Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 24 August 1995
Àireamh a’ chlàir 6790
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 24.08.1995

Geàrr-chunntas

Dealbh-chluich mu dheidhinn pìos tartain a dh'fhàg am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart.

Bidh clann à sgoiltean na Hearadh a' toirt dealbh-chluich mu dheidhinn pìos tartain a dh'fhàg am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart ann an Sgalpaigh chun an àrd-ùrlair. 'S e Bill Lawson a sgrìobh an dealbh-chluich agus bidh e air a shealltainn an ath oidhche ann an Ionad Coimhearsnachd an Tairbeirt. Nochd am pìos tartain seo aig Colaiste Stonyhurst ann an Sasainn agus thathas a' cumail a-mach gun deach fhàgail le fear-taca Sgalpaigh, Dòmhnall Caimbeul, nuair a bha e air aoigheachd aige agus e a' feuchainn ri long fhaotainn air ais don Fhraing an dèidh Blàr Chùil Lodair. Tha bean an sgrìobhadair agus nighean-sgoile a bhios a' gabhail pàirt san dealbh-chluich a' bruidhinn mu dheidhinn.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math