spacer
spacer

Deoch-slàinte Ghlinne Garadh

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Deoch-slàinte Ghlinne Garadh
Fiosraichean - Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis
Item Person - Iain 'ic Ailein (Bàrd Thighearna Cholla)

Geàrr-chunntas - Deoch-slàinte Ghlinne Garadh, le Iain Mac Ailein, bàrd Thighearna Cholla. Tha Iain Mac Ailein a' cur Ghlinne Garadh os cionn nan Gàidheal uile (nam measg Tighearna Cholla).

"Deoch-slàinte 'n Alasdair Ghlinnich
Sìol nan comhspunn [?] a bha fiùghanach [?], fuasgailteach,
cruadalach, smiorail
's nach gabhadh ro nàmhaid iomain
ach bu dùthchas ceum an t-slinnein
's faodaidh mi ràitinn 's cha bharail
gur e rìgh nan Gàidheal uil' thu
's chan eil coimeas de Ghleanna Garadh
's da chuid Ghàidheal on a chaochail
Fionn Mac Cùmhail 's a laoch àghmhòr"

'S e gun do chuir e Gleanna Garadh os a chionn a thug air Tighearna Cholla Iain 'ic Ailein a chur a-null a dh'Ameireaga. Chuala Gleanna Garadh mar a thachair agus chuir e fios a dh'ionnsaigh Iain 'ic Ailein ag ràdh "ma thig thu air ais, comhla rium fhìn, pàighidh mi t' fharadh air ais". Chuir Iain Mac Ailein fios gun tigeadh, ach mus do ràinig an fhreagairt aige, bha Gleanna Garadh marbh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:03:41
Àm Clàraidh - 1966.12.02
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Òran, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 64919
Àireamh an Teip Thùsail - SA1966.107
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1966.107
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
  Paraiste - Tiriodh
  Eilean - Tiriodh
  Baile/Àite - Cùiltean Haoidhnis


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
  Paraiste - Cola
  Eilean - Cola

Notaichean a' Chlàir - Recorded between 2-5 December 1966. 1 verse recited and then sung.

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/64919/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA