spacer
spacer

Am Morganair, an Tè Bheauty agus an Gulagan Foill.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Am Morganair, an Tè Bheauty agus an Gulagan Foill.
Fiosraichean - Dòmhnall Alasdair Johnson
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Am Morganair, an Tè Bheauty agus an Guileagan Foill.

Bha rìgh le aon mhac on chiad bhean is triùir on dara tè. Bha craobh aige air am biodh tòrr mheasan ach aon bhliadhna chaidh na measan a sgrios ann an aon oidhche. Air an ath trì bliadhna, chuir e mic na dara mnà a chumail faire, ach fear às dèidh fir chuala iad ùpraid is theich iad. An ath bhliadhna chaidh mac na ciad mhnà ann is nuair a chuala esan an ùpraid, dh'fheuch e air leis a' chlaidheamh. Sa mhadainn bha itean uabhasach air an talamh. Thuirt aon duine gur e itean 'Guileagan Foill' a bh' ann.

Fhuair na triùir bhràithrean òga long an duine bhon athair is dh'fhalbh iad ga lorg, ach cha do thill iad. Dh'fhalbh an uair sin am mac bu shine. Air a rathad don phort roinn e a bhiadh le fear a thachair air, is sheòl am fear sin còmhla ris. Nuair a ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra fhuair an gille obair le eich an rìgh, agus aon làir shònraichte, am Morganair. Bha an Guileagan Foill an sin ach nuair a dh'fheuch e ri ghoid rinn e de sgreuchail is gun do dhùisg e a h-uile duine. Thuirt an gille riutha gum biodh e math am fàlaire am Morganair, an t-eun an Guileagan Foill agus nighean an Rìgh, an Tè Bheauty, a thoirt timcheall a' bhaile gach oidhche, is bha an rìgh leagte ris.

Fhuair e an cothrom na trì thoirt air bòrd na luinge is sheòl e air falbh leotha. Nuair a ràinig e na h-Eileanan Faclanach bha na triùir bhràithrean fhathast an sin. Thug iad airgead do sgiobair na luinge aige is sheòl iadsan air falbh le na ceithir bàtaichean, an t-each, an t-eun agus an nighean. Nuair a ràinig iad dhachaigh bha am fear bu shine dhiubh deònach an Tè Bheauty a phòsadh ach thuirt i nach pòsadh airson bliadhna, is i an dòchas gun tigeadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i.

Thàinig geòla dhorcha thuigesan sna h-Eileanan Faclanach a thug dhachaigh e ann an tiotan air an dearbh latha a bha a' bhanais gu bhith ann, agus phòs e fhèin i. Thill iad gu Rìoghachd nam fear Mòra, is thug iad an t-eun agus am fàlaire leotha.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:24:02
Àm Clàraidh - 1971
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 61068
Àireamh an Teip Thùsail - SA1971.053
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1971.053.A+B1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT550;


Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas
  Baile/Àite - An Àird Mhòr

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/61068/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:24:02)
Cluich pàirt 2 (00:00:43)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA