Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 15 November 1994
Àireamh a’ chlàir 602
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 15.11.1994

Geàrr-chunntas

Mar a thathar an dòchas còisir ùr a chur air dòigh anns na Hearadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Inbhir Nis is Am Bànath

Baile/Àite - Inbhir Nis

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Uill, nach iomadh seinneadair ainmeil a tha sinn air a chluinntinn às na Hearadh - Iain Murchadh Moireasdan, Aonghas Dòmhnallach nach maireann, Uilleam Iain MacAmhlaigh, Dòmhnall Iain MacSuain, agus gun mi fiù 's air bruidhinn air na tha de bhoireannaich a tha math air seinn air a thighinn às na Hearadh thairis air na bliadhnaichean. Ach cho fad agus as aithne dhòmhsa, chan eil a-riamh còisir air a bhith anns na Hearadh. Nise, 's dòcha gun tòisich a h-uile Hearach a tha ag èisteachd a' leum 's a' trod mu dheidhinn sin, ach cho fad agus as cuimhne leamsa, chan eil còisir air a bhith ann, ach a rèir coltais, ma thèid do Challum Dòmhnallach agus a charaidean, chan ann fada a bhios cùisean mar sin idir. Tha Callum air an loidhne còmhla riumsa an-dràsta agus tha e a' dol a dh'innse dhomh mar a thathas ag iarraidh còisir a chur air dòigh anns na Hearadh. Madainn mhath, a Challuim.

Callum Dòmhnallach (CD): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, an e an fhìrinn a th' agam? An robh còisir a-riamh anns na Hearadh.

CD: Uill cho fad 's a tha fhios agamsa, cha robh. 'S dòcha gu bheil duine a' dol gam chur ceart an sin, ach cho fad 's a tha fhios a'm, cha robh.

CM: Agus am bi thu fhèin a' seinn?

CD: Cha bhi. Ò gu dearbh, cha bhi.

CM: Uill, cò smaoinich gur e rud math a bhiodh ann gum bitheadh còisir ann?

CD: Uill, mar phàirt dhen an dreuchd agam fhèin anns na Hearadh, tha mi a' feuchainn ri leasachadh eaconamaigeach agus sòisealta a thoir air na Hearadh, agus bha mi aig Mòd Dhùn Omhain o chionn còig, sia seachdainean air ais, agus bha mi a' faicinn còisirean far timcheall na Gàidhealtachd - mar eisimpleir, bha ceithir ann à Eilean Leòdhais, còisir à Eilean Bharraigh, 's dà chòisir às an Eilean Sgitheanach - 's mar a bha sibh fhèin a' ràdh ann a shin, bha mi a' smaoineachadh, uill, tha deagh sheinneadairean air tighinn a-mach às na Hearadh, 's chan eil rian nach eil dòigh air choreigin againn air còisir a chur ri chèile, agus às a sin, thòisich mi a' bruidhinn ri daoine, 's bha mi a' faighinn a-mach gun robh 's dòcha ùidh ann a leithid a rud a dhèanamh.

CM: Agus, uill, dè an suidhe-... dè an ìre aig a bheil sibh an-dràsta?

CD: Uill, tha mi dìreach air fios a chur a-mach tron a' chuairt-litir a tha a' dol a-mach tro na Hearadh - Dè Tha Dòl? - a' faicinn dè an t-iarrtas a bhiodh ann, a bheil daoine deònach air tighinn còmhla ri chèile. Tha feum agam air còrr 's deich air fhichead neach airson còisir ceart a chur air chois, agus a bharrachd air a sin tha feum agam air daoine a bhios air comataidh 's daoine a nì... a bheir taic dhuinn ann an dòighean eile.

CM: Nise, a h-uile duine a dh'aithnicheas mise a tha a' seinn às na Hearadh, cha mhòr nach canadh tu gu bheil an stoidhle aige fhèin aige. Sin an rud, 's dòcha, a bhios gu math duilich - a' feuchainn ri smachd a chur air daoine airson seinn ann an co-sheirm còmhla, nuair a tha iad cho eòlach air a bhith a' seinn anns an stoidhle aca fhèin, nach bi?

CD: 'S e sin as coireach gun toir e leithid a dh'ùine. Tha, mar eisimpleir, mi air amas a chur romhainn fhèin - 's e sin a th' ann aig an ìre sa - ma bhios sinn deiseil airson Mòd Sruighlea ann an ninety-five... ninety-six, tha mi duilich. Chan ann an ath-bhliadhna, ach ann an ninety-six. A chionn bheir e ùine airson còisir a thoir ri chèile, agus 's e aon rud nach eil... ged a tha mi air faighneachd do... do chuid a dhaoine an-dràsta, dh'fheumainn neach fhaighinn... fhastadh a bhiodh comasach air conduct-adh 's rudan mar sin, agus an ceòl a thoir ri chèile.

CM: Uill, chumadh tu fhèin pìos biorain agus chuireadh tu air beulaibh nan daoine e, tha mi cinnteach.

CD: Uill, chan e André Previn a th' annam, tha eagal orm.

CM: 'S dòcha nach eil thu ao-coltach ris. Ach tha... uill, tha seo agad air a chur a-mach, a-rèiste. 'S e amas a th' ann. A bheil càil a choltas ann aig an ìre a tha seo gu bheil e gu bhith comasach dhuibh còisir a chur ri chèile anns na Hearadh? Oir chunnaic iad air Taobh Siar Leòdhais air a' bhliadhna a chaidh seachad, ged a tha 's dòcha àireamh sluaigh acasan a tha gu math mòr, nach e rud cho furasta ri sin a th' ann agus gu bheil e a' toirt ùine.

CD: Tha. Tha e a' toir ùine, 's cha bhi e furasta. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil iarrtas ann. 'S dòcha nach ruig sinn na h-ìrean... uill, na h-àireamhan a tha a dhìth oirnn anns a' chiad bhliadhna, ach 's dòcha eadar seo 's ceann bliadhna gum bi daoine a' tighinn air adhart agus a' toir taic dhuinn. Tha mi an dòchas gum bi, a chionn 's e cothrom a th' ann dìreach rudeigin a dhèanamh a bheir... uill, a nì... a bhios cuideachd na chuideachadh dhan an eilean, mar eisimpleir, a' toir ìomhaigh dhan eilean, agus cuideachd a bheir cothrom do dhaoine anns a' choimhearsnachd fhèin a dhol a-mach agus... agus beagan spòrs a dhèanamh.

CM: Uill, dè an ath cheum?

CD: Uill, tha mi ag iarraidh air daoine bruidhinn rium fhèin agus an ainmeannan a thoir seachad dhomh, agus aon uair 's gum faigh mi àireamhan, gairmidh sinn coinneamh far an dèan sinn deasbad air dè an t-slighe air adhart, mar gum b' eadh; dè an ath cheum.

CM: Uill, a Challuim, tha mi an dòchas nach fhada gus am bi mi a' bruidhinn riut a-rithist, agus gur dòcha gur tu fhèin a bhios air deagh fhonn aig an àm a tha sin.

CD: Tapadh leibhse.

CM: Mòran taing dhut.

CD: Mòran taing, a Choinnich.

CM: Callum Dòmhnallach ann an sin às na Hearadh ag innse dhomh mar a tha e an dòchas còisir a chur air dòigh anns an sgìre.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math