Rannsaich

Dòmhnall, Alasdair agus na trì fuamhairean.

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 61073
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.053.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.053

Geàrr-chunntas

Dòmhnall, Alasdair agus na trì fuamhairean.

Fhuair Dòmhnall is Alasdair gu tìr nuair a chaidh bàta às an rathad, is choisich iad gus an do ràinig iad caisteal fuamhaire. Sheall Dòmhnall cho math 's a bha e leis a' ghunna; bha long air bhàrr a' chaisteil is chuir e a-nuas na bioran i. Bha am fuamhaire agus a dhithis bhràithrean às dèidh nighean an rìgh, ach nuair a rachadh e faisg oirre, leumadh measan beag dubh a-staigh air a bheul is a-mach air an taobh cùil dheth, ga fhàgail cho lag 's gum feumadh e tilleadh dhachaigh. An ath latha thug am fuamhaire Dòmhnall leis a mharbhadh a' choin, ach 's ann a mharbh e am fuamhaire. Chaidh an uair sin Dòmhnall is Alasdair gu caisteal an dara fuamhaire, agus lean cùisean orra san aon dòigh. Nuair a thachair iad air an treas fuamhaire, loisg Dòmhnall air a' mheasan agus chaidh e fhèin is am fuamhaire gu pàileis an rìgh, far an do steig ceann an fhuamhaire anns an fheansa iarainn a bha mun cuairt. Thug Dòmhnall an ceann dheth le tuagh, is chuir e fhèin seachad an oidhche le nighean an rìgh. Thill Alasdair gu dhùthaich fhèin, is dh'fhan Dòmhnall agus beairteas nam fuamhairean aige.

Bha nighean an rìgh trom gun fhios aig duine cò leis a bha an leanabh. Thuirt fear fiosachd ris an rìgh taigh a thogail dhi, far an toireadh i biadh dhan a h-uile neach a dh'innseadh eachdraidh am beatha dhi. Rinneadh seo. Bha am pàiste aice na bhalach beag a' dol mun cuairt nuair a thàinig Dòmhnall an rathad, agus ghabh an gille 'athair' air. Dh'innis Dòmhnall a sgeul do nighean an rìgh, agus phòs iad.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An Àird Mhòr

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT300

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Bha siud ann dithis, ma-thà, dithis chompanach. Chan eil mi cinnteach an e wreck-adh a rinneadh orra, ach tha mi a' smaointinn gura h-e. Agus bha... 's e Alasdair a bh' air fear aca agus Dòmhnall air fear eile dhiubh. Agus bha Dòmhnall seo, bha gunna aige, ge brith an ann anns a' bhàta a chaidh a wreck-adh a fhuair e e, no gu dè mar a fhuair e e, ach co-dhiù bha e aige.

Agus bha iad a' falbh còmhla, agus bha iad an seothach feuch an ruigeadh iad àite air choreigin, baile, feuch gu dè an t-àite a bh' ann. Agus nochd iad ri baile ann a sheothach feasgar tràth, agus chunnaic iad pàileas ann a shineach de dh'àite mòr, agus rinn iad dìreach air an àite. Agus nuair a bha iad dìreach gus a bhith aig an taigh a bh' ann, cha b' fhada gus an cuala iad:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhen fheòil 's balgam dhen fhuil, a chlann an Albannaich."

"An-tà," arsa Dòmhnall, 's e a' freagairt, "dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian oirnne," ars esan, "agus chan eil fhios a'm," ars esan, "carson a bhiodh an trian seo fhèin orm," ars esan. "'S goirid a bhios am maide beag dubh seo nam achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Feuch sin," ars esan, "air an luing ud am bàrr mo chaisteil," ars esan.

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna 's dh'fheuch e air an luing 's chuireadh a-nuas na biorain i.

"Ah gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ortsa," ars esan. "'S e Dia fhèin a chuir an rathad thu," ars esan. "Nì mise," ars esan, "gnìomh nas fheàrr na sin dhutsa," ars esan. "Thig thusa... thigeadh sibhse a-staigh," ars esan.

