Rannsaich

Shàbhail athair an fhiosraiche iasgair far tìr-mòr a bha air...

Ceann-latha c. July 1964
Àireamh a’ chlàir 60257
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.56.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.056

Geàrr-chunntas

Shàbhail athair an fhiosraiche iasgair far tìr-mòr a bha air chall san t-sneachda air a' Bheinn Mhòir ann an Uibhist a Deas.

'S e cìobair a bha ann an athair an fhiosraiche agus bha e a' fuireach fada air falbh bho thaighean eile air chùl na Beinne Mòire. Bha a' chiad phàiste air a bhith aig a bhean.

Aon Disathairne agus sneachda trom ann, dh'fhalbh e dhan bhaile a cheannach bìdh. Nuair a thill e feasgar thuirt a bhean gun cuala i èigheach air a' Bheinn Mhòir. Thug Alasdair Mòr leis an cù agus dh'fhalbh e. Lorg an cù iasgair agus e air chall agus air a ragachadh. Cha robh Gàidhlig aig an iasgair agus cha robh Beurla aig Alasdair Mòr. Chuir Alasdair Mòr air a dhruim e, thog e dhachaigh e, agus thug iad biadh agus leabaidh dha.

Diluain, chaidh Alasdair Mòr chun nam bàtaichean-iasgaich airson faighinn a-mach cò bh' ann. Fhuair e iasgair a bhruidhneadh Gàidhlig agus a dh'innis dha cò bh' ann. Bliadhna an dèidh sin, thàinig an t-iasgair le sgadan gu taigh Alasdair Mhòir.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math