Rannsaich

Dealan-dè

Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 60002
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DealanDe 1988.05.06

Geàrr-chunntas

Mar a bha iad a' dèanamh uisge-beatha mì-laghail ann am Pabaigh.

Tha Iain MacDhòmhnaill às na Hearadh a' bruidhinn mu mar a bha iad a' dèanamh uisge-beatha mì-laghail aon uair ann am Pabaigh. Tha e ag innse càit an robh seo a' tachairt air an eilean agus mar a bha e air a dhèanamh. Cha deach an glacadh a-riamh ris an obair seo – ach tha Iain ag innse grunn de stòiridhean mar a theab an glacadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Pabaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Iain MacDhòmhnaill (IM): Tha an t-àite ann a shiud, ann am Pabaigh fhathast, anns an robh iad a' dèanamh an uisge-bheatha. Ach cha b' ann aig na taighean a tha e. 'S ann a tha e thall pìos math seachad gu na taighean. Agus mura biodh fhios agad air, 's mura deigheadh innse dhut, 's mura gabhadh tu beachd air an rud, tha e air a dhèanamh agus dheigheadh iomadach duine ionnsaichte seachad air 's gun fhios aige carson a bha na rudan. 'S ann a tha na leacan, leacan mòra smaointeanach, chan eil fhios agamsa dè cho fad 's a tha iad anns an talamh, ach tha pìos math dhiubh an-àirde 's tha a h-uile gin riamh, chan ann dìreach a tha iad idir ach a' dol air slant a-mach, slant a-mach mar sin.

Uill, 's ann a bha sin air a dhèanamh airson nuair a bhiodh iad a' dèanamh an uisge-bheatha leis a' cheò, bha e a' bualadh air a' chreig, air na leacan mòra a bha seo a bha os cionn an teine, bha e a' bualadh air a sin, bha e a' spread-adh a-mach, tha fios agad, gu uachdar na talmhainn, a-mach, tha fios agad. 'S ged a chitheadh tusa a' cheò, cha shaoileadh tu nach e ceò a bha às an eilean fhèin a bh' ann, tha fios agad, ceò na beinne no rud dhen t-seòrsa sin. Cha robh i a' dol suas dìreach ann. Dh'fheumadh i sgapadh air uachdar na talmhainn.

Catrìona NicDhòmhnaill (CN): Agus ciamar a-niste a ghlacadh, no a fhuaradh a-mach gun robhar a' dèanamh uisge-beatha ann am Pabaigh? Ciamar a chaidh an glacadh? Ciamar a thàinig iad orra gun fhiosta?

IM: Uill, thàinig iad, fhios agad, 's e... 's e a' chiad rud a chaidh a dhèanamh a-mach, tha fios agad, nuair a bha iad a' cur air falbh na deoch, 's ann ann am pigeachan mòra a bha e a' falbh. Uill, tha e coltach nuair a bha an deoch sin, tha fios agad, a' dol a-mach gu tìr-mòr gu na feadhainn sin, tha fios agad, a bha ga creic... feadhainn, tha fios a'd, a' faighneachd:

"Càit an d' fhuair thu an deoch? Càit an d' fhuair thu an t-uisge-beatha math a tha seo?"

"Ò, sin agad uisge-beatha a thàinig à Pabaigh."

"Dè an t-àite a tha sin?"

Agus: "Ò, chan eil càil a dh'fhios agam, ach gheibh mi a-mach."

"Feuch gum faigh thu a-mach dhomh e."

'S dòcha gur e fear dhe na gàidsearan a bha sin, a' gabhail drama 's a dh'fhaighnich seo. Uill, mar a tha na gàidsearan, tha iad airson a h-uile càil fhaighinn a-mach. Agus dh'obraich iad riamh, tha fios agad, gus an do rinn iad a-mach gur e seo an t-eilean às an robh an t-uisge-beatha a' tighinn. 'S ann mar sin... Ach cha deachaidh an glacadh riamh. Cha deachaidh an glacadh ann am Pabaigh riamh.

CN: Bha dòigh aca air rabhadh a thoirt, nuair a bha na gàidsearan...

IM: Ò bha. Bha dòigh aca air a sin, tha fios agad. 'S e bha sin, bha fear às an t-Òb, 's e a bhiodh a' dol a-null le na gàidsearan an-còmhnaidh. Agus bha fhios aig na feadhainn a bh' ann am Pabaigh an uair sin – bha tuath ann am Pabaigh – bha fhios aca air... cuin a... nam faiceadh iad an t-eathar a tha seo a' tighinn agus seòl geal agus rud ruadh ann am meadhan... paidse ruadh ann am meadhan an t-siùil, dh'fhaodadh iad a bhith cinnteach gun robh an gàidsear air bòrd an uair sin. Ach nam faiceadh iad an t-eathar a' tighinn agus seòl geal oirre, no seòl dubh, no seòl ruadh, bha fhios aca nach robh càil ann an uair sin; gun robh e sàbhailte gu leòr.

