Prògram Choinnich
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Tha dealbh-chluich ùr ga thaisbeanadh a tha stèidhichte air eachdraidh treubh dùthchasach an Sierra Nevada, an Kogi.
Is e Domhnall Uilleam Stiùbhart a sgrìobh an dealbh-chluich 'Gold' agus tha e ga thoirt timcheall na dùthcha leis a' bhuidheann State Theatre Dance Company. Tha an dealbh-chluich stèidhichte air eachdraidh treubh dùthchasach, an Kogi, à sgìre Sierra Nevada ann an Colombia. Nuair a thàinig na Spàinntich ann bho chionn 500 bliadhna rinn iad tràillean de na Kogi agus chuireadh gu obair iad air àiteachaidhean siùcair gus mu dheireadh rinn iad ar-a-mach. Chaidh iad a dh'fhuireach air slèibhtean beinn Sierra Nevada far nach do ghabh iad gnothach ri daoine geala airson cha mhòr an ath 400 bliadhna. Anns an dealbh-chluich tha Domhnall Uilleam Stiùbhart a' feuchainn ri seòrsa coimeas a dhèanamh eadar na dh'fhuiling na Kogi agus na dh'fhuiling na Gàidheil.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math