Rannsaich

Am Morgan Eàr, an Tè Bheauty agus an Guileagan Faoidhn.

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 61068
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.053.A+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.053

Geàrr-chunntas

Am Morgan Eàr, an Tè Bheauty agus an Guileagan Faoidhn.

Bha rìgh le aon mhac on chiad bhean is triùir on dara tè. Bha craobh aige air am biodh tòrr mheasan ach aon bhliadhna chaidh na measan a sgrios ann an aon oidhche. Air an ath trì bliadhna, chuir e mic na dara mnà a chumail faire, ach fear às dèidh fir chuala iad ùpraid is theich iad. An ath bhliadhna chaidh mac na ciad mhnà ann is nuair a chuala esan an ùpraid, dh'fheuch e air leis a' chlaidheamh. Sa mhadainn bha itean uabhasach air an talamh. Thuirt aon duine gur e itean a' Guileagan Faoidhn a bh' ann.

Fhuair na triùir bhràithrean òga long an duine bhon athair is dh'fhalbh iad ga lorg, ach cha do thill iad. Dh'fhalbh an uair sin am mac bu shine. Air a rathad don phort roinn e a bhiadh le fear a thachair air, is sheòl am fear sin còmhla ris. Nuair a ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra fhuair an gille obair le eich an rìgh, agus aon làir shònraichte, am Morgan Eàr. Bha an Guileagan Faoidhn an sin ach nuair a dh'fheuch e ri ghoid rinn e de sgreuchail is gun do dhùisg e a h-uile duine. Thuirt an gille riutha gum biodh e math am fàlaire am Morgan Eàr, an t-eun an Guileagan Faoidhn agus nighean an rìgh, an Tè Bheauty, a thoirt timcheall a' bhaile gach oidhche, is bha an rìgh leigte ris.

Fhuair e an cothrom na trì a thoirt air bòrd na luinge is sheòl e air falbh leotha. Nuair a ràinig e na h-Eileanan Faclanach bha na triùir bhràithrean fhathast an sin. Thug iad airgead do sgiobair na luinge aige is sheòl iadsan air falbh le na ceithir bàtaichean, an t-each, an t-eun agus an nighean. Nuair a ràinig iad dhachaigh bha am fear bu shine dhiubh deònach an Tè Bheauty a phòsadh ach thuirt i nach pòsadh airson bliadhna, is i an dòchas gun tigeadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i.

Thàinig geòla dhorcha thuigesan sna h-Eileanan Faclanach a thug dhachaigh e ann an tiotan air an dearbh latha a bha a' bhanais gu bhith ann, agus phòs e fhèin i. Thill iad gu Rìoghachd nam fear Mòra, is thug iad an t-eun agus am fàlaire leotha.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An Àird Mhòr

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT550

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise mar a bha siudach rìgh a bh' ann. Agus bha e pòsta, agus bha aona mhac aige de theaghlach. Agus bhàsaich an seothach a-rithist, bhàsaich an sineach a' bhan-righinn. Agus phòs e an uair sin a-rithist, an rìgh, agus bha triùir ghillean aige bhon tè seo.

Uill, bha... bha iad ann a shin còmhla, agus cha robh mòran meas a' dol air... air a' ghille a bh' aige bhon chiad bhean idir. Bha e car ga chur air chùl seach càch. Agus dh'fhàs iad suas nan gillean mòra. Agus 's ann aig an fheadhainn a b' òige, 's ann aca a bhiodh car dhen òrdan. Cha robh mòran de dh'òrdan aig a... gille na ciad mhnatha idir.

Agus bha... bha craobh aig an rìgh, agus nuair a bhiodh i fo measan, bha i a' pàigheadh roinn... roinn mhòr dhen stàid, mura robh an dàrna leth dhen stàid aige, a h-uile bliadhna. Ach a' bhliadhna bh' ann a sheothach co-dhiù, ann an aon oidhche chaidh a' chraobh a mhilleadh. Cha do... cha mhòr gun do dh'fhàgadh meas on t-saoghal oirre nach robh air... air a' chnoc. Agus cha robh fhios o Dhia gu dè rud a thàinig an rathad.

