Rannsaich

Mac Iain 'ic Sheumais agus Blàr Chàirinis.

Ceann-latha November 1966
Àireamh a’ chlàir 65341
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.068

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.068

Geàrr-chunntas

Mac Iain 'ic Sheumais agus Blàr Chàirinis.

Thàinig na Hearaich a Phort nan Long le bàta. Chuala muime Mhic Iain 'ic Sheumais gun robh iad air an t-slighe agus rinn i èigh. Bha Mac Iain 'ic Sheumais agus a shaighdearan air fadhail Ghramasdail agus chuala iad i. Rinn iad cabhag agus thòisich am blàr eatorra fhèin agus na Hearaich ann an Càirinis. Tha suidheachadh Fèith na Fala air a mhìneachadh. Theich Dòmhnall Glas. Dh'fhalbh saighdear Mhic Iain 'ic Sheumais às a dhèidh agus mharbh e e. Canar Lag mhic Dhòmhnaill Ghlais ris an àite. Tha am fiosraiche eòlach air far a bheil an uaigh aige. Sgap na Hearaich.

Goirid às dèidh sin chaidh Mac Iain 'ic Sheumais agus a shaighdearan fhuadach a-mach às a' Chuan Sgìth. Chaidh iad air tìr anns na Hearadh. Fhuair iad cuireadh bho Dhòmhnall Hearach gu cuirm. Dh'fheuch e ri an deoch a chur air Mac Iain 'ic Sheumais agus a dhaoine. Nuair a thàinig an oidhche, chaidh Mac Iain 'ic Sheumais agus a dhaoine a chadal dhan t-sabhal. Dh'fheuch na Hearaich ri am bàta aca fhuasgladh bhon acair. Thug fear às na Hearadh rabhadh do Mhac Iain 'ic Sheumais gum bu chòir dhaibh falbh, agus theich iad. Chuir na Hearaich an sabhal na theine.

Rinn pìobaire le Mac Iain 'ic Sheumais am port 'Dubh-shùithe air MacLeòid'.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall mac Iain 'ic Sheumais

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Càirinis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math