Fiosrachadh air banais àraid agus bainnsean san fharsaingeachd.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1968.176
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fiosrachadh air banais àraid agus bainnsean san fharsaingeachd.
Tha Curstaidh Pheatarsan ag ràdh gu bheil i 84 bliadhna a dh'aois. Bha i 24 nuair a phòs i ann an 1907. Mus robh a' bhanais ann bha an còrdadh, le na dlùth-chàirdean air an cruinneachadh airson teatha agus dramaichean ann an taigh a màthar. Bha rèiteach ann an uair sin. Chaidh iad a-mach a dh'fhiathachadh air an Disathairne ron bhanais. Fhuair a h-uile taigh ann an Beàrnaraigh fiathachadh. Thàinig boireannaich le tòrr chearcan an latha ron bhanais agus bha iad gan spìonadh anns a' bhàthaich. B' e 'banais-chearc' a chanadh iad ris a sin. Phòs i anns an taigh. Bha a' mhòr-chuid a' pòsadh anns an eaglais. Tha i a' bruidhinn mun an aodach a bh' oirre agus mun a' bhiadh a bha aca. Bha sia galain uisge-bheatha aca, agus thug mòran dhaoine tuilleadh leotha.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Pheatarsan, Curstaidh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Na Hearadh
Eilean - Beàrnaraigh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Meadhanach Math