Ach co-dhiù, chaidh... chaidh an gnothach seachad mar seo. Agus aig an ath bh-... aig an ath bhliadhna seothach, aig an aon àm, deit na h-aon oidhche a bh' ann a sheothach, an oidhche a rinneadh milleadh an-uiridh air a' chraoibh, dh'iarr e air fear dhe gillean na... na bean mu dheireadh, dh'iarr e air a dhol a dh'aire na craoibhe an oidhche seo, feuch gu dè... dè a chitheadh e, no gu dè a dh'fhairicheadh e, mun tigeadh sìon an comhair na craoibhe.

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e. Chaidh e a dh'aire na craoibhe. Agus bha e ag aire na craoibhe an seo, ach eadar sin agus meadhan-oidhche 's uair sa mhadainn, dh'fhairich e an aon ùpraid a' tighinn 's an aon fhuaim. Cha do rinn e ach a chasan a thoirt leis 's thug e an taigh air.

Làrna-mhàireach, nuair a dh'èireadh, bha a' chraobh air a milleadh. Agus dh'fhaighneachd athair dha gu dè... 's dh'innis e mun ùp-... ùpraid a dh'fhairich e 's nach do dh'fhan esan, gum faodadh e a bhith air a mhurt no rud dhen t-seòrsa sin.

Cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Chaidh a' bhliadhna sin seachad. Agus an ath bhliadhna seothach, aig an àm, aig deit na h-oidhche a bh' ann, chuireadh an dàrna fear dhe na gillean bu shine on bhean mu dheireadh, chuireadh a dh'aire na craoibhe e. Agus mar a dh'èirich dhan chiad fhear, dh'èirich dhan fhear seo, 's dh'fhairich e a leithid a dh'ùpraid suas eadar meadhan-oidhche 's uair sa mhadainn. Agus thug e fhèin an taigh air.

Agus cha robh ach co-dhiù bha a' chraobh an làrna-mhàireach ach air a milleadh. Bha na measan air a chaitheamh dhith thall 's a-bhos.

Agus an treas bliadhna seothach, chuireadh am fear a b' òige ann. Agus mar a dh'èirich dha bhràithrean eile, dh'èirich dhàsan. Chaidh e... dh'fhairich e fhèin an ùpraid a' tighinn 's thug e fhèin a chasan leis, 's dh'fhàg e a' chraobh an siud. Agus làrna-mhàireach bha a' chraobh air a milleadh.

Ach co-dhiù seothach, an ath bhliadhna, nuair a bha e a' teannadh air... air àm oidhche na craoibhe, thuirt am fear... an gille bu shine, am fear a bha bhon chiad mhnaoi, thuirt e ri athair:

"An tèid mise," ars esan, "a dh'aire na craoibhe a-nochd?"

"An-tà, b' fheàrr leam fhìn," ars athair, ars esan, "gun rachadh," ars esan.

"An-tà," ars esan, "nam biodh sibh air iarraidh ormsa o thoiseach," ars esan, "bha mi air a dhol ann," ars esan. "Ach thèid mise," ars esan, "ga h-aire a-nochd," ars esan, "agus chì mi," ars esan, "gu dè rud... no bidh e neònach," ars esan, "gu dè rud tha a' cur dragh air a' chraoibh."

"Ò ma-thà," ars athair, ars esan, "thalla ma-thà," ars esan.

Uill, thug e leis claidheamh, agus chan eil fhios a'm an tug e leis gunna, ach thug e leis claidheamh co-dhiù. Agus chaidh e chun na craoibhe. Agus bha e na shuidhe aig bonn na craoibhe. Agus suas an sineach, eadar meadhan-oidhche agus uair sa mhadainn, dh'fhairich e an aon ùpraid a' tighinn. Agus dh'èirich e na... dh'èirich e na sheasamh, agus bha e a' coimhead thuige 's bhuaithe feuch gu de rud a chitheadh e. Ach shaoil leis an seothach gum faca e ta-... tathasg de rud a' dol seachad air, agus thug e truiseadh air a' chlaidheamh, agus dh'fhairich e e a' truiseadh tro rudeigin. Cha robh... cha robh e... dè ach gun deach e tro rud air choreigin. Cha robh e a' tuigsinn gu dè an rud a bh' ann.

Agus làrna-mhàireach an seothach, cha do chàirich e dhachaigh gus an do shoilleirich i. Agus nuair a shoilleirich i, chaidh e timcheall an àite far an do dh'fhairich e an claidheamh a' truiseadh rud, agus bha itean uabhasach ann a shineach air an gearradh agus iad air a' ch-... a' chnoc.