Uill, chaidh iad a-staigh a thaigh an fhuamhaire. Chuireadh air dòigh biadh dhaibh 's fhuair iad biadh. Agus an dèis a' bhìdh an seothach, thuirt am fuamhaire ris:

"Nist," ars esan, "tha mise ann a sheothach," ars esan, "agus tha dithis bhràithrean eile dhomh ann," ars esan, "de fuamhairean mar a tha mi fhìn," ars esan. "Agus tha aon nighean rìgh," ars esan, "ann a sheo," ars esan, "agus tha an dithis... tha an triùir againn," ars esan, "às a dèidh," ars esan. "Agus," ars esan, "ge brith gu dè mar a dh'èirich dhaibhsan," ars esan, "cha d' fhuair mise riamh faisg oirre. Chan eil oidhche," ars esan, "a dh'fhalbhas mise," ars esan, "nach eil... tha am balganach beag dubh," ars esan, "de chù a' tachairt rium," ars esan, "agus tha e a' dol a-staigh air mo bheulaibh agus a' tighinn a-mach air an taobh chùil dhìom," ars esan, "agus tha mi an uair sin cho slac," ars esan, "agus feumaidh mi tilleadh dhachaigh. Ach," ars esan, "on tha a leithid sin a dh'arm agadsa," ars esan, "agus a tha thu cho math leis," ars esan, "falbhaidh tusa còmhla riumsa a-nochd, agus cuiridh tu crìoch," ars esan, "air a... air a' mheasan."

"Ò falbhaidh," arsa Dòmhnall.

Agus rinn iad an seothach deiseil co-dhiù. Nuair a thàinig treis a dh'oidhche co-dhiù rinn iad deiseil, agus dh'fhalbh Dòmhnall agus am fuamhaire. Agus thuirt Alasdair ris nuair a bha e a' falbh - fhuair e bruidhinn dheth:

"Ò 's iochd Dia dhut," ars esan, "na feuch ri sìon a dhèanamh," ars esan, "no," ars esan, "bidh sinn marbh le chèile."

"Thalla thusa," arsa Dòmhnall. "Fan a-staigh," ars esan, "ann a shin gus an tig mise."

Uill, dh'fhalbh iad. Bha iad a' gabhail air aghaidh 's iad a' dol air aghaidh gu taigh an tuathanaich... taigh an rìgh. Agus:

"Ò siud e, siud e," ars am fuamhaire, ars esan, "tha e a-nist a' tighinn," ars esan.

"Cà bheil e?" arsa Dòmhnall.

"Siud e," ars esan, "a-nall. Thalla," ars esan, "a-null agus coisich dhà no trì cheumannan air thoiseach ormsa."

Dh'fhalbh am fhuamhaire 's choisich e ceumannan air... air thoiseach air, 's dh'fhalbh Dòmhnall 's thionndaidh e an gunna sìos 's chàireadh ris an fhuamhaire e. Dh'fhàgadh na mhul ann a shiud e.

An ceann... thill e dhachaigh co-dhiù. Agus:

"Cà 'il am fuamhaire?" ars Alasdair.

"Ò," arsa Dòmhnall, ars esan, "ge brith cà 'il am fuamhaire cha chuir e dragh ortsa," ars esan, "no ormsa cuideachd," ars esan.

Uill, chuir iad seachad an oidhche sin ann an taigh an fhuamhaire. Agus làrna-mhàireach, bha iad ann a shin, agus nuair a fhuair iad air dòigh, làrna-mhàireach an seo, dh'fhalbh iad. Agus thuirt Dòmhnall ri Alasdair:

"Thèid sinn," ars esan, "treis," ars esan, "feuch an ruig sinn," ars esan, "fear eile dhiubh," ars esan.

Ràinig iad an seothach a' phàileas a bha seo, agus cha robh ach:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhen fhuil, a chlann an Albannaich."

"An-tà," arsa Dòmhnall, ars esan, "dà thrian a dh'eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian oirnne," ars esan, "agus chan eil fhios a'm," ars esan, "carson a bhiodh an trian sin fhèin oirnn," ars esan. "'S goirid a bhios am maide beag, dubh seo nam achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Feuch sin," ars esan, "air a' choileach ud a tha am bàrr a' chaisteil agam," ars esan.

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thogadh an gunna 's leigeadh air falbh am volley air a' choileach 's chuireadh a-nuas na shiobhagan e.

"Ah gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars esan, "agus nach mise bha lucky," ars esan, "nuair a thàinig thu seachad air mo bhràthair eile," ars esan, "ortsa," ars esan. "Thig thusa a-staigh," ars esan, "agus nì mise gnìomh math ribhse," ars esan. "Agus nach mi bha lucky," ars esan, "nach... nach d' fhuair mo bhràthair eile grèim oirbh."

Agus chaidh iad a-staigh 's fhuair iad biadh aige, agus:

"Nist," ars esan, "tha sinne ann a sheo," ars esan, "an triùir bhràithrean," ars esan, "agus," ars esan, "tha aon nighean," ars esan, "aig an rìgh a tha seothach, agus tha an triùir againn," ars esan, "às a dèidh. Ach," ars esan, "ge brith gu dè mar a tha a' dol a chàch," ars esan, "chan eil ach a' dol meadhanach dhòmhsa," ars esan. "Chan eil oidhche," ars esan, "a thèid mise," ars esan, "a' dol a choimhead oirre," ars esan, "nach eil am measan beag balganach dubh a tha seothach," ars esan, "a' tachairt rium," ars esan, "agus tha e a' dol a-staigh air mo bheul," ars esan, "agus tha e a' tighinn a-mach air an taobh chùil dhìom," ars esan, "agus tha mi cho slac an uair sin agus feumaidh mi tilleadh dhachaigh. Agus," ars esan, "nach... nach mi bha lucky," ars esan, "nach d' fhuair mo bhràthair grèim oirbh."

Agus:

"Ò," arsa Dòmhnall, "cha bhithinn fada," ars esan, "a' dèiligeadh ris an fhear sin idir," ars esan.

Agus, nist nuair a... nuair a fhuair iad... nuair a thàinig treis de dh'oidhche co-dhiù:

"Nist," ars am fuamhaire, ars esan, "'s fheàrr dhuinne falbh," ars esan, "agus thugainn thusa," ars esan, "còmhla riumsa."

"Thèid," arsa Dòmhnall.

Agus dh'fhalbh iad, agus dh'fhalbh... bha iad a' dol air aghaidh gu pàileas an rìgh, agus nuair a bha iad pìos math bhuaipe co-dhiù:

"Ò siud e, siud e," ars am fuamhaire, "a' tighinn," ars esan. "Tha e a-nist a' tighinn thugainne," ars esan, "agus bidh e agamsa sa mhionaid."

"Ò," arsa Dòmhnall, "coisich gu math air thoiseach ormsa," ars esan.

Agus dh'fhalbh am fuamhaire agus chàirich Dòmhnall an gunna ris an fhuamhaire agus dh'fhàgadh na shìneadh ann a shiud e. Agus thill am measan dhachaigh. Agus thill Dòmhnall e fhèin dhachaigh. Agus:

"Seadh," ars Alasdair, "cà 'il am fuamhaire?"

"Tha," arsa Dòmhnall, "far an robh am fear eile," ars esan. "Cha chuir e dragh ortsa," ars esan.

Ach co-dhiù seothach, chuir iad seachad an oidhche an sin, agus làrna-mhàireach, nuair a fhuair iad air dòigh:

"Uill," arsa Dòmhnall, ars esan, "'s fheàrr dhuinn," ars esan, "cumail air aghaidh," ars esan, "feuch," ars esan, "am faigh sinn am fear eile."

Ach co-dhiù seothach, ràinig iad a' phàileas aig an fhear eile 's cha robh ach:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe ur feòil 's air balgam dhe ur fuil, a chlann an Albannaich."

"An-tà," arsa Dòmhnall, ars esan, "dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian oirnne," ars esan. "Chan eil fhios a'm," ars esan, "carson a bhiodh an trian sin fhèin oirnn. 'S goirid," ars esan, "a bhios am maide beag dubh seo nam achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Leig 's... leig... leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air an luing ud am bàrr a' chaisteil," ars esan.

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thogadh an gunna 's dh'fheuchadh an deàrrsach oirre, 's chuireadh air falbh na siobhagan i.

"Ò gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ortsa," ars esan, "agus nach mise tha lucky," ars esan, "nach do thachair mo bhràithrean eile riutsa," ars esan, "agus nach d' fhuair iad grèim ort," ars esan, "seach mise," ars esan. "Nach mise tha lucky," ars esan, "gun tàinig thu orm," ars esan, "Agus thigeadh sibhse a-staigh," ars esan, "agus nì mise deagh ghnìomh ribh," ars esan.

