Rannsaich

An Àm Bhith Fàgail Ghlaschu

Luchd-clàraidh
Ceann-latha July 1977
Àireamh a’ chlàir 66530
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.181.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.181

Geàrr-chunntas

Òran seòlaidh/òran cianalais. Tha seòladair cianail a bhith a' fàgail Ghlaschu (Abhainn Chluaidh) agus a' cur cùl ri leannan. Tha e air a bhith a' fulang le cianalas, tha fhalt air liathadh agus tha caochladh air tighinn air a shnuadh on a dh'fhàg e Uibhist airson obair fhaighinn. Tha e a-nis air àrd a' chuain, a' cur cùlaibh ri Ceann Èireann 's a' dèanamh air Buenos Aires thall. Tha e ag ainmeachadh cuid de na seòladairean eile air bòrd; 's ann à Uibhist a tha iadsan cuideachd agus tha e a' còrdadh ris a bhith a' cluinntinn fuaim na Gàidhlig 's iad gu h-àrd air bàrr nan crann.

Tha am fiosraiche ag innse gun do dh'ionnsaich e an t-òran bho Fhlòraidh NicLeòid a bha a' fuireach ann an Glaschu 's a bha pòsta aig fear Aonghas MacAonghais à Slèite.

Notaichean a' Chlàir

Four verses.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math