Agus thòisich e air togail nan itean, agus thog e a h-uile gin riamh dhe na h-itean a chunnaic e, agus thug e leis dhachaigh. Agus cha do rinneadh sìon air a' chraoibh ach glè bheag. Rinneadh dìreach beagan oirre, ach cha do rinneadh mòran sam bith oirre.

Chaidh e dhachaigh co-dhiù, agus thàinig athair an sin far an robh e 's dh'fhaighneachd e:

"Seadh, dè mar a chaidh dhut a-raoir?"

"Ò," ars esan, "cha deach dhomh gu dona idir," ars esan. "Tha rud ann a sheo," ars esan, "a fhuair mi," ars esan. "'S dòcha gum faic sibh e," ars esan, "agus 's dòcha gum faod sibh a dhol a choimhead na craoibhe," ars esan, "agus chan eil mòran sam bith air a dhèanamh oirre."

Uill, thug e a-nuas na h-itean gu athair. Agus bha... bha iad a' coimhead air na h-itean, 's cha robhar a' dèanamh a-mach gu dè an seòrsa ite a bh' ann. Chan fhaca iad gun de dh'eòin riamh anns an robh a leithid a sheòrsa itean. Agus chuireadh... bhathar a' faighinn an uair sin experts, de dhaoine a bha eòlach air eòin 's daoine dhen t-seòrsa feuch an dèanadh iad a-mach cò às a bha iad, no cò... dè am beothach air an robh iad, na h-itean a bha seo.

Agus bha aon duine an sin co-dhiù, agus dh'innis e, thuirt e riutha nach ann anns an rìoghachd seo idir, gur ann ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a bha... bha an t-eun a bha seothach a' còmhnaidh, agus gur e beothach ris an canadh iad an Guileagan Faoidhn a bh' ann.

Agus ò, nuair a chuala seothach na gillean a bh' aig a' bhean mu dheireadh aige seo, 's ann a dh'fheumadh an athair bàta thoirt dhaibh agus gum falbhadh iad airson an eòin a bha seo.

Uill, 's e seo an rud... thug an rìgh co-dhiù dhan chiad fhear aca e. 'S e am fear bu shine dhiubh, 's e a dh'iarr e. Agus dh'fheumadh an uair sin am fear eile fhaighinn, ach co-dhiù gun robh o dhuine gu duine aca co-dhiù gus an d' fhuair iad bàta an duine, 's dh'fhalbh iad. Agus cha robh air fhàgail ach am fear a bha bhon chiad bhean aige.

Cha robh gabadh air tighinn orra, 's ruith bliadhna... bliadhna no còrr, agus cha d' fhuaradh gabadh 's cha do thill bàta. Agus thuirt an gille seo, thuirt am fear seo ri athair an latha seo:

"Bheir sibhse dhòmhsa, athair," ars esan, "bàta," ars esan, "a bheir... agus falbhaidh mi," ars esan.

"Cò a-nist," ars athair, ars esan, "a tha a' dol a dh'fhuireach an seo," ars esan, "timcheall an àite?"

"Ò," ars an gille, ars esan, "cha robh mòran dhe m' thuras-sa ann co-dhiù," ars esan, "a rèir coltais," ars esan. "Cha robh mise a' faighinn uachdaranachd sam bith air sìon," ars esan, "an seo," ars esan. "Ach falbhaidh mi," ars esan, "co-dhiù," ars esan, "feuch am faigh mi," ars esan, "an t-eun."

Uill, thug athair dha bàta, 's dh'iarr e... 's thug e dha airson... fhuair e bàta air a shon. Agus dh'fhalbh e an latha seo 's dh'fhàg e slàn aca. Bha e a' gabhail air falbh. Agus bha an t-astar fada aige ri dhol mu... mu... mun ruigeadh e am baile-puirt anns an robh am bàta. Agus shuidh e seothach a' gabhail lunch an sineach, agus thàinig an duine a bha seothach na luib, agus dh'fhaighneachd e cà robh e a' dol. Dh'innis e dha, agus thuirt mac an rìgh ris:

"Nach teann sibh a-nall," ars esan, "gu 'm faigheadh sibh pàirt dhe na bheil agam an seo," ars esan.

Uill, theann an duine a-nall, 's thug e dha share dhen bhiadh a bh' aige.

Agus co-dhiù seothach, dh'fhalbh iad, agus dh'fhalbh am fear seo còmhla ris. Agus thuirt e ris:

"Uill," ars esan, "thèid mi fhìn còmhla riut," ars esan, "chun a' bhaile-phuirt," ars esan.

