spacer
spacer

Naidheachd bheag mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasd...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Naidheachd bheag mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasd...
Fiosraichean - Leagsaidh Chaimbeul
Luchd-clàraidh - Mòrag NicLeòid;
Item Person - Mac an t-Saoir, Donnchadh Bàn

Geàrr-chunntas - Naidheachd bheag mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair.

Thachair Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri chèile agus ghabh Donnchadh Bàn an t-òran a rinn e dha bhean. Bha Alasdair dhen bheachd gun fheumadh bean Donnchaidh a bhith brèagha. Thug Donnchadh cuireadh dha tighinn a Dhùn Èideann gus am faiceadh e fhèin i. Chaidh Alasdair a Dhùn Èideann agus gu taigh Dhonnchaidh. Nuair a ghnog e air an doras thàinig cailleach mhòr ghrànda agus dh'fhaighnich e an robh Donnchadh Bàn a-staigh. Fhreagair i gun robh agus a-steach a ghabh Alasdair. Bha e fhèin agus Donnchadh a' gabhail drama nuair a dh'fhàg e air Donnchadh gun robh e ris na breugan, oir chan fhaca e tè cho grànda a-riamh na bheatha. Thuirt Donnchadh ri Alasdair, "Chan fhaca tu le mo shùilean-sa i!"

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:01:54
Àm Clàraidh - 1970.11.13
Àm a' Chuspair - 1770 gu 1780
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 58939
Àireamh an Teip Thùsail - SA1970.325
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1970.325.A5
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Cill Mo Naomhaig
  Baile/Àite - Drochaid Ruaidh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/58939/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA