Rannsaich

Naidheachd bheag mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasd...

Ceann-latha 13 November 1970
Àireamh a’ chlàir 58939
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.325.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.325

Geàrr-chunntas

Naidheachd bheag mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair.

Thachair Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri chèile agus ghabh Donnchadh Bàn an t-òran a rinn e dha bhean. Bha Alasdair dhen bheachd gun fheumadh bean Donnchaidh a bhith brèagha. Thug Donnchadh cuireadh dha tighinn a Dhùn Èideann gus am faiceadh e fhèin i. Chaidh Alasdair a Dhùn Èideann agus gu taigh Dhonnchaidh. Nuair a ghnog e air an doras thàinig cailleach mhòr ghrànda agus dh'fhaighnich e an robh Donnchadh Bàn a-staigh. Fhreagair i gun robh agus a-steach a ghabh Alasdair. Bha e fhèin agus Donnchadh a' gabhail drama nuair a dh'fhàg e air Donnchadh gun robh e ris na breugan, oir chan fhaca e tè cho grànda a-riamh na bheatha. Thuirt Donnchadh ri Alasdair, "Chan fhaca tu le mo shùilean-sa i!"

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac an t-Saoir, Donnchadh Bàn

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cill Mo Naomhaig

Baile/Àite - Drochaid Ruaidh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mòrag NicLeòid (MN): What about this story about Donnchadh Bàn and Alasdair mac Mhaighstir Alasdair?

Leagsaidh Chaimbeul (LC): You know when...

MN: Innsibh ann an Gàidhlig i.

LC: Bha, Donnchadh Bàn 's Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, thachair iad, 's ò, bha iad a' cur am bàrdachd an cèill ri chèile. 'S ghabh Donnchadh Bàn, ghabh e an t-òran a rinn e dhan bhean, agus thuirt Alasdair mac Mhaighstir Alasdair:

"Uill, feumaidh gur e boireannach uamhraidh brèagha a th' anns a' bhean agad."

"Thig thusa a choimhead ormsa an Dùn Èideann... a Dhùn Èideann," thuirt e fhèin, "agus chì thu air do shon fhèin, a' chiad chothrom a bhios agad."

Dh'fhalbh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair - [?theagamh] gun robh... gun robh adhbhar aige a' dol ann, ach chaidh e a choimhead air Donnchadh Bàn nan Òran. Ò bha tàir uamhraidh aige fhaighinn, ach fhuair e mu dheireadh e 's bha e a' dol an-àird staidhrichean fiodh agus thàinig e gu doras an sin, 's bha 'D. MacIntyre' air. Ghnog e an doras. Thàinig cailleach mhòr oillteil a-mach. Tè mhòr reamhar leathann. Agus thuirt e:

"A bheil Donnchadh Bàn nan Òran seo?"

"Tha. Thig a-staigh," thuirt i.

Chaidh e a-staigh. 'S bha esan na shuidhe a-staigh na sheann duine gun teagamh an uair sin. Bha a' chailleach bhochd a' fàs sean cuideachd. Agus bha cracas aca 's bha dramachan aca, 's a-nist agus thuirt Alasdair mac Mhaighstir Alasdair:

"'S fheàrr dhomh a bhith a' falbh."

Bha e a' dol taobheigin eile.

Dh'fhalbh Donnchadh Bàn nan Òran leis, agus rinn e an gnothach cinnteach nach cluinneadh a' chailleach e co-dhiù, agus nuair a bha e air falbh bhon àite, thionndaidh e mun cuairt 's thuirt e ri Donnchadh Bàn nan Òran:

"Uill, tha mi a' smaoineachdainn gur tu duine as breugaiche a th' air thalamh."

"Ciamar seo?" thuirt Donnchadh Bàn.

"Ò, an t-òran a rinn thu dhan bhean. Tha mi a' smaoineachdainn gura h-i cailleach cho grànda 's a chunna mi riamh."

"A bhròinein," thuirt e, "chan fhaca thusa tro mo shùilean-sa i."

MN: Glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math