spacer
spacer

Prògram Choinnich

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Prògram Choinnich
Fiosraichean - Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart
Luchd-clàraidh - Coinneach MacÌomhair

Geàrr-chunntas - Tha dealbh-chluich ùr ga thaisbeanadh a tha stèidhichte air eachdraidh treubh dùthchasach an Sierra Nevada, an Kogi.

Is e Domhnall Uilleam Stiùbhart a sgrìobh an dealbh-chluich 'Gold' agus tha e ga thoirt timcheall na dùthcha leis a' bhuidheann State Theatre Dance Company. Tha an dealbh-chluich stèidhichte air eachdraidh treubh dùthchasach, an Kogi, à sgìre Sierra Nevada ann an Colombia. Nuair a thàinig na Spàinntich ann bho chionn 500 bliadhna rinn iad tràillean de na Kogi agus chuireadh gu obair iad air àiteachaidhean siùcair gus mu dheireadh rinn iad ar-a-mach. Chaidh iad a dh'fhuireach air slèibhtean beinn Sierra Nevada far nach do ghabh iad gnothach ri daoine geala airson cha mhòr an ath 400 bliadhna. Anns an dealbh-chluich tha Domhnall Uilleam Stiùbhart a' feuchainn ri seòrsa coimeas a dhèanamh eadar na dh'fhuiling na Kogi agus na dh'fhuiling na Gàidheil.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:06:39
Àm Clàraidh - 1995.08.22
Àm Craolaidh - 1995.08.22
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Rèidio
Cruinneachadh - BBC

Àireamh a' Chlàir - 6750
Àireamh an Teip Thùsail - Program Choinnich 22.08.1995
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - DAT



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Ros is Cromba
  Paraiste - Steòrnabhagh
  Eilean - Leòdhas
  Baile/Àite - Steòrnabhagh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/6750/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA