spacer
spacer

Mar a rinn Ruairidh Dòmhnallach air an fhear a bha mosach ri...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a rinn Ruairidh Dòmhnallach air an fhear a bha mosach ri...
Fiosraichean - Mìcheal Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Mar a rinn Ruairidh Dòmhnallach air an fhear a bha mosach ris.

Bha fear anns an Eilean Sgitheanach, Ruairidh Dòmhnallach, a bha beag ach a bha misneachail agus tapaidh. Bha e fhèin agus feadhainn eile a' siubhal airson obair agus stad iad aig taigh airson na h-oidhche. Cha leigeadh na daoine a-staigh idir iad ach fhuair iad a-staigh co-dhiù. Cha robh muinntir an taighe airson biadh a thoirt dhaibh, ach thug Ruairidh agus càch biadh bhuapa. Dh'fhàg iad an ath latha. An ceann bliadhna no dhà thàinig fear don Eilean Sgitheanach a cheannach fiodh, agus bha àite-fuirich a dhìth air. Dh'fhuirich e ann an taigh Ruairidh, ach dh'aithnich Ruairidh e - b' e an duine nach robh airson àite-fuirich a thoirt dha. An ath latha, thug Ruairidh dhan bhàthaich e agus thog e e air ceann ròpa. Thuirt e ris gu robh e air a bhith glè mhosach dha fhèin. Mu dheireadh, leig e air falbh e. Cha do chuir an duine sin duine sam bith eile a-mach às an taigh aige gu bràth.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:12:33
Àm Clàraidh - 1975.07
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 61572
Àireamh an Teip Thùsail - SA1975.112
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1975.112.A1
Càileachd an Fhuaime - Meadhanach Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/61572/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA