Rannsaich

Mac an rìgh a' pòsadh na Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Ceann-latha 1972
Àireamh a’ chlàir 62462
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.129

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.129

Geàrr-chunntas

Mac an rìgh a' pòsadh na Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Bha rìgh ann aig an robh aon mhac ach bhàsaich a bhean. Phòs e a-rithist agus bha triùir mhac aig a bhean, ach bha gràin aca air a' chiad mhac. Bha craobh àraidh anns a' ghàrradh aca air an robh measan luachmhor ach bhite a' goid nam measan gach bliadhna. Ged a chuireadh an triùir mhac bhon dàrna bean ga faire cha robh dol aca air stad a chur air. Chaidh am mac bhon chiad bhean ga faire agus gheàrr e itean bhàrr eun àraidh bho dhùthaich chèin a bha a' tighinn a ghoid nam measan.

Chuireadh an triùir a b' òige a shireadh an eòin ach cha deach leotha agus cha do thill iad. Dh'fhalbh am mac bu shine agus fhuair e an tìr anns an robh an t-eun. Fhuair e obair anns an lùchairt anns an robh an t-eun agus alaire. Fhuair e teicheadh leotha agus le nighean an rìgh agus sheòl e dhachaigh.

Chunnaic e a leth-bhràithrean air an rathad dhachaigh agus thug iad a char às, ga fhàgail às an dèidh, agus sheòl iad leis a' bhàta aige. Bha am fear bu shine airson nighean an rìgh a phòsadh, ach thuirt ise nach pòsadh i airson bliadhna, feuch an tigeadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i. Thill e air latha a' phòsaidh agus fhuair e i. Thill iad gu dùthaich a h-athar.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill nach... nach feuch mi air a... air a' Ghuileagan Faoidhn 's an Tè Bheauty 's am Morgan Eàr?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Glè mhath. 'S toigh leam an stòiridh a tha sin gun teagamh.

DA: An toigh leat i sin?

DE: 'S toigh leam i sin. Siuthadaibh, ma-thà

DA: Uill, ma-thà, chuala mise mar a bha siudach ann rìgh, agus bha e pòsta 's bha aona mhac aige. Agus bhàsaich a bhean an seothach air, a' bhan-righinn, agus phòs e sin a-rithist. Agus bha triùir mhac aige bhon tè mu dheireadh a phòs e. Agus nuair a dh'fhàs iad sin suas a-nist na... gu... thàinig iad gu aois 's a dh'fhàs iad suas, cha robh mòran de mheas còir sam bith air... air a' chiad mhac. 'S ann aige a bhiodh a h-uile h-obair bu mhiosa na chèile a bha mun àite.

Agus bha craobh aig an rìgh, agus bhiodh e a' toirt mòran measan dhith a h-uile bliadhna agus a' dèanamh pàigheadh orra cuideachd. Agus a' bhliadhna a bh' ann a sheothach, an oidhche a bh' ann a sheo, ge brith gu dè thàinig rathad na craoibhe, an làrna-mhàireach cha robh meas air fhàgail oirre nach robh air a fhroiseadh dhith. Agus cha robh fhios, a Dhia, on t-saoghal a-bhos gu dè a dh'èirich dhi.

Ach co-dhiù seothach, chaidh sin seachad. Agus an ath bhliadhna an seo, co-ainm na h-oidhche a rinneadh air a' chraoibh e, thuirt an rìgh ri... ris an fhear bu shine dhe na gillean a bh' aige bhon bhean mu dheireadh, thuirt e rithe:

"Thèid thusa," ars esan, "a-nochd," ars esan, "a dh'fhaire na craoibhe," ars esan, "feuch," ars esan, "am faic thu," ars esan, "gu dè rud, dè rud... an tig sìon sam bith," ars esan, "na comhair," ars esan. "'S ann a' bhliadhna chun a-nochd," ars esan, "a dh'èirich e dhi reimhid," ars esan.

"Thèid," ars esan.

Agus thug e leis claidheamh 's dh'fhalbh e. Agus suas an sin - cha robh e a' faireachdainn sìon - ach suas an sin mu mheadhan-oidhche, dh'fhairich e an fhuaim sgràthail a bha
seo a' tighinn, agus an aon obair 's an aon fhuaim a' tighinn, agus thug e na buinn leis dhachaigh. Agus làrna-mhàireach, nuair a dh'èirich iad, bha a' chraobh air a milleadh air ais.

