Na diofar chosnaidhean aig Mòr Chaimbeul mus do phòs i
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1967.136
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Na diofar chosnaidhean aig Mòr Chaimbeul mus do phòs i
Rugadh Mòr Chaimbeul ann an Loch Aoineart ann an Uibhist a Deas agus bha i an sin gus an do thòisich i ga cosnadh aig aois còig no sia bliadhn' deug. Bha i ag obair aon fhoghar ann an Gearraidh Bhailteas agus foghar eile ann an Ormacleit. Ann an Ormacleit, bha i fhèin agus dithis nighean eile a' fuireach anns an àthaidh agus a' toirt am biadh a-steach. Bha i a' toirt a pàigheadh gu lèir dha màthair. Aon turas chùm i not dhi fhèin.
Thairg boireannach à Staoinibrig cosnadh dhi air tìr-mòr. Cha robh i coibhneil ri Mòr air an t-slighe. Thàinig Mòr far na trèana aig stèisean Chlachan an Dìseirt agus chaidh i a dh'obair gu fear MacPhilip. Cha robh e math dhi. Dh'fhuirich i an sin airson sia mìosan agus às dèidh sin bha i ag obair aig duine còir ann an Taigh an Uillt. Bha fiosrachaidhean duilich aice nuair a bha i ag obair do dhuine eile a bha trom air an deoch.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Chaimbeul, Mòr
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math