Chaidh iad a-staigh co-dhiù, agus bha am fear seo, bha e na bu sgoinneile na ged a bhiodh càch air am bualadh na chèile. Agus co-dhiù seothach:

"Nist," ars esan, "tha sinne ann a sheo," ars esan, "an triùir bhràithrean," ars esan, "agus," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "gu dè mar a thachair sibh," ars esan, "mo bhràithrean eile," ars esan, "ach bha mise lucky," ars esan, "gun do thachair... gun tàinig sibh an taobh agam fhìn," ars esan. "Agus," ars esan, "tha an triùir againn," ars esan, "às dèidh nighean an rìgh," ars esan. "Agus chan eil fhios a'm," ars esan, "gu dè mar," ars esan, "a tha ag èirigh dhaibhsan," ars esan, "ach chan eil e ach glè... ag èirigh glè mheadhanach dhòmhsa," ars esan. "Tha," ars esan, "nuair bhios mi faisg air taigh an rìgh," ars esan, "tha am measan beag balganach dubh a tha seo," ars esan, "a' tighinn nam luib," ars esan, "agus tha e a' dol a-staigh air mo bheul 's a' tighinn a-mach air an taobh chùil dhìom," ars esan, "agus tha mi," ars esan, "cho slac an uair sin agus feumaidh mi tilleadh dhachaigh."

"Ò," arsa Dòmhnall, ars esan, "cha bhi sinn fada a' dèiligeadh ris an fhear sin."

Agus co-dhiù seothach, bha iad an sineach, a-staigh gus an tàinig treis a dh'oidhche. Agus:

"Uill," ars am fuamhaire, ars esan, "'s fheàrr dhuinn a-nist a bhith a' falbh," ars esan, "agus thugainn thusa còmhla riumsa," ars esan, "agus bheir leat am maide dubh sin agad," ars esan.

"Thèid," arsa Dòmhnall.

Bha iad a' dol air aghaidh co-dhiù, agus theann iad an seothach faisg air pàileas an rìgh, agus thuirt am fuamhaire ris:

"Siud e a-nist, a-nist a' tighinn," ars esan.

"Sioft thusa," arsa Dòmhnall, "a-nall an taobh dhìomsa," ars esan.

Agus dh'fhalbh Dòmhnall agus thog e an gunna dìreach, agus nuair a bha am measan gus a bhith aige, dìreach, rinneadh coileach-dubh dheth.

"Ah gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ortsa," ars am fuamhaire, ars esan. "'S mise," ars esan, "a nì an gnìomh riutsa," ars esan.

Agus:

"Ò glè cheart," arsa Dòmhnall.

Agus chaidheadh air aghaidh co-dhiù. Agus bha feansa timcheall na pàileis an sin, agus 's e feansa iarainn a bh' ann. Agus bha iad a' dol timcheall oirre agus cha robh rathad air faighinn a-staigh innte. Ach dh'fheuch am fuamhaire an seo, thuirt e ri Dòmhnall:

"Feuchaidh mi," ars esan, "a-staigh ann a sheo feuch am press mi," ars esan, "na bàraichean a tha seo bho chèile," ars esan, "agus gum faigh mi troimhe."

"Glè cheart," arsa Dòmhnall.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh am fuamhaire agus dh'fheuch e. Chuir e a cheann... fhuair e a cheann a chur a-staigh, ach nuair a chaidh an ceann a-staigh cha tigeadh e a-mach.

"A Dhia," ars am fuamhaire ri Dòmhnall, ars esan, "tha mi stuck an seo," ars esan.

"A bheil?" arsa Dòmhnall.

"Ò tha," ars esan. "Chan fhaigh mi mo cheann às," ars esan. "Ach thalla thusa dhachaigh," ars esan, "chun an taighe agamsa," ars esan, "agus bheir a-nuas," ars esan, "tuagh a tha sineach," ars esan, "agus cha bhi i fada a' gearradh rathad an seo," ars esan.

Dh'fhalbh Dòmhnall dhachaigh, agus:

"Càit a bheil am fuamhaire?" ars Alasdair.