Ach co-dhiù seothach, an ath bhliadhna seo, co-ainm na h-aon oidhche a bha seothach, thuirt an rìgh ris an fhear bu shi-... bu mheadhanaiche e a dhol a dh'fhaire na craoibhe, agus e feuchainn an dèanadh e a-mach gu dè rud a bha a' tighinn na rathad, no a bha... a bha a' milleadh na craoibhe.

Agus 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Dh'fhalbh an gille, agus mar a thachair dha bhràthair, suas mu mheadhan-oidhche an seothach, dh'fhairich esan an fhuaim a bha seothach a' tighinn. Agus cho luath 's a rinn e riamh, theich e 's dh'fhàg e a' chraobh an siud 's thug e an taigh air. Agus an làrna-mhàireach bha a' chraobh air a milleadh air ais.

Uill, an ceann an treas bliadhna an seothach, chuir e am fear a b' òige dhiubh ann. Agus dh'èirich a leithid eile dhan fhear sin. Dh'fhairich e fhèin an aon fuaim suas mun mheadhan-oidhche a' tighinn, agus thug e fhèin an taigh air. Agus an làrna-mhàireach bha a' chraobh, bha i gun mheasan, air a froiseadh thall 's a-bhos.

Ach co-dhiù seothach, an ath bhliadhna, nuair a thàinig an oidhche a bha seothach, thuirt am fear a bh' aige bhon chiad bhean, thuirt e ris:

"Thèid mise a-nochd," ars esan, "athair," ars esan, "a dh'fhaire na craoibhe," ars esan.

"An-tà, b' fheàrr leam fhìn, a ghràidhein," ars esan "gun rachadh tu sin," ars esan.

"Bha mi," ars esan, "air a dhol ga faire o thoiseach," ars esan, "nam biodh sibh air a h-iarraidh orm," ars esan. "Ach thèid mise a-nochd," ars esan "ga faire," ars esan, "agus bidh fhios a'm," ars esan, "gu dè rud a tha a' tighinn... tha a' tighinn ceàrr air a' chraoibh," ars esan, "mun dealaich mi rithe."

Uill, dh'fhalbh e co-dhiù, 's thug e leis claidheamh. Agus shuidh e aig bonn na craoibhe, agus bha e ann a shin a' feitheamh agus a' feitheamh. Agus suas dìreach mun mheadhan-oidhche, mar a b' àbhaist, dh'fhairich esan an fhuaim a' tighinn. Agus dh'èirich e na sheasamh, agus bha e a' faireachdainn an fhuaim a' tighinn 's bha e ga fhaireachdainn 's bha e a' teannadh air. Agus shaoil leis an seothach gum faca e dùbhradh de rud dorcha a' dol seachad air agus thug e leum suas 's thug e sgrìob dhen chlaidheamh air an rud a bh' ann, agus dh'fhairich e mar gum biodh e a' truiseadh tro itean.

Agus cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù. Dh'fhalbh an rud. Agus nuair a thàinig an latha an seo, thòisich e ri coimhead, agus 's e itean a bh' ann agus thòisich e ri togail nan itean a bh' ann a sheo. Agus cha robh ach glè bheag dìreach air a dhèanamh air a' chraoibh far an deach e seachad oirre dìreach, gun robh an dàrna taobh dhith rud... measan air a chur dhith. Agus thòisich e ri togail nan itean an seo, agus chaidh e an uair sin dhachaigh, agus sheall e na h-itean. Agus cha robh fhios aig duine seothach cò... dè seòrsa itean a bh' ann. Chan fhaca iad a leithidean riamh.

Ach co-dhiù seothach, bha mòran a' tighinn a choimhead nan itean an seothach. Agus thuirt fear an seothach a thàinig gan coimhead, thuirt e gur e... gur e itean ris... de... beothach ris an canadh iad an Guileagan Faoidhn a bh' ann, agus gur ann ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a bha am beothach... an eunlaith seo a' fuireach.

Agus... ach co-dhiù seothach, nuair a chuala an fheadhainn a bh' aige... na gillean a bh' aige on t-seann... on chiad... on bhean mu dheireadh an sin, nuair a chuala iad mu dheidhinn seo, am fear bu shine, dh'fheumadh athair an uair sin bàta agus stòr bliadhna a chur innte dhàsan, agus gum falbhadh e agus gum faigheadh e e.

Uill, fhuair e sin, agus dh'fhalbh e. Uill, ruith a' bhliadhna an seo, 's cha tàinig gabadh air, co-dhiù cà robh e no gun d' fhuair e e no sìon on t-saoghal. Agus 's ann a dh'fheumadh an uair sin an dàrna fear e fhèin tè fhaighinn o athair, agus bàta agus stòr bliadhna a chur innte, agus gum falbhadh e fhèin agus gum faigheadh esan e.

Agus coma leat, rinn e sin. Thug e dha bàta 's dh'fhalbh e. Agus ruith a' bhliadhna seothach, agus cha tàinig gabadh air an fhear seo na bu mhotha.

Agus an ceann an treas bliadhna seothach, dh'fheumadh am fear òg tè fhaighinn, agus fhuair e sin mar a fhuair càch, agus dh'fhalbh e fhèin. Agus an ceann na bliadhna cha tàinig gabadh air a h-aon seach a h-aon aca riamh cò an taobh a ghabh na [?stàraichean] no cà robh iad no sìon.

Agus thuirt an uair sin an gille bu shi-... a bh' aige bhon chiad bhean, thuirt e ris, ri athair:

"Uill, a-nist," ars esan, "bheir sibh dhòmhsa a-nist bàta," ars esan, "mar a thug sibh," ars esan, "a chàch," ars esan.

"Cò," ars... "cò," ars esan, "a tha a' dol a choimhead às a dhèidh seo," ars esan, "nuair a dh'fhalbh càch?"

"Ò," ars esan, "nam biodh càch aig an taigh," ars esan, "chan fhaighinn-sa mòran dhe coimhead às a dhèidh seo idir," ars esan. "Ach bheir sibhse dhòmhsa," ars esan, "bàta," ars esan, "mar a thug sibh," ars esan, "a chàch," ars esan, "agus falbhaidh mise," ars esan, "agus gheibh mi... gheibh mi e," ars esan.

Uill, thug athair dha e co-dhiù, agus dh'fhalbh e.

Agus nuair a ràinig e... mun do ràinig e am baile-puirt thachair an duine a bha seothach ris, agus dh'fhaighneachd e dheth cà robh e a' dol. Agus dh'innis an gille dha mar a bha, mac an rìgh. Agus:

"Uill," ars esan, "thugainn thusa còmhla riumsa," ars esan, "agus gheibh mise bàta dhut," ars esan.

Agus fhuair e seo, saothach. Agus co-dhiù, fhuair iad stòr innte, stòr bliadhna innte, agus dh'fhalbhadh agus thogadh a-mach an saothach a bh' aca, agus thogadh na siùil bhreaca bhaidealach sin, na cruinn fada, fulannach, fiùghaidh. Cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg, [?an lochannach], an fhaochag bheag chrom, chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh.

"Seall suas," ars esan, "gu dè an t-astar a th' air an luing againn," ars esan.

Sheall fear suas an sineach agus thàinig e a-nuas. Thuirt e:

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an sìlean-sìl agus an cochall," ars esan.

"Thoiribh dhi tuilleadh canabhais," ars esan.

Thugadh tuilleadh aodaich dhan luing, agus:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus seall suas dè an t-astar a th' oirre," ars esan.

"Uill," ars esan, "tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i," ars esan, "eadar... eadar lèine-bhàn an uighe agus am plaosg."

"Uill," ars esan, "fàgaidh sinn aig a sin fhèin i."

Ach co-dhiù, fada no goirid gun robh Rìoghachd nam Fear Mòra bhuapa, ge brith gu dè an rìoghachd a bh' ann, ràinig iad. Agus thuirt an duine a bha seothach ris-san - lean e am bàta còmhla riutha, am fear a thachair ris - agus thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "thèid thusa gu tìr," ars esan, "agus," ars esan, "feuch am faigh thu," ars esan, "obair ann a sheo," ars esan, "agus," ars esan, "feuch am faigh thu a-mach," ars esan, "càit a bheil," ars esan, "a leithid a bheothach," ars esan. "Agus a-nist, feuchaidh sinn air dòigh a dhèanamh," ars esan, "air greim fhaighinn air."

