Rannsaich

Iomradh air taighean-tughaidh agus taighean-fiodha ann am Bh...

Ceann-latha March 1965
Àireamh a’ chlàir 62839
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.006.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.006

Geàrr-chunntas

Iomradh air taighean-tughaidh agus taighean-fiodha ann am Bhatarsaigh.

Tha am fiosraiche a' toirt iomradh air dealbh nan seann taighean-tughaidh a bh' ann am Bhatarsaigh. Tha cuimhn' aice fhèin air taighean le teine ann am meadhan an ùrlair. An dèidh nan taighean-tughaidh, bha daoine a' togail thaighean-fiodha. Bhathar a' toirt an fhiodha à Muile.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Bhatarsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Tha... 's bha sibh ag innse dhomh... nist, an innis sibh dhomh a-rithist mu na taighean?

Nan NicFhionghain (NN): Seadh, na taighean fada, fada a bhiodh aca. Bhiodh na taighean aca cho fada, cho fada 's bhiodh dà dhoras orra an coinneamh a chèile.

DE: Seadh, fear air a' chùl 's fear...

NN: Fear air a' chùl 's air an aghaidh, 's bhiodh iad an coinneamh a chèile. Agus bhiodh balla tarsainn ann am feadhainn aca. Agus 's e a' chuid a bha ris a' chùl, 's e an cùl-taigh a bhiodh aca air, agus sin far am biodh iad a' cadal mar bu trice, 's bhiodh na beothaichean a-bhos sa phìos eile dhen taigh.

DE: Agus iad a' tighinn a-staigh air an aon doras, an ann? Na beothaichean.

NN: Seadh, iad a' tighinn a-staigh air an aon doras. Iad fhèin a bhiodh a' tighinn a-staigh air an fhear eile.

DE: Nist, bha sibh a' ràdh rium gum faca sibh fhèin taigh mar seo agus an dà dhoras air, fear air a' chùl 's fear air a' bheulaibh?

NN: Chunnaic. Chunnaic.

DE: 'S an robh mòran dhiubh ann?

NN: Chan fhaca mise ach an t-aon fhear dhiubh. Ach bha feadhainn ann... bha sreath ann dhiubh aig aon àm, feumaidh, anns an àite. Ach on is cuimhnich leamsa cha robh ann ach an t-aon fhear ud air fhàgail.

DE: 'S cà robh seo? Ann an...

NN: Ann an Ceann Tangabhail. Bha e cho fada, fada 's bha dà dhoras air an coinneamh a chèile. 'S ann am meadhan an ùrlair a bha an teine aca. 'S ann an am meadhan an ùrlair a chunnaic... 's ann am meadhan an ùrlair a bha an teine aig a h-uile duine riamh an uair sin. Agus chunna mi taigh eile ann am Brèibhig, uill bha mi nam chnapach an uair sin, bhithinn aon deich bliadhna nuair a chunnaic mi am fear sin, no aona bliadhn' deug. Bha mi a-staigh aca an uair sin, 's tha cuimhn' a'm cho math air an teine am meadhan an ùrlair ann cuideachd. Bha leac mhòr air a cur suas meadhan an ùrlair, 's bha an teine na tacsa. Ach chan eil gin dhiubh sin an làthair an-diugh. Chan eil.

DE: Agus chan fhaca sibh riamh taigh air an robh cùl-taigh mar seo ge-tà?

NN: Chan fhaca mise gin riamh air an robh an cùl-taigh. Chan fhaca. Ach bhiodh e ann air a shon sin uaireigin. Bhiodh e aca.

DE: Agus an robh uinneagan air na taighean a bha seo?

NN: Bha uinneagan beaga. Dìreach, cha robh iad ro mhòr. Cha robh ach uinneagan beaga bìodach orra. Cha robh.

DE: Agus a bheil cuimhn' agaibh an ann gu taobh a-mach a' bhalla a bha an tughadh a' tighinn, air neo gu meadhan a' bhalla?

NN: Gu meadhan a' bhalla. Ach an fheadhainn... na taighean-tughaidh a bhathar a' togail mu dheireadh ann am Barraigh, thall, 's ann a-mach far bàrr a' bhalla a bha an tughadh a' dol. Bha iad sin cho Gallta nuair a thòisicheadh air an togail an toiseach, seadh, na taighean-tughaidh mu dheireadh a thogail ann. Bha iad na bu Ghallta leis na daoine na an fheadhainn a bha iad fhèin a' togail.

DE: Seadh, dìreach. Tha mi cinnteach... 's chan eil còmhnaidh ann an aon taigh-tughaidh am Bhatarsaigh an-diugh tha mi a' creidsinn, a bheil?