Agus chaidh iad chun a' bhaile-phuirt co-dhiù, agus ràinig iad e, 's bha am bàta deiseil ann a sheothach. Agus dh'fhalbh... bha an criutha air fhaighinn aig an rìgh [???] 's a h-uile sìon, gun sìon ach falbh leatha. Agus dh'fhalbh iad co-dhiù, agus dh'fhalbh am fear seo còmhla riutha.

Uill, nuair a thog iad a-mach an seo, thogadh na siùil bhreaca, bhaidealacha sin, cruinn fada, fulannach, fiùghaidh, cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh, a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg [?an lochannach], an fhaochag bheag, chrom, chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh.

"Seall suas," ars esan, "gu dè," ars esan, "an t-astar a th' air an luing."

"Uill," ars esan... Thàinig an duine a-nuas. "Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an sì-... an sìlean eòrna 's an cochall," ars esan.

"Bheir dhi," ars esan, "tuilleadh canabhais."

Agus:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus seall suas," ars esan, "feuch gu dè an t-astar a th' oirre."

"Tha mi... tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an lèine-bhàn agus plaosg an uighe."

"Uill," ars esan, "fàgaidh sinn," ars esan, "aig a sin fhèin i," ars esan.

Uill, bha iad a' falbh co-dhiù, agus nuair a bha iad a' dol seachad air na Falkland Isles thug iad an aire do thrì saothaich-... trì chruinn saothaichean anns... anns an eilean seo. Agus cha do rinn iad ach cumail romhpa gus an do ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra.

Agus thuirt an duine seo ris... ris-san an uair sin, nuair a ràinig iad 's a chaidh iad air tìr, a ràinig iad 's a cheangail iad suas an long, thuirt e ris:

"Theirig a-nist air tìr," ars esan, "agus feuch am faigh thu," ars esan, "obair," ars esan, "an rathad an seo," ars esan, "gus am faigh thu a-mach," ars esan, "càit a bheil," ars esan, "an t-eun."

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Chaidh e air tìr, agus bha rìgh ann a shin anns an àite, agus cà 'n d' fhuair e obair ach na ghrùma aig an rìgh, ag obair timcheall nan each. Agus bha e ann a shin, agus bhiodh e a' tighinn sìos... a-nuas a h-uile feasgar. Thuirt an duine ris:

"Thig a-nist," ars esan, "bi a' tighinn a-nuas," ars esan, "'s bi ag innse dhuinn," ars esan, "dè mar a bhios a' dol dhut," ars esan.

Agus thàinig... bha e a' tighinn a-nuas a h-uile feasgar a gheibheadh e teansa chun... chun an long, 's bha e ag innse mar a bha... mar a bha e a' faighinn air aghaidh. 'S bha e a' faighinn air aghaidh uabhasach math. Bha e a' còrdadh ris an rìgh cuideachd [???] thapaidh a bh' ann agus gun robh a h-uile sìon, bha e a' toirt a h-uile trust dha.

Agus bha... chunnaic e ceart gu leòr an t-eun, 's dh'innis e dha gum faca e e, agus gum faca e am Mor-... bha fàlairidh aige a bha... a bha... agus 's e am Morgan Eàr a theireadh iad rithe. Agus bhiodh e daonnan ga cìreadh sin 's ga toirt a-mach air cuairtean, agus ga cur air dòigh. Agus thuirt an duine seo ris:

"Feuch a-nist," ars esan, "an tèid agad," ars esan, "air an t-eun sin," ars esan, "fhaighinn a-mach," ars esan. "Nam faigheadh tu a-mach air an oidhche e," ars esan. "Ach," ars esan, "bheir an aire," ars esan. "Ma bhuaileas an t-eun sin," ars esan, "a ghob no sgiath," ars esan, "no ite fhèin," ars esan, "ann an àite sam bith," ars esan, "leigidh e," ars esan "èigh as," ars esan, "'s dùisgidh e am baile."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù.

Ach co-dhiù, an oidhche bh' ann a sheothach co-dhiù, studaig mac an rìgh aige fhèin gun tìochdais gum feuchadh e. Bha oidhche bhrèagha ann, 's gum feuchadh e ri thoirt a-mach. Agus bha... 's ann a-staigh far an robh am Morgan Eàr, 's ann a bha e. Agus dh'fheuch e. Ach gu dè, mar a dh'èi-... gu tubaisteach a dh'èirich dha, ach nuair a bha e a' dol a-mach tron doras, bhuail an gob aige anns an doras, 's leig e an aon sgiamh às. Dhùisg am baile suas, 's dhùisg a' phàileas. Bha iad a-mach às a' phàileis. Agus thàinig an rìgh a-mach.

Agus sin rud a thuirt an duine ris:

"Ma bheirear ort," ars esan, "can," ars esan, "nach fhaca duine sealladh riamh," ars esan, "bu bhrèagha air an oidhche na am Morgan Eàr agus an Tè Bheauty, agus an Guileagan Faoidhn a bhith ga raighdeadh, a bhith agad," ars esan, "agus tu a' gabhail cuairt leotha."

Uill, 's ann mar seothach a bha. 'S cha robh ach rugadh air mac an rìgh sa mhionaid nuair a thàinig iad a-mach. 'S dh'fhaighneachdadh dha an ann a' feuchainn ris an t-eun a ghoid a bha e. 'S thuirt e nach ann, nach robh sìon a thoil aigesan an t-eun a ghoid, ach gun cuala e daoine ag ràdh nach fhaca duine sealladh riamh bu bhrèagha air oidhche na gum biodh an Tè Bheauty, agus am Mo-... agus an Guileagan Faoidhn air muin na Morgan Eàr agus gum biodh duine a' falbh leatha, no air a muin còmhla riutha. Agus:

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "dearbhaidh sinn sin dhut. Chì sinn sin," ars esan. "Agus a-nochd," ars esan, "on a tha i cho brèagha," ars esan, "faigh deiseil," ars esan, "agus cuir air dòigh... faigh an fhàlairidh air dòigh," ars esan, "agus feuchaidh sinn a-mach iad," ars esan, "feuch am faic sinn," ars esan, "dè mar... a bheil e fìor."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Fhuair mac an rìgh deiseil iad am beul na h-oidhche, agus tharraing e a-mach an fhàlairidh, agus thugadh a-mach an t-eun mòr, agus thàinig an nighean a bh' aig an rìgh - sin agad an Tè Bheauty, an nighean a bh' aig an rìgh. Agus thugadh... thàinig ise a-mach, agus chaidh i fhèin agus an Guileagan Faoidhn air... air muin na fàlairidh, am Morgan Eàr. Agus chaidh esan nan ceann... na ceann agus dh'fhalbh e leatha, agus ghabh e na cuairtean a bha sin, agus nuair a chuir e na cuairtean a bha sin:

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "feumaidh mi ràdh," ars esan, "gu bheil... gu bheil do sheanchas fìor," ars esan. "Agus 's ann a dh'fheumas tu," ars esan, "a h-uile h-oidhche," ars esan, "raighd," ars esan, "a thoirt dhaibh," ars esan, "mar sin."

Agus:

"Ò, glè cheart," arsa mac an rìgh, ars esan, "nì mise sin."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Chan e. Chaidh e sìos an seothach chun na luing a-rithist. Seadh. Dh'fhaighneachd am fear seo dheth:

"Seadh, dè mar a chaidh dhut?"

Ò dh'innis e dha, mar a chaidh e... nach deach e ach luideach. Ach dh'innis e dha mar a fhuair e an t-òrdan, gum biodh... a h-uile h-oidhche gum faodadh e cuairt a thoirt leotha timcheall a' bhaile.

"Glè cheart," ars esan. "Lean ort," ars esan, "gu oidhche... aon oidhche air choreigin," ars esan, "'s nì sinn an gnothach air a sin."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha mac an rìgh a' dol ann a shin 's bha e a' falbh cuairtean leothasan a h-uile h-oidhche. Agus chaidh e sìos an oidhche seo far an robh... chun na luing, agus bha... chuir e am fear seo na sheanchas. Agus:

"Seadh," ars esan, "tha an gnothach a' dol leat math gu leòr."

"Tha," arsa mac an rìgh, ars esan.

"Uill," ars esan, "a-nochd," ars esan, "nuair a bheir thu a-mach iad," ars esan, "gabhaidh tu an taobh seo leotha," ars esan, "agus bidh sinne deiseil air do shon."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh mac an rìgh. Thug e a-mach i mar a b' àbhaist dha, 's nighean an rìgh 's an Guileagan Faoidhn 's am Morgan Eàr. Dh'fhalbh e leotha. Agus dh'fhalbh e 's thug e aghaidh air... air an luing. 'S nuair a bha an long dìreach deiseil cha robh sìon on t-saoghal ach a cuid seòl a leigeil ma sgaoil, gun sìon ach [???] rithe.