Uill, chaidh mac an rìgh air tìr agus bha e... suas, agus mar a chaidh e rathad gach àite chaidh e rathad pàileas an rìgh a bha seothach, agus dè bha a dhìth orra ach grùma, fear airson coimhead às dèidh nan each agus an glanadh agus an stàball, agus... agus dh'fhaighneachdadh dha am fastaidheadh e airson seo. Agus dh'fhastaidheadh. Dh'fhastaidh mac an rìgh aca air a shon seo.

Agus gu dè thachair a bhith anns an stàball a bha seothach ach gur ann ann a sheothach bha an Guileagan Faoidhn a' fuireach aca. Bha fear dhiubh aig an rìgh a bha seothach, agus bha e ann. Agus bha fàlairidh anns an stàball ris an canadh iad am Morgan Eàr. Agus bha nighean... aon nighean aig an rìgh, agus 's e an Tè Bheauty a bh' oirre.

Uill, bha e a-nist ag obair anns an stàball ann a sheo, agus chaidh e sìos chun a' bhàta, agus thuirt an duine seo ris nuair a bha e a' falbh bhon bhàta, thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "a h-uile latha, ma gheibh thu obair," ars esan, "thig thu a-nuas an seo a h-uile feasgar," ars esan, "agus innsidh tu dhuinn," ars esan, "gu dè mar bhios an gnothach a' dol," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Nuair a fhuair e deiseil, chaidh e sìos 's dh'innis e a h-uile sìon, gur ann an seothach... gun robh dìreach an Guileagan Faoidhn ann a sheothach anns an stàball anns an robh e ag obair, agus gun robh nighean ann ris... aig an rìgh agus gur e an Tè Bheauty a theireadh iad rithe, agus gun robh fàlairidh ann 's gur e am Morgan Eàr a bh' oirre.

"Siuthad ma-thà," ars... ars an duine sin ris. "Lean thusa romhad," ars esan, "agus bidh... chì sinn gu dè ghabhas dèanamh," ars esan.

Agus co-dhiù seothach, bha e ag obair 's bhiodh e daonnan... 's e bhiodh a' cur air dòigh a h-uile sìon, a' glanadh an eòin a bha seothach agus a' cìreadh nan each 's a h-uile sìon on t-saoghal, agus bhiodh e a' faicinn na Tè Bheauty bitheanta. Agus bha e glè thoilichte ann. 'S bhiodh e a' dol sìos a h-uile feasgar, ag innse mar bha an rud a' dol.

"Nist," arsa... ars am fear seo ris, "feuch thusa a-nist," ars esan, "oidhche air choreigin," ars esan, "air," ars esan, "an t-eun," ars esan, "a ghoid a-mach," ars esan. "Ach air na chunna tu riamh," ars esan, "feuch," ars esan, "nach buail i sgiath no a ghob anns an doras a' tighinn a-mach no ma bhuaileas... ma bhuaileas," ars esan, "dùisgidh e am baile agus bei-... beirear ort an uair sin," ars esan. "Agus... ach ma bheirear ort," ars esan, "'s gum bi thu," ars esan, "iad a' dol a thoir binn sam bith dhut," ars esan, "can thusa riutha," ars esan, "gun cuala thu daoine ag ràdh," ars esan, "nach fhaca duine sealladh riamh idir a b' àille oidhche bhrèagha gheal ghealaich na am Morgan Eàr agus an Tè Bheauty air a muin agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh a bhith a' gabhail cuairt."

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. An oidhche bh' ann a sheothach co-dhiù, rinn e airson an t-eun agus mar a bha a h-uile car mu [???], nuair a bha e dìreach gus a bhith clìoras an doras bhuail bàrr na sgeithe aige anns a... anns a' bhalla dìreach 's leig e sgiamh às 's dhùisg am baile uile. Cha robh ach a-mach a bha iad à pàileas an rìgh an sin 's rugadh air 's rinn... thugadh chun an rìgh sa mhionaid e. Dh'fhaighneachd an rìgh dheth an ann a' dol a ghoid an eòin a bha e. Thuirt e nach ann, nach robh e a' dol ga ghoid idir.

"Dè a-nist," ars esan, "carson a bha thu ga thoirt a-mach?"

"Innsidh mi sin," ars esan. "Bha feadhainn ag ràdh rium an seothach," ars esan, "nam biodh e fhèin... nam biodh am Morgan Eàr a-mach," ars esan, "agus an Tè Bheauty air a muin agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh, nach fhaca duine sealladh riamh air oidhche bhrèagha ghealaich na b' fheàrr... na bu riochdaile na e."