"Thalla thusa," arsa Dòmhnall, "ge brith cà 'il am fuamhaire," ars esan, "cha chuir e dragh ortsa an-dràsta co-dhiù," ars esan. "Tha mi ag iarraidh tuagh," ars esan, "[?far a bheil e] air steigeadh ann a si-... ann an àite an siudach."

Agus dh'fhalbh Dòmhnall leis an tuaigh. Agus nuair a ràinig e am fuamhaire:

"Seadh, tha thu an sin," ars am fuamhaire.

"Ò tha," ars esan.

"Siuthad a-nist," ars esan, "geàrr am feansa sin," ars esan, "oir 's gum faigh mise às mo cheann," ars esan.

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thòisich e leis an tuaigh, agus 's ann air cea-... 's ann air amhaich an fhuamhaire a thòisich Dòmhnall leis an tuaigh, oir 's mu dheireadh gun do chuir e dheth... gun tug e dheth an ceann. Agus nuair a thug e dheth an ceann, thuit a' cholann ann a shiud. Bha i ann a shiud.

Dh'fhalbh e fhèin agus chaidh e a-staigh an uair sin. Fhuair e a-staigh. Agus chaidh e a-staigh, agus tha e coltach leam gun deach e... gun d' fhuair e grèim air nighean an rìgh co-dhiù, agus gun robh e còmhla rithe treis mhath dhen oidhche. Agus chaidh e seo dhachaigh an làrna-mhàireach. Seadh, chaidh e dhachaigh an oidhche sin a thaigh... a thaigh an fhuamhaire, agus bha Alasdair a-staigh roimhe.

"Seadh," ars Alasdair, ars esan, "cà 'il am fuamhaire?" ars esan. "An d' fhuair thu às e?"

"Ò fhuair," arsa Dòmhnall. "Cha diofar dhan fhuamhaire," ars esan. "Cha chuir e dragh oi-... ormsa no ortsa," ars esan, "far a bheil e."

Agus bha iad a-nist ann a shineach, agus dh'fhan iad a-nist treis anns a' phàileis a bha seo.

Ach co-dhiù, rinn... bha Alasdair airson falbh, tilleadh... a dhol gu baile-puirt feuch am faigheadh e a-nall a Bhreatainn air ais. Agus ò, bha Dòmhnall [???] tràth gu leòr. Agus bha airgead gu leòr aca. Bha iad air ruith air pàileas nan fhuamhairean 's a' toirt às na bh' ann a dh'airgead, agus dh'fhaodadh iad sin; bha gu leòr a dh'airgead aca. Agus:

"Nach fhan thu," arsa... arsa Dòmhnall, "nach fhaod thu fuireach an seo fhèin?"

Agus ò, chan fhanadh Alasdair. Cha robh e airson fuireach idir.

"Uill," arsa Dòmhnall, ars esan, "tha mise a' dol a dh'fhuireach," ars esan.

Agus 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Dh'fhan Dòmhnall. Agus cha robh e ag obair ann ach a' dol mu chuairt. Cha ruigeadh e leas ach a' dol mu chuairt a' bhaile 's a' coimhead iongnaidhean 's a h-uile sìon.

Ach gu dè rinn nighean an rìgh ach fàs trom. Agus cha robh fhios o Dhia cò bu leis e. Agus chaidh i seothach, nuair a thàinig... bha an t-àm aice co-dhiù, chaidh an dàrna taobh dhith air leanabh gille.

Uill, bha Dòmhnall, bha e ag ob-... bha e a' dol air feadh a' bhaile an sin, agus airgead gu leòr aige airson a chosg, airgead nan fhuamhairean. Agus bha an gille a' fàs. Bha e air fàs na chnapach beag agus e air toiseach... toiseach de bhruidhinn aige air fhaighinn. Agus chaidh... chaidh an rìgh, chaidh e far an robh fear-fiosachd a bh' ann a sheothach agus... a dh'innse mar a dh'èirich dhan nighinn, agus nach robh fhios o Dhia cò athair a' ghille a bh' aice.

