Sgeulachd mu theaghlach bochd a dh'fhàg an gille a b' òige a...

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 63301
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.187.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.187

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu theaghlach bochd a dh'fhàg an gille a b' òige air a' mhòintich airson bàsachadh. Shàbhail an cù aige e agus thog a sheanmhair e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall MacIllEathain (DM): Uill, tha mi a-nist... Chuala mi i seo 's chan eil i ach goirid. Ach co-dhiù thachair a leithid gu nach... Tha seòrsa de chuimhn' a'm air mar a dh'innseadh dhomh e.

Bha teaghlach ann agus bha an gille a b' òige, tha... cha robh... bha... bha an t-acras orra co-dhiù mar is minig a bha. Agus bha iad... 's ann a thuirt iad riutha fhèin gun toireadh iad a-mach an gille dhan mhonadh. Agus bha cù beag aca cuideachd, agus bhiodh an cù an-còmhnaidh a' falbh às dèidh a' ghille a bha seo, an gille òg. Agus 's ann a thuirt iad riutha fhèin, fhios agad, 's ann a bha iad a' dol a leigeil leis bàsachadh. Agus thug iad a-mach e air beul oidhche no rudeigin agus aran 's feòil còmhla ris. Agus dh'fhuirich iad gu an do chaidil e, 's cheangail iad an cù a-staigh. Cha do leig iad a-mach an cù còmhla ris idir.

'S nuair a dhùisg esan, tha e coltach... cha robh sgeul aige air duine, 's 's ann a thòisich e air rànaich 's air rànaich 's air rànaich. 'S chùm e roimhe mar gum biodh tarsainn a' mhonaidh 's gun fhios aige cà robh e a' dol. Agus tha e coltach gun robh an t-àite uabhasach fhèin pailt le madaidhean-allaidh. Agus bha e gan cluinntinn an siud 's an seo air gach taobh dheth 's... Co-dhiù, dh'fhairich e seo, ma b' fhìor, fear aca dìreach ga bhualadh suas. Chuir e a dhà spòg air a ghualainn. 'S nuair a sheall e, nuair a thug e sùil timcheall, dè bh' aige ach an cù. Fhuair an cù a-mach air dhòigh air choreiginich às an taigh 's lean... fhuair an cù a-mach. Lean an cù e. 'S tha e coltach gur e an cù a shàbhail e air na madaidhean-allaidh.

Ach chunnaic e seo, an dèidh dha a dhol pìos math dhen mhonadh, chunnaic e solas beag à taigh. Agus rinn e dìreach, man tuirt iad, air an t-solas. Agus nuair a chaidh e a-staigh cha robh san taigh ach cailleach.

Dh'fhaighneachd i dha cò às a thàinig e. 'S bha e cho dona... Bha e an dèidh a leithid a dhamaiste fhaighinn 's a rànaich 's bha an tùchadh air 's a h-uile sìon 's cha b' urrainn dha innse ro mhath cò às a thàinig e, ach gun do dh'fhaighneachd i seo dha gu dè an t-ainm a bh' air, 's dh'innseadh e... dh'innseadh e gur e a leithid seo a dh'ainm a bh' air a... air athair no rudeigin mar sineach. Agus, tha... cò a bh' aige ach a sheanmhair, ge brith gu dè mar a dh'amais... a dh'amais e air taigh a sheanmhar. Agus, ò, uill, tha iad a' ràdh gu bheil e anns an stòiridh gun do chuir i uisge blàth air a chasan 's gun do ghabh i aige gu math, 's gun do chùm i còmhla rithe fhèin e, mar gum biodh, an còrr dhen ùine tuilleadh, gun do dh'fhàs e suas na fhireannach mòr, agus gum faca iad, ge be dè mar a fhuair iad a-mach sin ùineachan 's cian às a dhèidh sin, gu... Tha mi a' smaoineachadh gun robh còigear no shianar bhràithrean aige. Thàinig iad chun an taighe agus iad ann an droch aodach 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin.

Agus tha e coltach gur e... ge brith gu dè mar a dh'amais càch air taigh an seanmhar, tha... tha mi a' smaoineachadh gun tug ise an aire dhaibh, no gun do chuidich i iad às a dhèidh sin. Agus ma bha an còrr anns an stòiridh tha mise air a dìochuimhneachadh. Tha a leithid a dh'ùine o chuala mi i.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò, glè mhath. Agus...

DM: Cha chuala thu i siud riamh.

DE: Cha chuala mi riamh i sin, a Dhòmhnaill. Agus trobhadaibh, 's ann aig do sheanmhair a bha i...

DM: 'S ann. 'S ann aig mo sheanmhair a chuala mi siud. 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math