"Uill, ma-thà," ars esan, "leigidh sinn leat e, ach," ars esan, "feuchaidh sinn sin an toiseach," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinneadh an oidhche a bh' ann a shin fhèin dìreach. Thugadh a-mach am Morgan Eàr agus oidhche bhrèagha shoilleir ann, agus chuireadh an Tè Bheauty air a muin, agus chuireadh an Guileagan Faoidhn air a beulaibh. Agus dh'fhalbh mac an rìgh leatha air... na ceann.

Uill, dh'aidich an rìgh gur e sealladh a bh' ann ceart gu leòr, agus a-mach bhuaithe seo gum biodh e a h-uile h-oidhche a' gabhail... a bhith oidhche... a h-uile oidhche bhrèagha a bhiodh ann, a' gabhail cuairt leotha mar siud.

Agus 's ann mar seothach a bha a-nist. Thòisich e an uair sin na h-oidhcheannan... a h-uile h-oidhche. Agus dh'innis e seothach dhan fhear a bha shìos aig a' bhàta.

"Uill," ars esan, "bheir thusa oidhcheannan," ars esan, "a' dol mar sineach," ars esan, "ach oidhche dhiubh sineach," ars esan, "gabhaidh tu mar seo," ars esan, "agus bidh sinne deiseil air do shon," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. An oidhche a bh' ann a sheo co-dhiù, ghabh e cuairt air falbh timcheall a' bhaile, 's ghabh e cuairt... thug e sìos cuairt rathad a' chidhe, 's bha iad deiseil, 's cha robh ach... am buidheann a chur dhan bhàta, eadar am Morgan Eàr 's an Tè Bheauty 's an Guileagan Faoidhn 's a h-uile duine a bh' ann, 's chàireadh dhan bhàta iad, 's thogadh air falbh.

Uill, dh'fhalbh iad a-nist leis a' bhàta, leis an t-saothach. 'S bha iad a' tighinn. Agus nuair a bha iad seachad... a' tighinn seachad air na Patagonian Isles an sin, thug iad an aire do chruinn saothaichean ann. Agus thuirt mac an rìgh ris an sgiobair e... e a thadhal an seo feuch gu dè na saothaichean a bh' ann. Ghabh e amharas gur e saothaichean a bhràithrean eile a bh' ann.

Agus rinn e sin tadhal ann. Agus chaidh iad air tìr, agus bha iad ann a shin agus iad sin a' cladhach, ag obair air cladhach anns an eilean, ann an eilean a bh' ann a shin. Agus thuirt... dh'fhaighneachd pàileas... an sgiobair aige... aigesan ris, dh'fhaighneachd e dhaibh gu dè bha iad a' cladhach an siud. Thuirt iad gun robh iad a' cladhach an eòin agus gun robh... nach robh iad bhuaithe ach mu obair latha eile.

"Ò cha ruig sibh a leas," ars esan, "a bhith a' cladhach airson an eòin sin," ars esan. "Tha an t-eun sin againn air bòrd," ars esan.

"Chan eil. Chan eil rathad agaibh e a bhith agaibh air bòrd, agus chan eil sinne... cha bhi sinn... bidh sinn aige a-màireach."

"Cha bhi no an-earar," ars... ars an sgiobair, ars esan. "Tha an t-eun ann a shiud air bòrd."

Uill, thug e an sgiobair an dàrna taobh agus dh'fhaighneachd e dheth an e an fhìrinn a bh' aige. Thuirt an sgiobair gura h-e, agus a bharrachd air a sin gun robh nighean an rìgh ann agus... agus beothach ris an can iad am Morgan Eàr. Agus gu dè rinn e ach an sgiobair a bhraoibeadh.

Agus bha esan a-nist, an gille bu... a' chiad ghille a bh' aig an rìgh an sineach, bha e thall a' coimhead na... far an robh iadsan a' cladhach agus na docaichean a bha iad air a dhèanamh 's an ùpraid a bha iad air a dhèanamh. Agus nuair a thill e a-nall, bha na trì... bha na ceithir saothaichean air togail a-mach bho thìr.

Uill, cha robh fhios aige o Dhia gu dè an rud a dhèanadh e an uair sin. Bha biadh... ceart gu leòr bha biadh aca ann, agus bha e ann a shin.

