spacer
spacer

Shàbhail athair an fhiosraiche iasgair far tìr-mòr a bha air...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Shàbhail athair an fhiosraiche iasgair far tìr-mòr a bha air...
Fiosraichean - Mìcheal Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Shàbhail athair an fhiosraiche iasgair far tìr-mòr a bha air chall san t-sneachda air a' Bheinn Mhòir ann an Uibhist a Deas.

'S e cìobair a bha ann an athair an fhiosraiche agus bha e a' fuireach fada air falbh bho thaighean eile air chùl na Beinne Mòire. Bha a' chiad phàiste air a bhith aig a bhean.

Aon Disathairne agus sneachda trom ann, dh'fhalbh e dhan bhaile a cheannach bìdh. Nuair a thill e feasgar thuirt a bhean gun cuala i èigheach air a' Bheinn Mhòir. Thug Alasdair Mòr leis an cù agus dh'fhalbh e. Lorg an cù iasgair agus e air chall agus air a ragachadh. Cha robh Gàidhlig aig an iasgair agus cha robh Beurla aig Alasdair Mòr. Chuir Alasdair Mòr air a dhruim e, thog e dhachaigh e, agus thug iad biadh agus leabaidh dha.

Diluain, chaidh Alasdair Mòr chun nam bàtaichean-iasgaich airson faighinn a-mach cò bh' ann. Fhuair e iasgair a bhruidhneadh Gàidhlig agus a dh'innis dha cò bh' ann. Bliadhna an dèidh sin, thàinig an t-iasgair le sgadan gu taigh Alasdair Mhòir.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:12:18
Àm Clàraidh - 1964.07-08
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 60257
Àireamh an Teip Thùsail - SA1964.056
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1964.56.B2
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/60257/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA