Rannsaich

Mar a rinn Ruairidh Dòmhnallach air an fhear a bha mosach ri...

Ceann-latha July 1975
Àireamh a’ chlàir 61572
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.112.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.112

Geàrr-chunntas

Mar a rinn Ruairidh Dòmhnallach air an fhear a bha mosach ris.

Bha fear anns an Eilean Sgitheanach, Ruairidh Dòmhnallach, a bha beag ach a bha misneachail agus tapaidh. Bha e fhèin agus feadhainn eile a' siubhal airson obair agus stad iad aig taigh airson na h-oidhche. Cha leigeadh na daoine a-staigh idir iad ach fhuair iad a-staigh co-dhiù. Cha robh muinntir an taighe airson biadh a thoirt dhaibh, ach thug Ruairidh agus càch biadh bhuapa. Dh'fhàg iad an ath latha. An ceann bliadhna no dhà thàinig fear don Eilean Sgitheanach a cheannach fiodh, agus bha àite-fuirich a dhìth air. Dh'fhuirich e ann an taigh Ruairidh, ach dh'aithnich Ruairidh e - b' e an duine nach robh airson àite-fuirich a thoirt dha. An ath latha, thug Ruairidh dhan bhàthaich e agus thog e e air ceann ròpa. Thuirt e ris gu robh e air a bhith glè mhosach dha fhèin. Mu dheireadh, leig e air falbh e. Cha do chuir an duine sin duine sam bith eile a-mach às an taigh aige gu bràth.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math