Rannsaich

Mar a fhuair Dòmhnall an Òir ainm.

Ceann-latha 01 May 1970
Àireamh a’ chlàir 65684
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.86.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.086

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Dòmhnall an Òir ainm.

Chaidh Dòmhnall an Òir agus balach eile a-mach a dh'iasgach oidhche. Chunnaic iad bàta-seòlaidh am measg sgeirean. Chaidh fear dhiubh air bòrd airson an cuideachadh gu sàbhailteachd. Dh'fhalbh am bàta leis a' bhalach na broinn. Thug iad air obair gu math cruaidh. Chaidh am balach eile dhachaigh agus dh'innis e mar a thachair. Chaidh a' chiad fhear a chur air tìr ann an Astràilia. Cha robh Beurla aige, ach dh'innis e dha fear aig a' chidhe aig an robh Gàidhlig mar a thachair dha. Cheannaich luchd oifis a' phuirt aodach dha. Thug iad air sgiobair a' bhàta am balach a phàigheadh le òr agus a thoirt dhachaigh. 'S e seo a dh'fhàg Dòmhnall an Òir air.

Chuala am fiosraiche an naidheachd aig Donnchadh Camshron. 'S ann à Eilean Idhe a bha Dòmhnall an Òir. 'S e athair no seanair bean Chaluim Bhig Chaluim mhic Ruairidh a bh' ann.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall an Òir

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math