Ghabhadh air bòrd leis a' phartaidh mar a bha iad. Agus thogadh na siùil bhreaca, bhaidealacha an aghaidh nan cruinn fada, fulannach, fiùghaidh. Cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg [?an lochannach], an fhaochag chrom, chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh. Agus:

"Seall suas," ars esan, "gu dè an t-astar a th' air an luing," ars esan.

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an t-sìlean choirce 's an cochall," ars esan.

"Bheir dhi," ars esan, "tuilleadh canabhais."

Agus thugadh dhi an seo tuilleadh canabhais. Agus:

"Tha i," ars an gille, ars esan, "aig an aon... mar a bha i a' dol reimhid," ars esan, "nuair a bha sinn a' tighinn," ars esan. "Tha i a' dol eadar an lèine-bhàn 's am plaosg."

"Uill," ars esan, "fàgaidh sinn aig a sin fhèin i."

Ach co-dhiù, ge brith gu dè fhad 's a bha iad a' tighinn, thàinig iad gu na Falkland Isles. Agus... tha... bha na trì saothaichean ann a shin fhathast. Agus thuirt mac an rìgh ris an sgiobair e a thadhal ann, feuch am faiceadh e an e a bhràithrean a bha seothach. Agus thadhail e; ràinig e an t-àite 's chaidh e a-staigh ann, 's chaidh iad air tìr. Agus chunnaic iadsan an saothach a' tighinn ceart gu leòr. Bha iad ag obair, agus 's ann ag obair air cladhach a bha iad. Agus thuirt mac an rìgh riutha, ri a bhràithrean:

"Ò," ars esan, "cha ruig sibh a leas," ars esan, "a bhith a' cladhach," ars esan.

"Ò ruigidh," ars am fear bu shine, ars esan. "Chan eil sinn ach dìreach," ars esan, "ach mu obair latha bhuaithe."

"Ò cha ruig... ò dearbha," arsa mac an rìgh, ars esan, "tha obair latha bhuaithe," ars esan, "agus dà obair latha," ars esan, "'s cha dèan thu an gnothach idir air. Tha e agamsa," ars esan, "air bòrd anns an luing."

Uill, dh'fhiathaich an seothach am fear bu shine an sgiobair mu chuairt feuch an robh an fhìrinn aige. 'S dh'innis an sgiobair dha gun robh, agus boireannach agus f-... agus fàlairidh.

Agus dh'fhalbh mac an rìgh, bha e airson feuch am faiceadh e dè seòrsa àite a bh' ann. Agus gu dè rinn am fear eile ach... a bhràthair, ach an sgiobair a bhraoibeadh. Agus nuair a thàinig mac an rìgh an dèis cuairt a chur, bha na trì... bha na ceithir longachan air togail a-mach o chladach, agus bha e air fhàgail an siud leis fhèin.

Uill, cha robh fhios aige dè a dhèanadh e. Agus bha e ann a shin. Chaidh iad à sealladh an sineach, 's cha robh e ach ann a shiud.

Ach co-dhiù, am beagan bìdh a bh' aig na daoine eile ann, fhuair e pàirt dhe sineach. Agus bha e ann a shin anns an eilean. Agus nuair a ràinig iad a-nist dhachaigh, na gillean sin, rinn am fear bu shine a chlann an rìgh, dhen fheadhainn na mnatha mu dheireadh, rinn iad... thuirt... rinn e airson ise a phòsadh, nighean an rìgh a bha seo, nighean Rìgh Rìoghachd nam Fear Mòra. Agus thuirt i nach pòsadh, gun cuireadh i bliadhna roimhpe gun fear sam bith a phòsadh feuch an tigeadh am fear a thug ise air falbh à taigh a h-athar. Agus bha i ann a shin.

Uill, suas an seothach gu ceann na bliadhna, an oidhche a bh' ann a sheothach, bha esan 's bha e air a dhol fo fheusaig 's fo ghruaig 's fo h-uile sìon. Cha robh e ach mar gum biodh biast eile. Agus bha e anns an eilean, agus ann am beul dorch na h-oidhche seothach thug e sùil bhuaithe air... air a' mhuir, agus shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh mar gum biodh geòla no rud dhen t-seòrsa sin, agus thòisich e air beachdnachadh air. Agus bha e a' sìor bheachnachdadh air 's bha e a' smaointinn aige fhèin gun robh an rud a' teannadh air.

