spacer
spacer

Na diofar chosnaidhean aig Mòr Chaimbeul mus do phòs i

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Na diofar chosnaidhean aig Mòr Chaimbeul mus do phòs i
Fiosraichean - Mòr Chaimbeul
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Item Person - Chaimbeul, Mòr

Geàrr-chunntas - Na diofar chosnaidhean aig Mòr Chaimbeul mus do phòs i

Rugadh Mòr Chaimbeul ann an Loch Aoineart ann an Uibhist a Deas agus bha i an sin gus an do thòisich i ga cosnadh aig aois còig no sia bliadhn' deug. Bha i ag obair aon fhoghar ann an Gearraidh Bhailteas agus foghar eile ann an Ormacleit. Ann an Ormacleit, bha i fhèin agus dithis nighean eile a' fuireach anns an àthaidh agus a' toirt am biadh a-steach. Bha i a' toirt a pàigheadh gu lèir dha màthair. Aon turas chùm i not dhi fhèin.

Thairg boireannach à Staoinibrig cosnadh dhi air tìr-mòr. Cha robh i coibhneil ri Mòr air an t-slighe. Thàinig Mòr far na trèana aig stèisean Chlachan an Dìseirt agus chaidh i a dh'obair gu fear MacPhilip. Cha robh e math dhi. Dh'fhuirich i an sin airson sia mìosan agus às dèidh sin bha i ag obair aig duine còir ann an Taigh an Uillt. Bha fiosrachaidhean duilich aice nuair a bha i ag obair do dhuine eile a bha trom air an deoch.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:16:51
Àm Clàraidh - 1967.10
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 61194
Àireamh an Teip Thùsail - SA1967.136
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1967.136
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/61194/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:16:51)
Cluich pàirt 2 (00:04:33)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA