùths.

"Ò," thuirt mi rithese anns a' Bheurla, "an ainm a Dhia," thuirt mise, "feuch am buail thu às mo dhèidh i gu 'm faigh mi air cùl cruach i gu 'm fosgail mi i," thuirt mi. "Cha do rinn mise a leithid seo riamh," thuirt mise. "Ainmhidh," thuirt mise, "gu bhith marbh a chur dhan a' chairt."

Bha i dall. Bha i dall. A' chiad chruach... uill, bha na cruachan às dèidh a chèile. "[???]," thuirt mise, "the bridging straps, and I'll keep her up."

Rinn i seo. Ach nuair a fhuair mi cothrom airson a toir air cùl cruaich airson am beathach fhalach air a' bhaile ann, air a bha sinn a' fosgladh na treasaichean, na guailneanan mar a chanas iad, air a bha sinn a' fosgladh na treasaichean leathair a bha seo, laigh i sìos anns a' chairt. Laigh ise 's cha d' fhuair sinn a-mach idir i. Laigh i sìos. Agus bhuail mi mo bhròg oirre san tòin. Dh'èirich i an-àirde air a casan agus fhuair sinn na strapaichean fhosgladh 's leig sinn a' chairt dhith 's thug sinn an uair sin gu cùl na cruaich i 's laigh i sìos, leis a' harness oirre. Laigh i sìos 's a' harness oirre. Beathach a bha cho fresh ri daisy air a chuir mise dhan a' chairt i.

Chruinnich sluagh. Chunnaic iad i. Chunnaic iad i a' laighe anns a' chairt. Chruinnich sluagh. Thàinig iad a-nall far an robh i.

"Ò Phàdraig," thuirt esan, "tha mi glè dhuilich air do shon. An dearbh àm a th' ann," ars esan, "chan fhaigh thu beathach."

'S e an t-earrach a bh' ann 's bha a h-uile duine ag obair, le an cuid fhèin.

"[???]," thuirt mise, "chan eil cothrom air. 'S e beathach òg a th' agam," thuirt mise. "Chan urrainn dhomh obrachadh. Ach cha do thachair a leithid seo dhòmhsa riamh."

"Will you go into that house for a drop of water."

'S bha i uabhasach socharach, a' bhean. Chaidh i a-steach dhan an taigh. 'S air a chaidh i a-steach dhan an taigh, gu dè bh' ann a-nise bha searbhanta a-staigh ceart gu leòr, ach gu dè a bh' ann ach searbhanta, a bheil thu a' tuigsinn, cha robh i làidir gu leòr, 's cha robh Beurla aice. 'S dh'iarr ise am bùrn, a bheil thu a' tuigsinn. Dh'iarr ise uisge ann am Beurla 's cha do thuig an creutair i. 'S ann à Borgh a bha an creutair a bha a-staigh. Cha robh i [?fhèin làidir]. Thàinig i a-mach.

"Ò," thuirt ise, "chan eil am boireannach ud ga mo thuigsinn-sa ann."

"Oh dear me," ars mise, "nach fhaodadh tu am bùrn a thoir a-mach às a' pheile, gun iarraidh idir."

Dh'fhalbh mi... bha na daoine nan seasamh. Dh'fhalbh mi 's thug mi a-mach soitheach às a' chairt, soitheach crèadha. Thaom mi anns a' pheile e. Cha do dh'fhaighnich mise airson bùrn no càil eile. Bha i gu bhith done co-dhiù 's cha robh an còrr ann. Do or die. Sink or swim. Thug mi leis... thug mi leis am bùrn. Chuir mi òr a dheich tastain ann. Chuir mi bonn trì-sgillinn ann. Chan eil e gu diofar dè am bonn chuir thu ann. Nam b' e airgead a bh' ann, nam b' e òr a bh' ann. Ged a b' e fàinne a bhiodh ann, bhiodh e a cheart cho math.

IM: Agus am feum... am feum... am feum na dhà a bhith còmhla ann? No nì fear seach fear an gnothach?

PS: Cha dèan. Chuir mi an t-òr a dheich tastain ann, chuir mi bonn trì-sgillinn ann, agus snàthad bheag.

IM: Snàthad cuideachd?

PS: Snàthad cruaidh. Bha na daoine ga faicinn. Twenty-four of them. 'S chaidh mi suas gu a ceann. Chaidh mi suas gu a ceann, agus rug mi air an uisge mar sin, 's chrath mi oirre e, 's bheannaich mi an t-ainmhidh, ann an ainm an t-Athair 's am Mac 's an Spiorad Naomh. Chrath mi oirre e. 'S bha na daoine ag èisteachd rium. Bha na daoine gam fhaicinn. Dh'èirich an t-ainmhidh sin. Rinn i aon leum air a... rinn i mar sin. Chrath i i fhèin, 's chrath i i fhèin a-rithist. Chrath i i fhèin trì tursan, 's leum i sìos. Chaidh i sìos gu sruthan. Uisge a bha a' ruith. Dh'fhalbh i sìos 's dh'òl i deoch. Chunnaic an sluagh mise ga toir a-nuas, a' cur an coilear air a h-amhaich 's bha i cho math 's a bha i riamh. Dh'fhalbh na daoine.

"A Phàdraig, a Phàdraig, cà 'n do thadhail thu? Cà 'n do thadhail thu?"

"Cha do thadhail mi 'n àite," ars mise, "anns a' bhaile agaibh fhèin."

Agus tha mi glè dhuilich gun do chuir mi breug air a' bhaile aca fhèin. Cha b' ann anns a' bhaile aca fhèin a dh'èirich e dhomh. 'S e duine nach buineadh a mhuinntir dhen àite idir, 's e a thuirt riumsa:

"'S ann a tha am beathach sin agad a' brotachdainn."

'S e sin a' fàs math, a bheil thu a' tuigsinn.

"'S ann a tha am beathach sin agad," ars esan, "a' brotachdainn."

Chan e a-mhàin an duine sin a-nis. B' e seo seann duine. Bha e na mhac... bha e anns an dàrna mac bu shine, 's bha e anns am mac a b' fhaisg air a-rithist. Bha dithis mhic aige aig an robh an dearbh rud a bh' aig an athair.

IM: An t-sùil.

PS: An t-sùil. Sanntachadh.

IM: Agus a-nise, am b' urrainn dhaibhsan a leithid sin, dh'fhaodadh iadsan a bhith cuidhteas e, nan togradh iad?

PS: Chan urrainn dhaibh a bhith cuidhteas e. Fhuair iad an t-sùil. Chan urrainn dhaibh... chan urrainn dhaibh a chur air falbh bhuapa.

IM: Agus an dèanadh iad... cha dèanadh iad air an cuid fhèin e, ge-tà? Daoine a bha a' sanntachadh?

PS: Uill, rinn am fear seo a bh' ann Linsiadar air a chuid fhèin, ach cha chuala mi riamh gun do rinn [???] dearbh fheadhainn mus dèanadh iad air an cuid fhèin e. Ach rinn am fear seo ann an Linsiadar, rinn e air a chuid fhèin e. Nach robh sin cianail.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math