Ach theabar an glacadh gun teagamh aon triop, a chionn cha robh am fear a chleachd a bhith a' dol a-null leotha, cha robh e aig taigh, agus thàinig na gàidsearan agus bha iad a' dol a-null a Phabaigh. Agus chunnaic iadsan an t-eathar a' tighinn gun teagamh ach cha do shaoil iad càil dhen an eathar. Agus 's ann a chaidh iad sìos chun a' chladaich. Uill, am fear a bha leis an eathar, cha b' urrainn dha càil a dhèanamh. Cha robh fhios aige sìon dè an soidhne a bh' aig an fhear eile no càil air an t-seòl. Agus cha robh fhios aige air thalamh diorta a dhèanadh e. Agus 's ann a bha an tràghadh ann. Bha i air pìos math tràigh, ach... a dhèanamh ach bha dìreach beul lìonaidh gu bhith oirre. Nuair a chaidh iad sìos chun a' chladaich, fhios agad, a choinneachadh an eathair – bha iad a' coinneachadh... bha thu a' coinneachadh an eathair co-dhiù – chaidh iad sìos ann a shin agus nuair a chunnaic an duine, bheil fhios agad, [???] cha robh fios aige dè... agus cha do rinn e càil ach chuir e air banca gainmheachadh i. Uill, bha sin pìos a-mach, agus chan fhaigheadh an gàidsear air tìr gun e fhèin a fhliuchadh... na gàidsearan air tìr gun e fhèin a fhliuchadh... iad fhèin a fhliuchadh. Agus mus fhaigheadh iadsan a-mach... eathar à Pabaigh chun an eathair eile a bha a-muigh, thill feadhainn eile dhachaigh, 's thòisich iad a' toir warning dha na feadhainn a bh' anns an eilean gun robh na gàidsearan air bòrd.

Agus co-dhiù... Ach bha a h-uile duine riamh cho trang, e fhèin, 's nuair a... bha fear seo... bha an tè seo ann, fhios agad, am boireannach seo, 's bha an duine aice a-muigh air cùl Phabaigh, às dèidh chaorach, 's thàinig iad thuice 's dh'innis iad dhi a h-uile càil, gun robh na gàidsearan air bòrd. 'S bha esan air an t-uisge-beatha a dhèanamh 's bha e aige a-staigh, ach cha robh e air fhaighinn anns na pigeannan. Agus cha b' urrainn dhìse, cho aithghearr sin, a chur dha na pigeannan, ach diorta a bha iad air a dhèanamh ach ron a siud, tha fios agad, làithean ron siud ach air mart a mharbhadh, agus tha e coltach, bha iad a' roinn, tha fios agad, na bà a bha sin, am mionach 's a h-uile càil, an fheòil chun a chèile. Agus fhuair iadsan, tha fios agad, an share dhen a' mhionach agus bha a' chailleach... bha a' chailleach air na maragan a dhèanamh, maragan dubha 's maragan geala, agus cha do rinn ise càil [???] ach leum i dhan a' phreasa agus thug i a-mach na maragan, 's thòisich i gan gearradh nan stiallan sìos, agus dh'fhalbh i agus chuir i ann am broinn an tuba e, agus 's e cracann caorach a bh' air uachdar na tuba, agus cheangail i an cracann, tha fios agad, air ais mar sin a-rithist. Agus thàinig na gàidsearan – triùir dhiubh. Rannsaich iad an taigh, agus cha d' fhuair iad càil a-staigh. Ach chaidh iad a-niste dhan an rùm, agus na leapannan a bh' ann an uair sin bha cùirtear sìos chun an làir, de na leapannan. Agus thog fear dhiubh, thog fear dhiubh an cùirtear, agus bha an tuba a-staigh ann a shin – tuba fhiodha. Tharraing e a-mach an tuba; bha cluas oirre 's tharraing e a-mach an tuba 's ghluais... dh'fhuasgail e an t-sreang. Cho luath 's a thog e an cracann 's a chunnaic e an t-uabhas a bha am broinn na tuba, bha e a' smaoineachadh gur e rud eile a bh' ann, 's cha do rinn e ach càil ach leum air a chasan agus rug air a shròn air fhèin agus rinn e air an doras agus dh'fhalbh an dithis eile a-mach às a dhèidh.

Sin cho faisg agus a chaidh iad riamh air an glacadh. Ach tha e coltach gu bheil a' phoit a bha iad a' dèanamh an uisge-bheatha, nuair a bha iad a' fàgail Phabaigh, gun deachaidh a' phoit a chur a-mach air loch – Loch Èideil. Ach tha dà loch ann – Loch Èideil Bheag 's Loch Èideil Mhòr. Uill, nam biodh tart mòr ann as t-samhradh, tha fear dhe na lochan, gheibheadh tu roimhe le do bhòtannan, ach chan fhaigheadh air an fhear eile. Tha am fear eile smaointeanach domhainn. Agus tha e coltach gu bheil a' phoit a bha iad a' dèanamh an uisge-bheatha ann, gu bheil i ann am meadhan an loch sin. Ach tha mi a' creidsinn gu bheil i gu math fada domhainn an-diugh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math