Rannsaich

Iasgach chudaigean agus a' dèanamh tàbh.

Fiosraichean
Ceann-latha 04 October 1976
Àireamh a’ chlàir 61097
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.197.B2+198.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.197

Geàrr-chunntas

Iasgach chudaigean agus a' dèanamh tàbh.

Iomradh air iasgach chudaigean air carraigean agus mar a dh'fheumadh iad dithis no triùir airson an tàbh a tharraing a-steach. Bhite a' ciùradh nan cudaigean ann an clèibh anns am biodh connlach agus gan crochadh anns na taighean a-muigh.

Cunntas mionaideach air mar a bhiodh iad a' dèanamh frèam an tàibh le slatan às a' choille. Tha am fiosraiche a' toirt dealbh mhath air an obair, na tòimhsean a bhiodh aca agus na h-ainmean airson gach pìos. Bhiodh lìon air a cheangal am broinn an tàibh agus clach na bhroinn airson a tharraing sìos dhan uisge. Bha cas deich troighean air a dhèanamh bho ràmh.

Rachadh aig aon duine air tàbh obrachadh mura biodh na ghlac iad trom. Bha àiteachan àraidh ann far am biodh iad a' cleachdadh an tàbh. Iomradh mun bhiathadh a bhiodh aca agus mar a bha iad a' cleachdadh an tàibh airson iasg a ghlacadh. B' e iasgach anmoch a b' fheàrr.

Tha am fiosraiche ag aithris rann mu mar a bha a' choimhearsnachd a' gabhail turas mu seach air an tàbh. Tha e cuideachd ag aithris beagan de rannan a rinneadh mu obair an tàibh.

Bhite ag iasgach chudaigean sa gheamhradh agus as t-earrach. Bhite a' sailleadh cuid den iasg.

Notaichean a' Chlàir

A very good description of the tàbh [spoon-net] and fishing.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math