Uill, chaidh iadsan dhachaigh a-nist leis na saothaichean, 's nuair a ràinig iad an seothach, bha am fear bu shine dhe na... dhe na gillean a bh' aigesan on bhean mu dheireadh, bha e airson gum pòsadh e ise, nighean... an Tè Bheauty. Thuirt i ris nach pòsadh i e, gun cuireadh i bliadhna roimhpe nach pòsadh i fear sam bith gus feuch an tigeadh am fear a thug ise air falbh bho taigh a h-athar.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Bha iad a-nist ann a shin. Agus bha esan an uair sin bha e air a dhol fo fheusaig 's fo ghruaig 's fo... Cha robh e ach mar gum biodh biast eile anns an eilean. Agus cha robh... an oidhche a bh' ann a sheothach, suas dìreach mu cheann na bliadhna, bha feasgar brèagha ann agus bha e shìos os cionn a' chladaich. Agus thug e sùil air a' mhuir, agus sh-... shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh air choreigin air a' mhuir nach bu chòir a bhith ann. Agus bha e a' beachdnachadh air agus rinn e a-mach an seothach air gur ann a' teannadh air a bha e. Agus thàinig an seòrsa bàta a bh' ann a sheo. Agus dh'èigh an duine a bha innte, dh'èigh i e dha:

"A bheil thu an sin?"

"Tha," ars esan.

"Nuas an seo gu h-ealamh, ma-thà," ars esan.

Agus chaidh e sìos agus chaidh e dhan bhàta, agus dh'fhalbh am bàta 's thug i a h-aghaidh air falbh.

Uill, ràinig i a-nist, agus thuirt e ris:

"Tha," ars esan, "an tè," ars esan, "a thug thu air falbh," ars esan, "tha i," ars esan, "gus a bhith a' pòsadh a-nochd," ars esan. "Agus còmh-luath," ars esan, "a thèid thu air tìr," ars esan, "theirig," ars esan, "gu seop barbair," ars esan, "agus glan 's cliop 's sèibh thu fhèin," ars esan, "agus theirig an uair sin a seop tàilleir," ars esan, "'s cuir deise ort fhèin. Agus theirig dhachaigh, 's dh'fhaodte gum beir thu orra gun phòsadh fhathast," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù nuair a chaidh e air tìr. Chaidh e suas. Fhuair e sèibh 's fhuair e cliop agus e fhèin a nighe, agus chaidh e gu seop tàilleir an sineach agus fhuair e deise mhath às a sin. Agus dh'fhalbh e agus thug e aghaidh air pàileas athar. Agus bha hall ann a shineach agus bha iad dìreach air cruinneachadh, agus iad gun... bha iad gun phòsadh, agus bha iad cruinn anns a' hall.

Bha ise ann an ceann shuas an àite a bh' ann, i fhèin agus am fear bu shine dhen fheadhainn a bh' aige bhon bhean mu dheireadh. Agus thug i sùil air an doras, agus chunnaic i esan a' tighinn a-staigh. Dh'fhalbh i dìreach na ruith sìos agus chàirich i a dà làimh mu amhaich.

"Tha thusa air tighinn," ars ise, "agus cha phòs mise," ars ise, "fear geal," ars ise, "no... no dubh," ars ise, "gus... on a thàinig thusa," ars ise, "agus," ars ise, "ach pòsaidh mi thusa," ars ise. "'S tu a thug air falbh mi," ars ise, "o thaigh m' athar," ars ise.

Uill, co-dhiù, leigeadh a' bhanais air aghaidh, 's phòs e fhèin agus an Tè Bheauty. Agus bha iad a-nist treis an sineach an dèis pòsadh aig pàileas athar. Agus rinn e sin deiseil, e fhèin 's i fhèin, agus am Morgan Eàr agus an Guileagan Faoidhn, agus dh'fhalbh iad leis a' bhàta cheunda agus chaidh iad gu ruige Rìoghachd nam Fear Mòra, agus bha làmhan sgaoilte romhpa an sin nuair a ràinig iad aig an rìgh, agus e toilichte gun do thill e thuige le a nighean a-rithist agus leis a h-uile sìon a thug e air falbh.

Agus dh'fhàg mise ann a shineach e agus ghabh mi am bàta dhachaigh air ais. Agus sin mar a chuala mise an Guileagan Faoidhn.

DE: Ò uill, 's math a ghabh sibh i cuideachd, a Dhòmhnaill Alasdair.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math