Rannsaich

Deoch-slàinte Ghlinne Garadh

Ceann-latha 02 December 1966
Àireamh a’ chlàir 64919
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.107

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.107

Geàrr-chunntas

Deoch-slàinte Ghlinne Garadh, le Iain Mac Ailein, bàrd Thighearna Cholla. Tha Iain Mac Ailein a' cur Ghlinne Garadh os cionn nan Gàidheal uile (nam measg Tighearna Cholla).

"Deoch-slàinte 'n Alasdair Ghlinnich
Sìol nan comhspunn [?] a bha fiùghanach [?], fuasgailteach,
cruadalach, smiorail
's nach gabhadh ro nàmhaid iomain
ach bu dùthchas ceum an t-slinnein
's faodaidh mi ràitinn 's cha bharail
gur e rìgh nan Gàidheal uil' thu
's chan eil coimeas de Ghleanna Garadh
's da chuid Ghàidheal on a chaochail
Fionn Mac Cùmhail 's a laoch àghmhòr"

'S e gun do chuir e Gleanna Garadh os a chionn a thug air Tighearna Cholla Iain 'ic Ailein a chur a-null a dh'Ameireaga. Chuala Gleanna Garadh mar a thachair agus chuir e fios a dh'ionnsaigh Iain 'ic Ailein ag ràdh "ma thig thu air ais, comhla rium fhìn, pàighidh mi t' fharadh air ais". Chuir Iain Mac Ailein fios gun tigeadh, ach mus do ràinig an fhreagairt aige, bha Gleanna Garadh marbh.

Notaichean a' Chlàir

Recorded between 2-5 December 1966. 1 verse recited and then sung.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Iain 'ic Ailein (Bàrd Thighearna Cholla)

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Cola

Eilean - Cola

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Tiriodh

Eilean - Tiriodh

Baile/Àite - Cùiltean Haoidhnis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math