"An-tà," ars an rìgh... ars am fear seo ris an rìgh, ars esan, "innsidh mi dhut dè rud a nì i," ars esan. "Cuir... tog taigh dhi," ars esan, "agus," ars esan, "bitheadh i," ars esan, "a' cumail tì 's rud dhen t-seòrsa, biadh ri duine sam bith a thig rathad an taighe, airson a chaitheamh-beatha innse gu dè mar a chaidh dha o fad a shaoghail."

Uill, 's e seo an rud a rinneadh. Chuir an rìgh mu dheidhinn an taigh a bha seo a thogail, 's thogadh an taigh. Agus bha notice air a chur suas, a-mach aig an taigh, ag innse carson a bha an taigh, airson gum faigheadh duine sam bith biadh sam bith a dh'iarradh e ann, ach innse dè a' chaitheamh-shaoghail a bh' aige, no gu dè a' chaitheamh-beatha a bh' aige fad an t-siubhail, agus gu dè chaidh e troimhe.

Agus bha iad a-nist, bha mòran dhaoine a' dol ann 's bha iad a' dèanamh... ag innse mar a chaidh iad tron t-saoghal 's mar a thachair riutha 's a h-uile sìon dhen t-seòrsa sin.

Ach cò thàinig ann an seothach ach Dòmhnall. Agus shuidh e thall air sèithear aig bòrd. Agus cha robh e sìon on t-saoghal ach air suidhe nuair a dh'èirich an toddler beag a bha seothach a-null far an robh e, agus chuir e a làmh air a ghlùin.

"A phapaidh, a phapaidh," ars esan.

Agus chuala a mhàthair e, agus ghabh i neònachas nach tuirt e gabadh ri duine riamh ach ris an duine bha seo, ge brith cò... dè an duine a bh' ann. Bha Dòmhnall, bha e ann an deagh aodach 's ann an deagh chumadh. Dh'fhaodadh e sin le chuid airgid.

Agus, uill, dh'innis... dh'fhaighneachd Dòmhnall an robh am pàipear a bha seothach a-muigh an robh e... seadh, an e an fhìrinn a bh' ann. Thuirt i gura h-e, gum faigheadh duine sam bith biadh sam bith a bha a dhìth air, ach e innse gu dè mar a chaidh e tron t-saoghal, no gu dè na cunnartan no gu... an gàbhadh anns an deach e, no gu dè rud a bh' ann.

Agus thòisich Dòmhnall air innse, mar a dh'fhalbh e fhèin 's a chompanach. Agus dh'innis e a h-uile sìon o thùs gu èis, mar a thàinig iad air taigh a' chiad fhuamhaire 's mar a mharbh e e, 's mar a... mar a [?thàinig] e air an dàrna fear. Agus cha robh a chunntais aicese... cha robh a chunntais aicese air ach gur e an oidhche a mharbhadh... a dh'fhàgadh am fuamhaire marbh aig... aig a' ghàrradh, gur e sin an oidhche a rinneadh an cron oirrese.

Agus co-dhiù seothach, ràinig e dìreach gus an do dh'innis e dìreach gun do ràinig e, gun do dh'fhàg e am fuamhaire marbh aig a' ghàrradh agus gun do... gun do thill e air falbh an uair sin, agus gun robh a chompanach a-staigh roimhe.

"Ò seadh," ars ise. "Lean romhad," ars i. "Innis an còrr," ars ise. "Chaidh thu," ars ise, "a-staigh còmhla ri nighean an rìgh."

"Ah uill," arsa Dòmhnall, "tha mi cinnteach gu bheil e a cheart cho math," ars esan, "innse," ars esan.

Uill, dh'innis Dòmhnall.

"Uill," ars ise, "'s tusa athair," ars ise, "mo phàiste."

"Ò tha deagh theansa," arsa Dòmhnall, "gura mi."

Agus cha robh ach an uair sin co-dhiù, ach dh'fhan Dòmhnall an sin, agus phòs e fhèin 's nighean an rìgh. Agus chan eil fhios agamsa co-dhiù fhuair e na rìgh 's gus nach d' fhuair nuair a bhàsaich a h-athair, ach co-dhiù, thill mise dhachaigh 's dh'fhàg mi iad... iad còmhla, agus an aon ghille aca.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill, tha i math, agus a-rithist is math a dh'innis sibh i.

DA: Agus sin agad mar a chuala mise mu Alasdair 's Dòmhnall.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math