NN: Chan eil. Chan eil.

Ealasaid Nic na Ceàrdaich (EN): 'S e am fear mu dheireadh, an taigh a tha shìos aig Beanachan ann a shiud, nach e?

NN: 'S e. Sin am fear mu dheireadh a bh' ann. Am fear a tha shìos air a' Bheanachan ann an seo. Chì sibh an tobhta fhathast ann.

DE: Agus an e taighean-tughaidh a thog iad nuair a thàinig iad à Miughalaigh an toiseach, a h-uile duine?

NN: Uill 's e taigh-tughaidh a thog m' athair-sa sa Chaolas. Shìos sa Chaolas a bha sinn an toiseach. 'S e taigh-tughaidh a bh' againn. Taigh mòr tughaidh a bh' againn, ach 's e taighean-fiodh a bh' aig a' chuid bu mhotha dhe na thàinig dhan a' bhaile sa.

DE: Taighean-fiodh?

NN: Taighean-fiodh, seadh.

DE: Agus ciamar a bha iad sin air an togail?

NN: Cha robh ach... na taighean-fiodh?

DE: Seadh.

NN: Och cha robh ach mar gu... car mar a chì sinn na taighean sa fhèin air an togail. 'S bha iad sin car cho Gallta seach na taighean-tughaidh, a bheil fhios agaibh. Ach bha feadhainn aca a thog taighean-tughaidh cuideachd. No corra fhear. 'S e fìor chorra fhear de thaighean-tughaidh a thogadh.

DE: 'S cha do thogadh taighean-sglèat an uair sin idir?

NN: Ò cha do thog. Cha robh gin de thaighean-sglèat ann nuair a thàinig sinne ann. Cha robh. Bha iad air tòiseachdainn air an fheadhainn sa a thogail air a... taigh Mhìcheil Dhòmhnaill sa thall, 's taigh...

EN: An taigh againn.

NN: An taigh agaibhse thall ann a shiud, a Lisy.

DE: Agus trobhadaibh, nuair a thuirt sibh taighean-fiodh, an e ballachan fiodh a bha riutha cuideachd?

NN: 'S e. Bha iad air an dèanamh air fiodh air fad.

DE: Agus an ann dhachaigh a bha iad a' tarraing an fhiodh a bha seo?

NN: 'S ann. Bha iad a' faighinn an fhiodh dhachaigh. Bha na marsantan a' faighinn an fhiodh dhachaigh dhaibh.

DE: Cuin a bha còmhnaidh ann am fear dhiubh sin mu dheireadh, a bheil cuimhn' agaibh?

NN: Anns na taighean-fiodh? Tha mi cinnteach gun robh... gun robh sinn fhìn air feadhainn mu dheireadh a bh' anns na taighean-fiodh, an taigh-fiodh. Tha dìreach mu naoi bliadhna fichead ann on a dh'fhàg sinne am fear... an taigh-fiodh anns an robh sinn fhìn.

DE: Agus an e tughadh a bh' orra?

NN: Ò chan e, chan e, ach fiodh a bh' air a' mhullach aca cuideachd, 's felt 's iad air an tearradh. Am mullach aca iar an tearradh.

[Stad sa chlàradh an seo.]

DE: Seadh Nan, bha sibh a' ràdh gum biodh iad a' dol a Mhuile a dh'iarraidh...

NN: A dh'iarraidh coille airson fiodh? Bhitheadh. Bhiodh iad a' dol a Mhuile leis na sgothan a ghearradh coille, airson cabair airson nan taighean, ceanglaichean, agus cabair eile a rachadh air mullach nan taighean. Fhios agaibh, cha robh fiodh anns an h-àiteachan a bha seo ann, aig an àm a bha siud. Cha robh.

DE: Ach tha treis mhòr o sguir iad?

NN: Ò tha suas ri dà cheud bliadhna ann, tha mi a' creidsinn. Chuala mi iad ag ràdh aon uair, 's e bean Mhìcheil Eachainn sa thall an sin a chuala mi ag ràdh, bha i ag ràdh gun robh a seanair am Muile triop. Bha iad a' gearradh coille airson mullach nan taighean, agus thàinig tarbh mosach às an dèidh. B' fheudar dhaibh dèanamh air an sgothaidh. 'S bha i ag ràdh gun robh a seanair ag ràdh gun robh e a' snàmh às dèidh na sgotha, gun do shnàmh e pìos às dèidh na sgotha a bh' aca.

DE: Nach e a ghabh a' ghràin orra, chanainn.

NN: Fear mosach a bh' ann. Sin agaibh a-nist.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math