Agus thàinig an seothach an seòrsa bàta a bha seo, an seòrsa de gheòla a bha seothach, agus dh'èigh an duine a bh' innte dha:

"A bheil thu an sin?" ars esan.

"Ò tha," arsa mac an rìgh, ars esan.

"Nuas an seo sa mhionaid thu," ars esan.

Agus dh'fhalbh mac an rìgh agus chaidh e sìos agus chaidh e a-staigh, agus tharraing i air falbh.

"Nist," ars esan...

Cho fad 's gun robh an t-àite bhuapa, ge brith gu dè an t-inneal a bha a' cur air falbh na geòla, cha b' e ràimh, [?cha b' e sìon], ach bha i a' falbh. Ach ràinig iad an oidhche sin an t-à-... taigh an rìgh, taigh athar, am baile. Agus... agus thuirt... thuirt an duine... thuirt an duine a bha sa gheòlaidh ris:

"Thalla a-nist air tìr," ars esan, "cho luath 's a rinn thu riamh," ars esan, "agus sèibh thu fhèin 's glan thu fhèin, agus cuir aodach ceart ort," ars esan. "Tha am boireannach ud," ars esan, "a thug thu air falbh," ars esan, "tha i air thuar a bhith a' pòsadh a-nochd," ars esan, "ach bidh thu," ars esan, "ann an àm tràth gu leòr," ars esan, "air a son."

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Dh'fhalbh e, agus tha mi cinnteach gun robh na daoine a bh' ann eòlach air co-dhiù mun d' fhalbh e idir às an taigh. Agus chaidh e gu seop barbair 's shèibh e e fhèin 's ghlan e e fhèin 's chliop e e fhèin 's chuir e air dòigh. 'S chaidh e an sin gu seop tàilleir 's fhuair e deise a-mach a tà-... a-mach an sineach à bùth, 's dhreasaig e e fhèin suas. Agus dh'fhalbh e an uair sin, agus thug e aghaidh air pàileas athar.

Agus bha an uair sin dìreach muinntir na bainnse cruinn agus iad dìreach, iad gus a bhith [???] pòsta nuair a nochd esan a-staigh. 'S bha ise ann an ceann shuas na... an àite a bh' ann anns an robh na daoine cruinn. Bha ise ann an ceann shuas an àite, agus chunnaic i esan dìreach a' tighinn tron doras.

Dh'fhalbh i sìos na ruith cho luath 's a rinn i riamh, agus chàirich i a dà làimh mu amhaich.

"Ò tha thusa air tighinn," ars i, "m' eudail," ars ise, "agus chan fhaigh... chan fhaigh fear eile," ars ise, "fàinne a chur ormsa," ars ise, "fhad 's is beò thusa," thuirt i.

Uill, cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù. Chaidh... chan eil fhios a'm an do chuir iad air aghaidh a' bhanais an oidhche sin, ach tha mi a' smaointinn gun do chuir, gun do phòs esan agus ise an oidhche sin. Agus nuair a chlìor iad air falbh an sineach 's a ghabh an gnothach gu tàmh, agus an làrna-mhàireach an seothach rinn iad deiseil...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh. Làrna-mhàireach rinn iad deiseil, an e?

DA: 'S ann. Agus dh'fhalbh iad air a' cheart luing a thug gu tighinn iad, a bh' aca reimhid, agus thill iad air ais gu ruige Rìoghachd nam Fear Mòra, e fhèin agus ise agus an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr.

Agus ràinig iad an sineach, agus nuair a ràinig iad an sineach, bha an Rìgh... Rìgh Rìoghachd nam Fear Mòra sineach, bha a làmhan sgaoilte aige romhpa, gun do thill iad thuige air ais. Agus phòs iad... Bha i fhèin 's e fhèin an uair sin [?comhailteach], ach chan eil fhios agamsa an d' fhuair e na rìgh às a dhèidh a-rithist gus nach d' fhuair. Ach co-dhiù, dh'fhàg mise iad ann a shineach ann an Rìoghachd nam Fear Mòra, agus fhuair mi fhìn às.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math